ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

793: Robert Armstrong (2) 793: Raibeart Armstrong (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Raibeart Armstrong (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Armstrong. Dh’fhoillsich e faclair Gàidhlig ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Gu mì-fhortanach dha, nochd faclair Gàidhlig eile dìreach trì bliadhna an dèidh sin. B’ e sin an Dictionarium Scoto-Celticum aig Comunn Gàidhealach na h-Alba. Tha mi a’ dèanamh dheth gun do rinn sin cron air an uiread de na faclairean aig Armstrong a chaidh a reic.

Chaidh dà urram a bhuileachadh air Armstrong – Faclairiche Gàidhlig Rìoghail don Rìgh agus dotaireachd à Oilthigh Chill Rìmhinn. Ach cha robh tuarastal sam bith co-cheangailte ri fear seach fear dhiubh sin. Chuir Armstrong mòran dhen airgead aige fhèin a-steach don fhaclair. Chaill e tòrr.

Leig e dheth a dhreuchd ann an ochd ceud deug, leth-cheud ʼs a dhà (1852). Cha robh mòran anns an sporan aige. Agus bha e pòsta, le triùir nighean. Gu fortanach, bha caraidean aige anns an riaghaltas. Fhuair e peinnsean poblach. An dèidh a bhàis ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1867), fhuair a bhanntrach peinnsean bhon Bhanrigh.

Thòisich mi o chionn ceala-deug air an t-sreath seo mu Raibeart Armstrong. Bha mi ag innse dhuibh mu alt anns an iris ‘An Gàidheal’. Dh’inns an t-ùghdar dhuinn gun robh oileanaich tràth san naoidheamh linn deug air Siorrachd Pheairt ainmeachadh mar an t-àite a b’ fheàrr ann an Alba airson na Gàidhlig. Anns an alt, chaidh Peairteach cliùiteach Gàidhealach eile ainmeachadh. B’ esan an t-Urr. Alasdair Stiùbhart. Sgrìobh e an leabhar ‘ Elements of Gaelic Grammar’.

Bha fèill air an leabhar. Tha lethbreac dhen dàrna eagran agam fhìn. Nochd e ann an clò ann an ochd ceud deug ʼs a dhà-dheug (1812).

Rugadh Alasdair Stiùbhart sa mhansa ann am Blàr Athall ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a ceithir (1764). Bha athair cliùiteach airson cho math ʼs a bha a’ Ghàidhlig aige. Bha e fìor mhath mar shearmonaiche. Chaochail e ann an seachd ceud deug is ochdad (1780).

Fhuair Alasdair a chuid foghlaim aig an taigh, agus aig uncail dha. Ach abair gun robh comas inntinn aige. Cluinnidh sibh tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

Robert Armstrong (2)

English Beurla

I was telling you about Robert Armstrong from Perthshire. He published a Gaelic dictionary in 1825. Unfortunately for him, another Gaelic dictionary appeared only three years after that. That was the Dictionarium Scoto-Celticum of the Highland Society of Scotland. I reckon it reduced the number of Armstrong’s dictionary that was sold.

Armstrong received two honours – Gaelic Lexicographer Royal to the King and a doctorate from the University of St Andrews. But there was no income attached to either of those. Armstrong put much of his own money into the dictionary. He lost a lot.

He resigned from his post in 1852. He didn’t have much money. And he was married, with three daughters. Luckily, he had friends in the government. He got a public (civil list) pension. After his death in 1867, his widow received a pension from the Queen.

A fortnight ago, I started this series about Robert Armstrong. I was telling you about an article in the periodical ‘An Gàidheal’. The author told us that students in the early part of the 19th century had named Perthshire as the best place in Scotland for Gaelic. In the article, another renowned Gaelic speaking Perthshire man was named. He was the Rev. Alexander Stewart. He wrote the book Elements of Gaelic Grammar’.

The book was well received. I myself have a copy of the second edition. It appeared in print in 1812.

Alexander Stewart was born in the manse at Blair Atholl in 1764. His father was renowned for how good his Gaelic was. He was excellent as a preacher. He died in 1780.

Alexander got his education at home, and with an uncle (in his home). But what a sharp mind he had. You’ll hear more about him next week.

Show English

Raibeart Armstrong (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Armstrong. Dh’fhoillsich e faclair Gàidhlig ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Gu mì-fhortanach dha, nochd faclair Gàidhlig eile dìreach trì bliadhna an dèidh sin. B’ e sin an Dictionarium Scoto-Celticum aig Comunn Gàidhealach na h-Alba. Tha mi a’ dèanamh dheth gun do rinn sin cron air an uiread de na faclairean aig Armstrong a chaidh a reic.

Chaidh dà urram a bhuileachadh air Armstrong – Faclairiche Gàidhlig Rìoghail don Rìgh agus dotaireachd à Oilthigh Chill Rìmhinn. Ach cha robh tuarastal sam bith co-cheangailte ri fear seach fear dhiubh sin. Chuir Armstrong mòran dhen airgead aige fhèin a-steach don fhaclair. Chaill e tòrr.

Leig e dheth a dhreuchd ann an ochd ceud deug, leth-cheud ʼs a dhà (1852). Cha robh mòran anns an sporan aige. Agus bha e pòsta, le triùir nighean. Gu fortanach, bha caraidean aige anns an riaghaltas. Fhuair e peinnsean poblach. An dèidh a bhàis ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1867), fhuair a bhanntrach peinnsean bhon Bhanrigh.

Thòisich mi o chionn ceala-deug air an t-sreath seo mu Raibeart Armstrong. Bha mi ag innse dhuibh mu alt anns an iris ‘An Gàidheal’. Dh’inns an t-ùghdar dhuinn gun robh oileanaich tràth san naoidheamh linn deug air Siorrachd Pheairt ainmeachadh mar an t-àite a b’ fheàrr ann an Alba airson na Gàidhlig. Anns an alt, chaidh Peairteach cliùiteach Gàidhealach eile ainmeachadh. B’ esan an t-Urr. Alasdair Stiùbhart. Sgrìobh e an leabhar ‘ Elements of Gaelic Grammar’.

Bha fèill air an leabhar. Tha lethbreac dhen dàrna eagran agam fhìn. Nochd e ann an clò ann an ochd ceud deug ʼs a dhà-dheug (1812).

Rugadh Alasdair Stiùbhart sa mhansa ann am Blàr Athall ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a ceithir (1764). Bha athair cliùiteach airson cho math ʼs a bha a’ Ghàidhlig aige. Bha e fìor mhath mar shearmonaiche. Chaochail e ann an seachd ceud deug is ochdad (1780).

Fhuair Alasdair a chuid foghlaim aig an taigh, agus aig uncail dha. Ach abair gun robh comas inntinn aige. Cluinnidh sibh tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1097

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile