ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

768: The inn of Dores (2) 768: Taigh-seinnse Dhurais (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Audio is playing in pop-over.

Taigh-seinnse Dhurais (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu thachartas ann an Taigh-seinnse Dhurais, taobh Loch Nis, an dèidh Blàr Chùil Lodair. Chaidh màthair Sìne, Hannah, a mhurt le saighdear dearg a bha air an rathad a Chille Chuimein. Chaidh Sìne air muin eich a Chille Chuimein, còmhla ri Iain Bàn à Duras agus fear eile. Air muin ceathramh eich, bha corp Hannah.

Chuir na freiceadain stad orra. ‘Is mise Alasdair Friseal à Druim Athaisidh,’ thuirt Iain Bàn. Cha robh iad eòlach air Alasdair, a bha na cho-ogha do dh’Iain. Ach bhiodh fios aca, ’s dòcha, gur e uachdaran a bha ann a bha taiceil don riaghaltas. Bha fios aig Iain gun robh Diùc Chumberland anns a’ ghearasdan. Thuirt e ris na freiceadain gun robh e ag iarraidh bruidhinn ris an Diùc.

Thàinig leifteanant a bhruidhinn ris. Thuirt Iain gun robh e ag iarraidh bruidhinn ris an Diùc. Thàinig màidsear. Dh’inns Iain an aon rud dhasan.

Mu dheireadh thall, fhuair Iain cothrom bruidhinn ri Cumberland fhèin. Sheall e corp Hannah dha. Mhìnich e gun robh a nighean air fhàgail gun sgillinn ruadh is gun dlùth-charaid, agus gur iad saighdearan dearga a bu choireach. A bharrachd air a’ mhurt, sgrios na saighdearan an taigh-seinnse.

Dh’èist an Diùc ris an tagradh. Dh’iarr e air Iain a dhol a thaigh-seinnse ann an Cille Chuimein agus feitheamh an sin. Beagan uairean a thìde an dèidh làimhe, thàinig còirneal a-steach, le màileid leathair fo achlais. Bha airgead na broinn do Shìne. Bha na h-oifigearan a bha ciontach dhen eucoir air airgead a chur ri chèile. Bha gu leòr ann airson tiodhlacadh math a thoirt do Hannah, agus airson Taigh-seinnse Dhurais a chur air a chasan a-rithist.

Thill an còmhlan a Dhuras. Chaidh Hannah a thiodhlacadh. Chuir Sìne an taigh-seinnse air dòigh às ùr. Bha na saighdearan air an cur a-null thairis ann an seirbheis a’ Chrùin. Cha do thuig iad riamh gum b’ e an duine a fhuair an t-airgead bhuapa fear de na reubaltaich a bha iad a’ lorg. Seadh, ’s e sin a bh’ ann an Iain Bàn – reubaltach Seumasach! Thill e gu bheatha mar ruagalaiche anns a’ mhonadh faisg air Duras.

The inn of Dores (2)

English Beurla

I was telling you about an incident in the Dores Inn, beside Loch Ness, after the Battle of Culloden. Jean’s mother, Hannah, was murdered by a redcoat soldier who was on the way to Fort Augustus. Jean went on horseback to Fort Augustus, along with Fair John from Dores, and another man. On the back of a fourth horse, was Hannah’s body.

The sentries stopped them. ‘I am Alexander Fraser from Drumashie,’ said Fair John. They did not know Alexander, who was a cousin of John’s. But they would know, perhaps, that he was a landlord who was supportive of the government. John knew that the Duke of Cumberland was in the fort. He said to the sentries that he was wanting to speak to the Duke.

A lieutenant came to speak to him. John said that he was wanting to speak to the Duke. A major came. John told him the same thing.

Eventually, John got an opportunity to speak to Cumberland himself. He showed Hannah’s body to him. He explained that her daughter was left without money and without a close relative, and that it was redcoat soldiers that were responsible. In addition to the murder, the soldiers [had] destroyed the inn.

The Duke listened to the appeal. He asked John to go to an inn in Fort Augustus and wait there. A few hours after that, a colonel came in, with a leather satchel under his arm. There was money in it for Jean. The officers who were guilty of the crime had put money together. There was enough there to provide a good burial for Hannah, and to get Dores Inn on its feet again.

The group returned to Dores. Hannah was buried. Jean set up the inn anew. The soldiers were sent overseas in the service of the Crown. They never understood that the man who got the money from them was one of the rebels that they were seeking. Aye, that’s what Fair John was – a Jacobite rebel! He returned to his life as a fugitive on the hills near Dores

Show English

Taigh-seinnse Dhurais (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu thachartas ann an Taigh-seinnse Dhurais, taobh Loch Nis, an dèidh Blàr Chùil Lodair. Chaidh màthair Sìne, Hannah, a mhurt le saighdear dearg a bha air an rathad a Chille Chuimein. Chaidh Sìne air muin eich a Chille Chuimein, còmhla ri Iain Bàn à Duras agus fear eile. Air muin ceathramh eich, bha corp Hannah.

Chuir na freiceadain stad orra. ‘Is mise Alasdair Friseal à Druim Athaisidh,’ thuirt Iain Bàn. Cha robh iad eòlach air Alasdair, a bha na cho-ogha do dh’Iain. Ach bhiodh fios aca, ’s dòcha, gur e uachdaran a bha ann a bha taiceil don riaghaltas. Bha fios aig Iain gun robh Diùc Chumberland anns a’ ghearasdan. Thuirt e ris na freiceadain gun robh e ag iarraidh bruidhinn ris an Diùc.

Thàinig leifteanant a bhruidhinn ris. Thuirt Iain gun robh e ag iarraidh bruidhinn ris an Diùc. Thàinig màidsear. Dh’inns Iain an aon rud dhasan.

Mu dheireadh thall, fhuair Iain cothrom bruidhinn ri Cumberland fhèin. Sheall e corp Hannah dha. Mhìnich e gun robh a nighean air fhàgail gun sgillinn ruadh is gun dlùth-charaid, agus gur iad saighdearan dearga a bu choireach. A bharrachd air a’ mhurt, sgrios na saighdearan an taigh-seinnse.

Dh’èist an Diùc ris an tagradh. Dh’iarr e air Iain a dhol a thaigh-seinnse ann an Cille Chuimein agus feitheamh an sin. Beagan uairean a thìde an dèidh làimhe, thàinig còirneal a-steach, le màileid leathair fo achlais. Bha airgead na broinn do Shìne. Bha na h-oifigearan a bha ciontach dhen eucoir air airgead a chur ri chèile. Bha gu leòr ann airson tiodhlacadh math a thoirt do Hannah, agus airson Taigh-seinnse Dhurais a chur air a chasan a-rithist.

Thill an còmhlan a Dhuras. Chaidh Hannah a thiodhlacadh. Chuir Sìne an taigh-seinnse air dòigh às ùr. Bha na saighdearan air an cur a-null thairis ann an seirbheis a’ Chrùin. Cha do thuig iad riamh gum b’ e an duine a fhuair an t-airgead bhuapa fear de na reubaltaich a bha iad a’ lorg. Seadh, ’s e sin a bh’ ann an Iain Bàn – reubaltach Seumasach! Thill e gu bheatha mar ruagalaiche anns a’ mhonadh faisg air Duras.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1072

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile