FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Raibeart Armstrong (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Armstrong a chruthaich faclair Gàidhlig ann an ochd ceud deug, fichead ?s a còig (1825).

Audio is playing in pop-over.

Raibeart Armstrong (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Armstrong a chruthaich faclair Gàidhlig ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Bha fèill air an fhaclair. Bha rudan aige, ge-tà, a tha a’ coimhead annasach an-diugh, gu h-àraidh mar a bha earrann aige air na daoine a nochdas ann an dàin Oisein – co-dhiù na dàin a ‘chruthaich’ Seumas Bàn, no ‘Ossian MacPherson’.

Bha beachd inntinneach aig Armstrong air siostam litreachaidh na Gàidhlig. Bha e a’ leantainn an t-siostaim aig dithis sgoilearan. B’ iad sin an t-Oll. Urr. Iain Stiùbhart à Lus, a dh’eadar-theangaich an Seann Tiomnadh, agus an t-Oll. Urr. Iain Mac a’ Ghobhainn à Ceann Loch Cille Chiarain a sgrìobh sailm.

Ge-tà, bha aon riaghailt litreachaidh a’ cur dragh air. B’ e sin ‘ caol ri caol agus leathann ri leathann’. Bha Armstrong a’ cumail a-mach gur e siostam Èireannach a bh’ ann, agus gun do ghabh na Gàidheil Albannach ris ro luath. Bha e dhen bheachd gun robh e a’ cur am falach nan ceanglaichean eadar faclan Gàidhlig agus feadhainn ann an cànanan eile.

Gu mì-fhortanach dha, nochd faclair Gàidhlig eile dìreach trì bliadhna an dèidh an fhaclair aige fhèin. B’ e sin an Dictionarium Scoto-Celticum aig Comunn Gàidhealach na h-Alba. ʼS iongantach mura rinn sin cron air an uiread de na faclairean aige fhèin a chaidh a reic.

Chaidh dà urram a bhuileachadh air – Faclairiche Gàidhlig Rìoghail don Rìgh agus dotaireachd à Oilthigh Chill Rìmhinn. Ach cha robh tuarastal sam bith co-cheangailte ri fear seach fear dhiubh sin. Chuir Armstrong mòran dhen airgead aige fhèin a-steach don fhaclair, agus chaill e tòrr.

Nuair a leig e dheth a dhreuchd ann an ochd ceud deug, leth-cheud ʼs a dhà (1852), bha an suidheachadh ionmhais aige cugallach. Bha e pòsta, le triùir nighean. Gu fortanach, bha caraidean aige anns an riaghaltas, agus fhuair e peinnsean poblach luach seasgad not (£60). Air dha bàs fhaighinn ann an Surraidh ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1867), fhuair a bhanntrach peinnsean luach leth-cheud not (£50) bhon Bhanrigh.

Thòisich mi air an t-sreath seo mu Raibeart Armstrong, le bhith ag innse dhuibh mu alt anns an iris ‘An Gàidheal’ o chionn faisg air ceud bliadhna. Bha an t-ùghdar ag innse dhuinn gun robh oileanaich ceud bliadhna roimhe air Siorrachd Pheairt ainmeachadh mar an t-àite a b’ fheàrr airson na Gàidhlig agus a dualchais. Anns an alt, chaidh Peairteach cliùiteach Gàidhealach eile ainmeachadh – an t-Urr. Alasdair Stiùbhart. Sgrìobh esan an leabhar ‘Elements of Gaelic Grammar’.

Bha fèill air an leabhar sin aig an àm. Tha lethbreac dhen dàrna eagran agam fhìn, a nochd ann an clò ann an ochd ceud deug ʼs a dhà-dheug (1812). Ach nochd ceathramh eagran dheth ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a sia (1886).

Cò bh’ ann an Alasdair Stiùbhart? Rugadh e sa mhansa ann am Blàr Athall ann an seachd ceud deug, seasgad ʼs a ceithir (1764). Bha athair cliùiteach airson cho math ʼs a bha a’ Ghàidhlig aige. Bha e fìor mhath mar shearmonaiche. Chaochail e ann an seachd ceud deug is ochdad (1780).

Tha e coltach nach deach Alasdair a sgoil. Fhuair e a chuid foghlaim aig an taigh, agus aig uncail dha. Ach abair gun robh comas inntinn aige. Cluinnidh sibh tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

Litir 1096 Litir 1096 Litir 1098 Litir 1098

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!