An toigh leibh coin? A bheil fios agaibh cò às a thàinig am facal Beurla beagle? An t-seachdain sa chaidh thug sinn sùil air an leabhar le
Teàrlach MacAoidh – The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe. Bha beachd aig Teàrlach air iomadach facal. Bha beagle am
measg nam faclan sin.
Dè tha na faclairean ag ràdh? Chan eil iad cinnteach cò às a thàinig am facal. ’S dòcha bhon Fhraingis. Ach tha MacAoidh ag ràdh gun tàinig e bhon
Ghàidhlig. Beag agus sùil – beag-shùil – beagle, “a dog with small eyes”.
Agus dè mu dheidhinn begin? A rèir MhicAoidh, thàinig e bho – bith (“life”) agus gin (“to procreate, produce”). Bith-gin.
Agus tha am facal bin aige cuideachd. ’S e facal mith-chainnteach a th’ ann. Tha e a’ ciallachadh “pòcaid le airgead ann”. Tha mi a’ dol a
leughadh seo ann am Beurla – mar a sgrìobh MacAoidh e. Tha bin a’ tighinn bhon fhacal Ghàidhlig “binn, melodious; whence by metaphor,
money that chinks in the pocket with a sound melodious to the ears of the thief who wants to appropriate it.” Uill, dè chanas mi?
’S e a’ Ghàidhlig airson black – dubh. Chan eil e coltach ri faclan ann an cànanan Eòrpach eile – mar eisimpleir,schwarz, noir is negro. Tha an leabhar ag ràdh gun tàinig e bho “blàthaich, to warm, make hot; blàths, warmth, heat; blàthaichte, warmed, heated, whence blackened by the heat.”
Tha mi air a bhith a’ gabhail spòrs le beachdan Theàrlaich MhicAoidh. Ach le cuid de na faclan, bha e a’ sealltainn gu robh rudan anns a’ chumantas eadar
a’ Ghàidhlig agus cànanan eile. Chan eil càil ceàrr air sin.
Mu dheireadh, am facal Gàidhlig bleigeard, no blaigeard. Tha daoine dhen bheachd gun tàinig e bhon fhacal Bheurla blackguard –
air a sgrìobhadh mar “black-guard”. Ach an e sin a bh’ ann am blackguard – black guard?
Tha MacAoidh ag ràdh nach eil sin ceart. Thàinig e bhon Ghàidhlig “blagair, a boaster, an impudent boaster”. Ghabh luchd na Beurla a-staigh e.
Chruthaich iad tùs Beurla dha. Litrich iad e mar “black-guard”. Chan eil mi cinnteach, ach tha sin nas coltaiche na bin no begin
…