Seo am fear a bhris an sabhal
Seo am fear a ghoid an t-arbhar
Seo am fear a sheas ag amharc
Seo am fear a theich air falbh
Seo am fear a dh’innis e, a dh’innis e, a dh’innis e.
“Dè fon ghrèin air a bheil Ruairidh a-mach an t-seachdain seo?”, bidh sibh a’ faighneachd. Uill, innsidh mi dhuibh nas fhaide dhen Litir. Seo an rann
a-rithist:
Seo am fear a bhris an sabhal
Seo am fear a ghoid an t-arbhar
Seo am fear a sheas ag amharc
Seo am fear a theich air falbh
Seo am fear a dh’innis e, a dh’innis e, a dh’innis e.
Bha còig loidhnichean ann. Bidh am fiosrachadh sin na chuideachadh dhuibh. Co-dhiù, cha chan mi an còrr air sin airson mionaid no dhà.
Uaireannan bidh daoine a’ faighneachd dhìom mu gheamannan a chluicheadh clann aig an robh Gàidhlig. Agus dh’fhaighnich cuideigin dhìom o chionn beagan
mhìosan gu dè chanadh iad nuair a bha iad a’ cluich gèam, agus iad ag iarraidh a bhith saor bho riaghailtean a’ ghèam airson mionaid no dhà.
Far an do chuir mise seachad pàirt de m’ òige – ann am Broughty Ferry faisg air Dùn Deagh, ’s e “chaps” a chanadh a’ chlann ann am Beurla. Nam biodh tu a’
cluich gèam agus tu ag iarraidh fois airson tiotan, bhiodh tu a’ stad no a’ dol gu àite sònraichte. Chuireadh tu do làmh suas agus chanadh tu “chaps” agus
cha chuireadh duine dragh ort. Ri linn mo phàrantan ann an Glaschu, ’s e “keys” a chanadh iad. Dh’obraich e anns an aon dòigh ri “chaps”.
Chan eil mi cinnteach dè dìreach a chanadh clann ann an diofar phàirtean dhen Ghàidhealtachd, agus bu mhath leam cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil
cuimhne air a leithid. ’S fhada o nach robh geamannan mar sin air an cluich. Agus an fheadhainn às na h-eileanan aig a bheil cuimhne, gu tric bhiodh iad a’
cluich nan geamannan aca le clann bho na bailtean mòra a bh’ air a dhol a dh’fhuireach anns na h-eileanan tìde a’ chogaidh. ’S dòcha nach
robh na geamannan buileach cho Gàidhealach bho sin a-mach.
Anns an fhìor sheann aimsir, ge-tà, bhathar a’ cleachdadh na h-abairt deis-dè. Deis-dè. A rèir Dwelly, tha e a’ ciallachadh “girth, sanctuary,
place of safety, spot in game ‘tig’ where the player within is secure and cannot be touched”. Tha e coltach gu bheil deis-dè a’ seasamh airson
“aig làimh dheis Dhè” – a’ ciallachadh “at God’s right hand”. Cha bhiodh àite na bu shàbhailte na sin! Bhiodh clann ag èigheachd “deis-dè” nuair a
bha iad ag iarraidh a bhith a-mach às a’ ghèam.
Agus bhiodh daoine a’ cleachdadh na h-abairt ann an dòigh eile cuideachd. Chanadh iad rudan mar, “Thachair e mus robh cothrom agad ‘deis-dè’ a ràdh!”, a’
ciallachadh gun do thachair e ann am fìor chabhaig. Ann am Beurla bhiodh daoine ag ràdh mun aon seòrsa rud, “It happened before you could say ‘Jack Robinson’!”
Nise, air ais do na còig “fir”. ’S e rann a th’ ann a bhiodh pàrantan a’ gabhail ri leanaban, a’ comharrachadh an corragan, tè às dèidh a chèile:
Seo am fear a bhris an sabhal
Seo am fear a ghoid an t-arbhar
Seo am fear a sheas ag amharc
Seo am fear a theich air falbh
Seo am fear a dh’innis e, a dh’innis e, a dh’innis e.
Uill, sin agaibh e bhuamsa an t-seachdain seo. Tha mi a’ dol a theicheadh ann an cabhaig – gu dearbh, mus bi ùine agaibh “deis-dè” a ràdh...