FaclairDictionary EnglishGàidhlig

785: John son of big John, murderer (1) 785: Iain mac 'an Mhòir, murtair (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iain mac 'an Mhòir, murtair (1)

Gaelic Gàidhlig

Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear fhuil-san. A bheil sibh eòlach air an abairt sin? Whoever sheds human blood, by humans shall their blood be shed. Tha e às a’ Bhìoball. Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear fhuil-san. Tha e a’ nochdadh anns an an t-Seann Tiomnadh, Leabhar Genesis Caibideil IX, Rann 6.

Carson a tha mi a’ tòiseachadh le sin? Uill, bha mi a’ leughadh seann chunntas de mhurt. Chrìochnaich an cunntas leis an earrainn sin às a’ Bhìoball. Chì sinn carson, nuair a thig an cunntas agam fhìn gu crìch.

Thachair e ann an sia ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1643) ann am paraiste Chnoc Mhoire faisg air a’ Mhanachainn. Bha uachdaran ann. Bha fear ann ris an canadh iad Iain mac ʼan Mhòir a bha ag obair dha. Chan e duine onarach a bha ann.

Bha Iain a’ goid an eòrna. Chunnaic gille, Dòmhnall mac Uilleim, na thachair. Rinn e trod ri Iain. Bha an t-eagal air Iain gun cluinneadh an t-uachdaran mun ghnothach. Chuir e roimhe Dòmhnall a mhurt. ‘Lorg mi ròn marbh air a’ chladach,’ thuirt e. ‘Chan eil fios aig duine eile mu dheidhinn, ach mo bhràthair-chèile, Iain MacCoinnich. Carson nach tig thu còmhla rinn? Gheibh sinn uile ar cuid dhen ròn.’

Cha do thuig Dòmhnall an cunnart san robh e. Thachair an dithis ri Iain MacCoinnich faisg air a’ chladach. Gun rabhadh, thug Iain mac ʼan Mhòir biodag a-mach. Shàth e an gille tro a chridhe. Cha do thuig Iain MacCoinnich an toiseach dè bha dol.

Thuirt Iain mac ʼan Mhòir ris, ‘Sàth thusa e, Iain. Bidh thu fhèin a cheart cho ciontach ʼs a tha mise.’ An robh Iain MacCoinnich dhen bheachd nach robh roghainn aige? Chan eil fhios a’m, ach shàth esan an gille cuideachd.

Ghiùlain iad corp Dhòmhnaill don chladach. Chan fhaca duine iad. Bha an làn a-mach. Dh’fhàg iad an corp air a’ chladach. Bha iad an dùil gum biodh e air a sguabadh air falbh leis an làn. Ach dè thachair? Innsidh mu dhuibh anns an ath Litir.

John son of big John, murderer (1)

English Beurla

Whoever sheds human blood, by humans shall their blood be shed. Do you know that phrase? Whoever sheds human blood, by humans shall their blood be shed. It’s from the Bible. Whoever sheds human blood, by humans shall their blood be shed. It’s appears in the Old Testament, Book of Genesis, Chapter IX, Verse 6.

Why am I starting with that? Well, I was reading an old account of a murder. The account finished with that passage from the Bible. We’ll see why, when my own account reaches its conclusion.

It happened in 1643 in the parish of Kirkhill (Wardlaw) near Beauly. There was a landlord. There was a man called John son of big John who was working for him. He was not an honest man.

John was stealing barley. A lad, Donald son of William, saw what happened. He scolded John. John was fearful that the landlord would hear about the matter. He decided to murder Donald. ‘I found a dead seal on the shore,’ he said. ‘Nobody knows about it except my brother-in-law, John Mackenzie. Why don’t you come with us? We’ll all get our share of the seal.’

Donald didn’t appreciate the danger he was in. The two [of them] met John Mackenzie near the shore. Without warning, John son of big John produced a dirk. He stabbed the lad through his heart. John Mackenzie initially didn’t understand what was happening.

John son of big John said to him, ‘You stab him, John. You’ll be just as guilty as I am.’ Was John Mackenzie of the opinion that he had no choice? I don’t know, but he stabbed the lad as well.

They carried Donald’s body to the shore. Nobody saw them. The tide was out. They left the body on the shore. They were expecting that it would be swept away by the tide. But what happened? I’ll tell you in the next Litir.

Iain mac 'an Mhòir, murtair (1)

Gaelic Gàidhlig

Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear fhuil-san. A bheil sibh eòlach air an abairt sin? Whoever sheds human blood, by humans shall their blood be shed. Tha e às a’ Bhìoball. Ge b’ e a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear fhuil-san. Tha e a’ nochdadh anns an an t-Seann Tiomnadh, Leabhar Genesis Caibideil IX, Rann 6.

Carson a tha mi a’ tòiseachadh le sin? Uill, bha mi a’ leughadh seann chunntas de mhurt. Chrìochnaich an cunntas leis an earrainn sin às a’ Bhìoball. Chì sinn carson, nuair a thig an cunntas agam fhìn gu crìch.

Thachair e ann an sia ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1643) ann am paraiste Chnoc Mhoire faisg air a’ Mhanachainn. Bha uachdaran ann. Bha fear ann ris an canadh iad Iain mac ʼan Mhòir a bha ag obair dha. Chan e duine onarach a bha ann.

Bha Iain a’ goid an eòrna. Chunnaic gille, Dòmhnall mac Uilleim, na thachair. Rinn e trod ri Iain. Bha an t-eagal air Iain gun cluinneadh an t-uachdaran mun ghnothach. Chuir e roimhe Dòmhnall a mhurt. ‘Lorg mi ròn marbh air a’ chladach,’ thuirt e. ‘Chan eil fios aig duine eile mu dheidhinn, ach mo bhràthair-chèile, Iain MacCoinnich. Carson nach tig thu còmhla rinn? Gheibh sinn uile ar cuid dhen ròn.’

Cha do thuig Dòmhnall an cunnart san robh e. Thachair an dithis ri Iain MacCoinnich faisg air a’ chladach. Gun rabhadh, thug Iain mac ʼan Mhòir biodag a-mach. Shàth e an gille tro a chridhe. Cha do thuig Iain MacCoinnich an toiseach dè bha dol.

Thuirt Iain mac ʼan Mhòir ris, ‘Sàth thusa e, Iain. Bidh thu fhèin a cheart cho ciontach ʼs a tha mise.’ An robh Iain MacCoinnich dhen bheachd nach robh roghainn aige? Chan eil fhios a’m, ach shàth esan an gille cuideachd.

Ghiùlain iad corp Dhòmhnaill don chladach. Chan fhaca duine iad. Bha an làn a-mach. Dh’fhàg iad an corp air a’ chladach. Bha iad an dùil gum biodh e air a sguabadh air falbh leis an làn. Ach dè thachair? Innsidh mu dhuibh anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1089

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile