menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Seumas Mason (Litir Bheag 83)

James Mason

Bha Seumas Mason a’ ruith soithichean ann an Inbhir Nis. Bha na soithichean a’ toirt buntàta bhon Ghàidhealtachd gu ruige Lunnainn. Bha sin ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846). Agus bha gaiseadh a’ bhuntàta ann. Bha an sluagh a’ fàs acrach. Bha mòran aca gu math bochd. Bha cuid aca feargach gun robh Mason a’ dèanamh prothaid, a’ reic biadh, agus na daoine acrach.

Chuir daoine stad air Mason bho bhith a’ cur buntàta air na soithichean. Thuirt Mason riutha, “bheir mi arbhar is buntàta gu leòr a-steach ma tha sin a dhìth.” Ach cha robh na daoine toilichte. Bha biadh mar sin ro dhaor. Bhris iad uinneagan anns an taigh aige. Chaidh iad gu taigh aig fear eile ann an Inbhir Nis a bha a’ reic buntàta. Ach bha saighdearan ann. Bha beigleidean air na gunnaichean aca.

Bha spàirn ann. Fhuair dithis lotan bho bheigleidean. Chuir na saighdearan fichead duine an grèim. Thilg na daoine clachan air na saighdearan.

Bha am Pròbhaist feargach. Chuir e cairt làn bhuntàta taobh a-muigh Taigh a’ Bhaile. Thug iad a’ chairt tro na sràidean. Bha iad a’ dol don chidhe. Chuir sin fearg air mòran. Air an rathad, chaidh clach a thilgeil. Bhuail i am Pròbhaist. Leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit.

Ach thàinig barrachd dhaoine a-mach. Bha còig mìle ann. Thilg iad clachan air na poilis. Fhuair iad grèim air a’ chairt. Dh’fhuasgail iad an t-each. Thilg iad a’ chairt don abhainn.

Chaidh fios a chur do na saighdearan ann an Caisteal Inbhir Nis. Thàinig iadsan don chidhe. Bha beigleidean aca ceangailte. Chuir iad còignear an grèim.

Thòisich an aimhreit Dimàirt. Air Disathairne chaidh ochd cairtean de bhuntàta don chidhe. Bha mòran saighdearan ann. Bha dìreach aon duine a’ feuchainn ri stad a chur orra.

Bha ceannard luchd na h-aimhreit, Aonghas Siosalach, anns a’ chùirt anns a’ Ghiblean. Fhuair e naoi mìosan anns a’ phrìosan.

Ach bha Aonghas ceart mun t-suidheachadh anns a’ cheann a tuath. Rinn an gaiseadh sgrios air a’ bhuntàta. Bha biadh gann dha-rìribh. Bha an t-acras air mòran daoine air a’ Ghàidhealtachd.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Faclan is abairtean: bha Seumas Mason a’ ruith soithichean: James Mason was running vessels; a’ toirt buntàta bhon Ghàidhealtachd gu ruige Lunnainn:taking potatoes from the Highlands to London; gaiseadh a’ bhuntàta: the potato blight; bha an sluagh a’ fàs acrach:the people were getting hungry; feargach gun robh Mason a’ dèanamh prothaid: angry that Mason was making a profit; agus na daoine acrach:while the people were hungry; bheir mi arbhar gu leòr a-steach: I will import plenty of corn; ma tha sin a dhìth:if that is needed; ro dhaor: too expensive; bhris iad uinneagan: they broke windows; bha beigleidean air na gunnaichean aca: they had bayonets on their guns; spàirn: a struggle; fhuair dithis lotan: two people received wounds; chuir na saighdearan fichead duine an grèim: the soldiers arrested twenty people; taobh a-muigh Taigh a’ Bhaile: outside the Town House; tro na sràidean: through the streets; chaidh clach a thilgeil: a stone was thrown; leugh an Siorram Achd na h-Aimhreit:the Sheriff read the Riot Act; thàinig barrachd dhaoine a-mach: more people came out; dh’fhuasgail iad an t-each:they unhitched the horse; thilg iad a’ chairt don abhainn: they threw the cart into the river; chaidh fios a chur do: information was sent to; beigleidean ceangailte: fixed bayonets; chuir iad còignear an grèim: they arrested five people; bha dìreach aon duine a’ feuchainn ri stad a chur orra: there was just one man trying to stop them; ceannard luchd na h-aimhreit, Aonghas Siosalach: the head of the rioters, Angus Chisholm; naoi mìosan anns a’ phrìosan: nine months in prison; ceart mun t-suidheachadh anns a’ cheann a tuath: correct about the situation in the north; rinn an gaiseadh sgrios: the blight destroyed; bha biadh gann dha-rìribh: food was very scarce; bha an t-acras air mòran daoine: many people were hungry.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 387

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word