Foirgheall Obar Bhrothaig
Happy New Year [to you]. I’m going to start with a question. Who is the
Scottish king who is named in the Magna Carta – the important English
document? The answer is – King Alexander II or Alexander son of
William, son of Henry, son of David. He ascended to the throne in 1214.
He took a Scottish army with him across the English border to help the
English nobles against King John. He was hoping to gain land in
England.
It didn’t happen, however. Things changed politically in England.
Alexander returned home without a prize. He turned his attention then
to the Scottish lands that were controlled by the Norse. He was
campaigning against the Norse when he died on [the island of] Kerrera,
near Oban in 1249.
When Alexander was in England, the nobles of England and King John came
together to write the Magna Carta – a document that established the
rights of the barons. And Alexander is named in it.
I was thinking of the Magna Carta because my attention was on another
document – The Declaration of Arbroath. Among the people of Britain,
the Magna Carta is known. Even in Scotland, the Declaration of Arbroath
is not as well known.
But I expect that to change this year. The seven hundred years since
the Declaration of Arbroath was sent to the Pope in Avignon will be
commemorated. I hope that it will be as well known as the Magna Carta
before the year is out.
And why wouldn’t it be? We have no more important declaration. It
stands as a presentation of freedom and independence. And it proves
that the Scots considered that a king only reigned with the permission
of the people.
In Arbroath, much will be happening as a commemoration of it. I’d be
surprised if there weren’t an American or two present. Some people consider
the Declaration of Arbroath to be among the documents on which the American
Declaration of Independence was based.
The Declaration of Arbroath
Bliadhna Mhath Ùr dhuibh. Tha mi a’ dol a thòiseachadh le ceist. Cò an Rìgh
Albannach a tha air ainmeachadh anns a’ Mhagna Carta – an
sgrìobhainn chudromach Shasannach? ʼS e am fuasgladh – Rìgh Alasdair II no
Alasdair mac Uilleim ʼic Eanraig ʼic Dhaibhidh. Ghabh e an rìgh-chathair
ann an dà cheud deug is ceithir-deug (1214). Thug e armailt Albannach leis
thar crìoch Shasainn airson taic a thoirt do na h-uaislean Sasannach an
aghaidh Rìgh Iain. Bha e an dòchas fearann fhaighinn ann an Sasainn.
Cha do thachair e, ge-tà. Dh’atharraich cùisean gu poilitigeach ann an
Sasainn. Thill Alasdair dhachaigh gun duais. Thug e sùil an uair sin air na
tìrean Albannach a bha fo smachd nan Lochlannach. Bha e ag iomairt an
aghaidh nan Lochlannach nuair a chaochail e ann an Cearrara, faisg air an
Òban, ann an dà cheud deug, ceathrad ʼs a naoi (1249).
Nuair a bha Alasdair ann an Sasainn, thàinig uaislean Shasainn agus Rìgh
Iain còmhla airson am Magna Carta a sgrìobhadh – sgrìobhainn a bha
a’ daingneachadh chòraichean nam baran. Agus tha Alasdair air ainmeachadh
ann.
Bha mi a’ beachdachadh air a’ Mhagna Carta oir bha m’ aire air
sgrìobhainn eile – Foirgheall Obar Bhrothaig –The Declaration of Arbroath. Am measg muinntir Bhreatainn, tha am Magna Carta aithnichte. Eadhon ann an Alba, chan eil Foirgheall
Obar Bhrothaig cho aithnichte ris.
Ach tha dùil agam gun atharraich sin am-bliadhna. Bithear a’ comharrachadh
seachd ceud bliadhna on a chaidh Foirgheall Obar Bhrothaig a chur don Phàp
ann an Avignon. Tha mi an dòchas gum bi e a cheart cho aithnichte ris a’ Mhagna Carta mus bi a’ bhliadhna a-mach.
Agus carson nach bitheadh? Chan eil foirgheall nas cudromaiche againn. Tha
e a’ seasamh mar thaisbeanadh de shaorsa is neo-eisimeileachd. Agus tha e
a’ dearbhadh gun robh na h-Albannaich dhen bheachd gun robh rìgh a’
riaghladh a-mhàin le cead an t-sluaigh.
Ann an Obar Bhrothaig, bidh tòrr a’ dol mar chuimhneachan air. Cuiridh e
iongnadh orm mura bi Ameireaganach no dhà an làthair. Tha cuid dhen bheachd
gun robh Foirgheall Obar Bhrothaig am measg nan sgrìobhainnean air an robh
Foirgheall Neo-eisimeileachd nan Stàitean Aonaichte stèidhichte.