Bha mi ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu o chionn ghoirid. ’S e àite math a th’ ann. Tha an sgoil goireasach. Tha àrd-sgoil innte. Bidh cothrom aig
sgoilearan foghlam Gàidhlig fhaighinn bho aois trì gu ochd-deug. Bha e math a bhith anns an sgoil. Bha a’ chlann agus luchd-obrach na h-oifis a’ bruidhinn
ri chèile ann an Gàidhlig.
Tha seo a’ tachairt ann am baile mòr air a’ Ghalltachd. Tha Comhairle Baile Ghlaschu taiceil don chànan. Meal an naidheachd orra. Ach càite a bheil an
àrd-sgoil Ghàidhlig air a’ Ghàidhealtachd? Càite a bheil an àrd-sgoil Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar? Chan eil iad ann. Tha Glaschu air thoiseach orra.
A bheil suidheachadh na Gàidhlig ag atharrachadh a-rithist? A bheil i a’ crìonadh air a’ Ghàidhealtachd is a’ fàs anns na bailtean mòra? ’S dòcha.
Ach tha coimhearsnachd Ghàidhlig air a bhith ann an Glaschu airson ùine mhòr. Agus chan e Glaschu an aon bhaile mòr a tha mar sin.
Ann am Beal Feirste, tha coimhearsnachd ann de luchd-labhairt Gàidhlig na h-Èireann. Ach chan e rud ùr a th’ ann. Anns an naoidheamh linn deug bha
coimhearsnachd Ghàidhealach ann.
Thuirt daoine na Fadgies riutha. Thàinig am facal sin bho Pháidí – an t-ainm Paddy nuair a bhios duine a’ bruidhinn ris – “a Pháidí”. Bha
na Gàidheil sin à baile beag air bruach Loch Cairlinn. ’S e Loch Cairlinn loch mara gu deas air Beal Feirste. Carlingford Lough ann am Beurla. ’S
e Ó Méith an t-ainm air a’ bhaile.
Bha na daoine à Ó Méith an sàs ann am malairt. Bha iad a’ reic èisg is glasraich is rudan eile. Bha iad a’ fuireach còmhla anns an aon sgìre de Bheal
Feirste. Bha iad a’ bruidhinn Gaeilge ri chèile.
Dh’ionnsaich Seán Mac Maoláin Gaeilge bhuapa. Rinn Seán mòran airson a’ chànain ann am Beal Feirste.
Dh’fhalbh coimhearsnachd nam Fadgies. Bha sin aig deireadh an naoidheamh linn deug. Chaidh Oifis Mhòr a’ Phuist a thogail far an robh iad a’
fuireach. An-diugh, tha Gàidhlig na h-Èireann a’ fàs nas làidire ann am Beal Feirste. Ach tha i lag lag ann an Ó Méith. Tha mi an dòchas nach tachair an
aon rud ann an Alba, le Gàidhlig beò ann an Glaschu agus marbh anns na h-Eileanan Siar.