FaclairDictionary EnglishGàidhlig

781: An Gobha Ruadh agus Dòmhnall an Òir (2) 781: An Gobha Ruadh agus Dòmhnall an òir (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Gobha Ruadh agus Dòmhnall an òir (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse eachdraidh dhuibh à làmh-sgrìobhainn, The Wardlaw Manuscript. Bha Dòmhnall MacAlasdair – sgalag aig a’ Ghobha Ruadh – air poit làn òir a lorg. Ach ghoid an gobha a’ phoit. Chuir e am falach i.

Chuala an ceann-cinnidh, Mac Shimidh, mun ghnothach. Dh’iarr e air Dòmhnall nochdadh air a bheulaibh. Dh’inns Dòmhnall dha mar a thachair.

Dh’iarr Mac Shimidh air a’ Ghobha Ruadh nochdadh air a bheulaibh.

‘A bheil fios agad dè thachair don phoit agus don òr?’ dh’fhaighnich an ceann-cinnidh.

‘Chan eil fios agam mun òr,’ thuirt an gobha, ‘ach gun d’ fhuair an nighean agam fàinne o Dhòmhnall MacAlasdair.’ Thug e an fhàinne seachad mar thiodhlac don uachdaran.

Bha an ceann-cinnidh toilichte mun fhàinne. Ach bha e dhen bheachd gun robh an gobha ag innse bhreugan. Chaidh an gobha a chur don phrìosan. Agus fhuair Dòmhnall far-ainm ùr – Dòmhnall an Òir.

Cha do dh’aidich an Gobha Ruadh a chiont. Bha sianar nighean aige. Phòs tè dhiubh fear air an robh Fearchar Òg mar ainm. Fhuair Fearchar grèim air an òr. Thug e air a’ ghobha gun a bhith ag aideachadh càil mu dheidhinn. Agus chaochail an Gobha Ruadh anns a’ phrìosan.

Chaidh Fearchar Òg agus a bhean a Leitir Iù ann an Ros an Iar. Bha Sasannaich ag obair an sin ann an gnìomhachas iarainn ùr. Bha Fearchar dhen bheachd gum faigheadh e deagh phrìs air an òr an sin. Ach cha d’ fhuair. Reic e an t-òr air prìs ìosal.

Agus cò às a thàinig an t-òr anns a’ chiad àite? Bha beachd ann gur e stòras a bha ann aig bean Mhic Shimidh, ginealach no dhà roimhe. Ghoid bana-shearbhant e. Chuir i ann am poit chrèadha e fon talamh.

Bha am boireannach air a dìteadh dhen eucoir. Mar pheanas, bha i gu bhith air a bàthadh ann am poll ris an canadh iad Poll na Pàirc. Le a làmhan, chomharraich i an t-àite san robh an t-òr. Ach chaidh a bàthadh mus do lorg duine e. Bha sin gus an do lorg Dòmhnall an Òir e bliadhnaichean an dèidh làimhe.

An Gobha Ruadh agus Dòmhnall an Òir (2)

English Beurla

I was telling you a story from the manuscript, The Wardlaw Manuscript. Donald MacAllister – a servant of the red-haired blacksmith – had found a pot full of gold. But the smith stole the pot. He hid it.

The clan chief, Fraser of Lovat, heard about the matter. He asked Donald to appear in front of him. Donald told him what had happened.

The chief of the Frasers asked the red-haired smith to appear in front of him.

‘Do you know what happened to the pot and the gold?’ the clan chief asked.

‘I don’t know about the gold,’said the smith, ‘except that my daughter got a ring from Donald MacAllister.’ He gave the landlord the ring as a present.

The clan chief was pleased about the ring. But he was of the opinion that the smith was telling lies. The smith was sent to prison. And Donald got a new nickname – Donald of the Gold.

The red-haired smith did not admit his guilt. He had six daughters. One of them married a man called Young Farquhar. Farquhar got hold of the gold. He forced the smith to not admit anything about it. And the red-haired smith died in prison.

Young Farquhar and his wife went to Letterewe in Wester Ross. English people were working there in a new iron [smelting] industry. Farquhar thought he would get a good price for the gold there. But he didn’t. He sold the gold for a low price.

And where did the gold come from in the first place? There was an opinion that it was a collection that a wife of the clan chief had had, a generation or two before. A maidservant stole it. She put it in a clay pot under the ground.

The woman was prosecuted for the crime. As a punishment, she was going to be drowned in a pool they called the Park Pool. With her hands, she indicated the place where the gold was. But she was drowned before anybody found it. That was until Donald of the Gold found it years later.

An Gobha Ruadh agus Dòmhnall an òir (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse eachdraidh dhuibh à làmh-sgrìobhainn, The Wardlaw Manuscript. Bha Dòmhnall MacAlasdair – sgalag aig a’ Ghobha Ruadh – air poit làn òir a lorg. Ach ghoid an gobha a’ phoit. Chuir e am falach i.

Chuala an ceann-cinnidh, Mac Shimidh, mun ghnothach. Dh’iarr e air Dòmhnall nochdadh air a bheulaibh. Dh’inns Dòmhnall dha mar a thachair.

Dh’iarr Mac Shimidh air a’ Ghobha Ruadh nochdadh air a bheulaibh.

‘A bheil fios agad dè thachair don phoit agus don òr?’ dh’fhaighnich an ceann-cinnidh.

‘Chan eil fios agam mun òr,’ thuirt an gobha, ‘ach gun d’ fhuair an nighean agam fàinne o Dhòmhnall MacAlasdair.’ Thug e an fhàinne seachad mar thiodhlac don uachdaran.

Bha an ceann-cinnidh toilichte mun fhàinne. Ach bha e dhen bheachd gun robh an gobha ag innse bhreugan. Chaidh an gobha a chur don phrìosan. Agus fhuair Dòmhnall far-ainm ùr – Dòmhnall an Òir.

Cha do dh’aidich an Gobha Ruadh a chiont. Bha sianar nighean aige. Phòs tè dhiubh fear air an robh Fearchar Òg mar ainm. Fhuair Fearchar grèim air an òr. Thug e air a’ ghobha gun a bhith ag aideachadh càil mu dheidhinn. Agus chaochail an Gobha Ruadh anns a’ phrìosan.

Chaidh Fearchar Òg agus a bhean a Leitir Iù ann an Ros an Iar. Bha Sasannaich ag obair an sin ann an gnìomhachas iarainn ùr. Bha Fearchar dhen bheachd gum faigheadh e deagh phrìs air an òr an sin. Ach cha d’ fhuair. Reic e an t-òr air prìs ìosal.

Agus cò às a thàinig an t-òr anns a’ chiad àite? Bha beachd ann gur e stòras a bha ann aig bean Mhic Shimidh, ginealach no dhà roimhe. Ghoid bana-shearbhant e. Chuir i ann am poit chrèadha e fon talamh.

Bha am boireannach air a dìteadh dhen eucoir. Mar pheanas, bha i gu bhith air a bàthadh ann am poll ris an canadh iad Poll na Pàirc. Le a làmhan, chomharraich i an t-àite san robh an t-òr. Ach chaidh a bàthadh mus do lorg duine e. Bha sin gus an do lorg Dòmhnall an Òir e bliadhnaichean an dèidh làimhe.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1085

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile