85: Argyll 85: Earra-Ghàidheal
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Earra-Ghàidheal
O chionn bhliadhnaichean, rinn mi prògraman rèidio air eileanan beaga ann an Earra-Ghàidheal. Chaidh mi a Ghiogha, Ulbha, na h-Eileanan Treisnis, Colasa agus Lios Mòr. Chòrd iad uile rium. Bha iad uile brèagha. Bha na daoine orra laghach. Ach chòrd aon eilean rium gu h-àraidh – Lios Mòr.
Thug Dòmhnall MacIlleDhuibh taic mhòr dhomh. Tha Dòmhnall à Lios Mòr. Tha e air a bhith a’ fuireach ann fad a bheatha. Tha fìor dheagh Ghàidhlig aige. Agus tha e fiosrachail mu eachdraidh an eilein.
Sgrìobh Dòmhnall leabhar mu dheidhinn Lios Mòr. Tha e dà-chànanach. ’S e an t-ainm air an leabhar Sgeul no Dhà às an Lios/A Tale or Two from Lismore.
Tha Dòmhnall ag innse mu Naomh Moluag. Bha Moluag cudromach ann an eachdraidh na h-Alba. Bha e beò aig an aon àm ri Calum Cille. A rèir beul-aithris bha an dà naomh air Lios Mòr còmhla. Thuirt Calum Cille, “An e seo an Gàrradh Mòr?”
Fhreagair Moluag, “’S e Lios torrach a tha an seo.” Fhuair an t-eilean ainm mar sin. Lios Mòr. Bha Moluag na anam-charaid don eilean. Anam-charaid – a soul friend. Fhuair Moluag foghlam ann am Manachainn Bheanachair. Tha Beanachar, no Bangor, ann an ceann a tuath na h-Èireann.
Thàinig e gu cladach Lios Mòr. ’S e Port Moluag an t-ainm air an àite. Tha allt ann. Aig an allt bha craobhan feàrn’ a’ fàs. Agus tha craobhan feàrn’ ann fhathast.
Stèidhich Moluag manachainn ann an Ros Mhaircnidh. Stèidhich e manachainn eile aig Mortlach ann am Moireibh.
Stèidhich feadhainn eile àiteachan Crìosdail ann an ainm Mholuaig – ann am Muile, Tiriodh, Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach. Tha teampall a tha a’ comharrachadh Mholuaig ann an Nis, ann an ceann a tuath Leòdhais.
Chaochail Moluag anns a’ bhliadhna còig ceud, naochad ’s a dhà (592). Tha cuid ag ràdh gun robh e air a thiodhlacadh ann an Àird Chlach faisg air Eilginn. Tha Dòmhnall a’ sgrìobhadh gun do “dh’fhalbh ceithir air fhichead de ghillean làidir Liosach”. Thug iad an naomh dhachaigh a Lios Mòr. Bha e air a thiodhlacadh anns an eilean. Sia ceud bliadhna às dèidh sin, chaidh Àrd-eaglais Earra-Ghàidheal a thogail anns an aon àite.
Faclan is abairtean: o chionn bhliadhnaichean: years ago; eileanan beaga ann an Earra-Ghàidheal: small islands in Argyll; chaidh mi a Ghiogha, Ulbha, na h-Eileanan Treisnis, Colasa agus Lios Mòr: I went to Gigha, Ulva, the Treshnish Islands, Colonsay and Lismore; chòrd iad uile rium: I enjoyed them all; gu h-àraidh: particularly; thug Dòmhnall MacIlleDhuibh taic mhòr dhomh: Donald Black gave me great help; tha e air a bhith a’ fuireach ann fad a bheatha: he has been living there all his life; tha fìor dheagh Ghàidhlig aige: he has excellent Gaelic; fiosrachail: informative; dà-chànanach: bilingual; Naomh Moluag: Saint Moluag; cudromach ann an eachdraidh: important in history; beò aig an aon àm ri Calum Cille: alive at the same time as [Saint] Columba; a rèir beul-aithris: according to oral tradition; an e seo an Gàrradh Mòr?: is this the big enclosure/garden?; ’s e Lios torrach a tha an seo:this is a fertile garden; fhuair an t-eilean ainm mar sin: the island got its name like that; bha Moluag na anam-charaid don eilean: Moluag was a soul-friend to the island; foghlam ann am Manachainn Bheanachair: education in the monastery of Bangor; ceann a tuath na h-Èireann: the north of Ireland; cladach: shore; aig an allt bha craobhan feàrn’ a’ fàs: at the burn alder trees were growing; ràinig e an t-Eilean Dubh: he reached the Black Isle; stèidhich X manachainn ann an Ros Mhaircnidh:X established a monastery in Rosemarkie; Mortlach ann am Moireibh: Mortlach in Moray; àiteachan Crìosdail ann an ainm Mholuaig: Christian places in the name of Moluag; ann am Muile, Tiriodh, Ratharsair agus san Eilean Sgitheanach: on Mull, Tiree, Raasay and Skye; teampall a tha a’ comharrachadh Mholuaig ann an Nis: a temple that marks [commemorates] Moluag in Ness; chaochail: died; gun robh e air a thiodhlacadh ann an Àird Chlach: that he was buried in Ardclach; faisg air Eilginn: near Elgin; dh’fhalbh ceithir air fhichead de ghillean làidir Liosach: 24 strong Lismore lads left; thug iad an naomh dhachaigh: they took the saint home; sia ceud bliadhna às dèidh sin: 600 years after that; chaidh Àrd-eaglais Earra-Ghàidheal a thogail anns an aon àite: the cathedral of Argyll was built in the same place.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 389
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn