FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Deis-dè Deis-dè

Halò, a chàirdean. Tha mi a’ dol a thòiseachadh an

Audio is playing in pop-over.

Deis-dè

Halò, a chàirdean. Tha mi a’ dol a thòiseachadh an t-seachdain seo le rann. Rann a bhios freagarrach do chloinn òig – agus, tha mi an dòchas, do luchd-ionnsachaidh:

Seo am fear a bhris an sabhal

Seo am fear a ghoid an t-arbhar

Seo am fear a sheas ag amharc

Seo am fear a theich air falbh

Seo am fear a dh’innis e, a dh’innis e, a dh’innis e.

A bheil fios agaibh cò mu dheidhinn a tha an rann? Tha còig loidhnichean ann, nach eil? Dè na rudan air a’ bhodhaig a tha ann am buidhnean de chòig? Seo an rann a-rithist:

Seo am fear a bhris an sabhal

Seo am fear a ghoid an t-arbhar

Seo am fear a sheas ag amharc

Seo am fear a theich air falbh

Seo am fear a dh’innis e, a dh’innis e, a dh’innis e.

’S e rann a th’ ann a tha a’ gabhail a-steach nan corragan. Na còig corragan. Tha thu a’ tòiseachadh leis an òrdaig. Tha thu a’ crìochnachadh leis an lùdaig bhig. Bidh pàrantan ag aithris na rainn do na leanaban aca. Bha, co-dhiù. Tha mi an dòchas gu bheil fhathast.

Ann an Eilean Arainn bha an rann rud beag eadar-dhealaichte. Agus ’s e an àite fear a bha aca. Seo an rann Arainneach:

Seo an tè a leig an sabhal

Seo an tè a ghoid an sìol

Seo an tè a sheas ag amharc

Seo an tè a ruith air falbh

Seo an tè bheag a b’ fheudar dhi a phàigheadh air fad

Nise, bha an aon seòrsa rainn cuideachd ann am Beurla. Seo eisimpleir:

This is the one that broke the barn

This is the one that stole the corn

This is the one that stood and saw,

This is the one that ran awa’

This is the man that paid for a’.

Tha mi a’ smaoineachadh gun tàinig an rann bhon Bheurla don Ghàidhlig. Carson a tha mi ag ràdh sin? Tha, a chionn ’s gu bheil an comhardadh nas fheàrr ann am Beurla na tha e ann an Gàidhlig. Carson nach ionnsaich sibh fhèin an rann seo – ann an Gàidhlig? Nuair a thachras sibh ri pàiste aig a bheil Gàidhlig – no eadhon aig nach eil – bidh cothrom agaibh a chluich leis. Mar sin leibh.

An Litir Bheag 125 An Litir Bheag 125 An Litir Bheag 127 An Litir Bheag 127

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!