FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Argyll Earra-Ghàidheal

O chionn bhliadhnaichean, rinn mi prògraman rèidio air eileanan beaga

Audio is playing in pop-over.

Earra-Ghàidheal

O chionn bhliadhnaichean, rinn mi prògraman rèidio air eileanan beaga ann an Earra-Ghàidheal. Chaidh mi a Ghiogha, Ulbha, na h-Eileanan Treisnis, Colasa agus Lios Mòr. Chòrd iad uile rium. Bha iad uile brèagha. Bha na daoine orra laghach. Ach chòrd aon eilean rium gu h-àraidh – Lios Mòr.

Thug Dòmhnall MacIlleDhuibh taic mhòr dhomh. Tha Dòmhnall à Lios Mòr. Tha e air a bhith a’ fuireach ann fad a bheatha. Tha fìor dheagh Ghàidhlig aige. Agus tha e fiosrachail mu eachdraidh an eilein.

Sgrìobh Dòmhnall leabhar mu dheidhinn Lios Mòr. Tha e dà-chànanach. ’S e an t-ainm air an leabhar Sgeul no Dhà às an Lios/A Tale or Two from Lismore.

Tha Dòmhnall ag innse mu Naomh Moluag. Bha Moluag cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Bha e beò aig an aon àm ri Calum Cille. A rèir beul-aithris bha an dà naomh air Lios Mòr còmhla. Thuirt Calum Cille, “An e seo an Gàrradh Mòr?”

Fhreagair Moluag, “’S e Lios torrach a tha an seo.” Fhuair an t-eilean ainm mar sin. Lios Mòr. Bha Moluag na anam-charaid don eilean. Anam-charaid – a soul friend. Fhuair Moluag foghlam ann am Manachainn Bheanachair. Tha Beanachar, no Bangor, ann an ceann a tuath na h-Èireann.

Thàinig e gu cladach Lios Mòr. ’S e Port Moluag an t-ainm air an àite. Tha allt ann. Aig an allt bha craobhan feàrn’ a’ fàs. Agus tha craobhan feàrn’ ann fhathast.

Stèidhich Moluag manachainn ann an Ros Mhaircnidh. Stèidhich e manachainn eile aig Mortlach ann am Moireibh.

Stèidhich feadhainn eile àiteachan Crìosdail ann an ainm Mholuaig – ann am Muile, Tiriodh, Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach. Tha teampall a tha a’ comharrachadh Mholuaig ann an Nis, ann an ceann a tuath Leòdhais.

Chaochail Moluag anns a’ bhliadhna còig ceud, naochad ’s a dhà (592). Tha cuid ag ràdh gun robh e air a thiodhlacadh ann an Àird Chlach faisg air Eilginn. Tha Dòmhnall a’ sgrìobhadh gun do “dh’fhalbh ceithir air fhichead de ghillean làidir Liosach”. Thug iad an naomh dhachaigh a Lios Mòr. Bha e air a thiodhlacadh anns an eilean. Sia ceud bliadhna às dèidh sin, chaidh Àrd-eaglais Earra-Ghàidheal a thogail anns an aon àite.

An Litir Bheag 84 An Litir Bheag 84 An Litir Bheag 86 An Litir Bheag 86

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!