menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

The Six Wee Bannocks (Litir Bheag 729) Na Sia Bonnaich Bheaga (Litir Bheag 729)

The Six Wee Bannocks Na Sia Bonnaich Bheaga

I’m going to tell you ‘The Six Wee Bannocks’.

There was once a widow’s son. He left to seek his fortune. He came to a giant’s house. The giant took him on as a helper. When the lad rose in the morning, he asked the lad to muck out his seven byres. But whatever the lad would put out of the first door, it would come in through the other door.

When night came, the giant’s daughter came. ‘You’re distressed,’ she said.

‘Yes,’ agreed the lad.

‘If you promise,’ she said, ‘that you will never have another wife but me, I’ll do the job for you.’

‘Well, I’ll promise,’ said the lad.

‘Gather, spade!’ said she. ‘Put out, fork!’ Within a few minutes, there was nothing left in the byres.

The giant came home. He saw that the byres were empty.

Next day, the giant was leaving for the hunting mountain. He asked the lad to thatch the seven byres with the down of [the] birds.

The lad was hunting all day. He only saw one seagull.

The giant’s daughter said to him, ‘You are distressed.’

‘I am,’ said he.

‘If you promise me,’ said she, ‘that you will have never have a wife but me, I’ll do the job for you.’

‘I‘ll promise,’ said the lad.

The daughter took three grains of barley from her pocket. She threw them on the roofs of the byres. Flocks of birds gathered on the roofs. Within a few minutes, they were thatched with down.

The giant came home. He saw that the byres were thatched.

Next day, the giant asked the lad to catch a horse. But the lad failed to do that.

The giant’s daughter came. They had the same conversation again. She brought out a small bridle. She shook it at the horse. The horse put its head in it.

The giant came home. He took his food and went to bed.

The giant’s daughter said to the lad, ‘Although you did everything, my father is going to kill us anyway.’ They decided to flee. But the daughter made six wee bannocks. We’ll see why next week.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Na Sia Bonnaich Bheaga (Litir Bheag 729)

The Six Wee Bannocks

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh ‘Na Sia Bonnaich Bheaga’.

Bha mac banntraich ann uaireigin. Dh’fhalbh e a dh’iarraidh fhortain. Thàinig e gu taigh famhair. Dh’aontaich am famhair gabhail ris mar sgalag. Nuair a dh’èirich an gille sa mhadainn, dh’iarr am famhair air na seachd bàthaichean aige a chartadh. Ach na chuireadh an gille a-mach air an dàrna doras, thigeadh e a-staigh air an doras eile.

Nuair a thàinig an oidhche, thàinig nighean an fhamhair. ‘Tha thu air do shàrachadh,’ thuirt i.

‘Tha,’ dh’aontaich an gille.

‘Ma gheallas tu,’ ars ise, ‘nach bi bean-phòsta agad gu bràth ach mise, nì mise an gnothach dhut.’

‘Uill, geallaidh,’ thuirt an gille.

‘Cruinnich, a shluasaid!’ ars ise. ‘Cuir a-mach, a ghràpa!’ An ceann beagan mhionaidean, cha robh càil air fhàgail anns na bàthaichean.

Thàinig am famhair dhachaigh. Chunnaic e gun robh na bàthaichean falamh.

An làrna-mhàireach, bha am famhair a’ falbh don bheinn-sheilg. Dh’iarr e air a’ ghille na seachd bàthaichean a thughadh le clòimhteach nan eun.

Bha an gille a’ sealg fad an latha. Chan fhac’ e ach aon fhaoileag.

Thuirt nighean an fhamhair ris, ‘Tha thu air do shàrachadh.’

‘Tha,’ ars esan.

‘Ma gheallas tu,’ ars ise, ‘nach bi bean-phòsta agad gu bràth ach mise, nì mise an gnothach dhut.’

‘Geallaidh,’ thuirt an gille.

Thug an nighean trì gràinneanan eòrna a-mach à poca. Thilg i air mullaichean nam bàthaichean iad. Chruinnich eunlaith air na mullaichean. Taobh a-staigh beagan mhionaidean, bha iad tughte le clòimhteach.

Thàinig am famhair dhachaigh. Chunnaic e gun robh na bàthaichean tughte.

An làrna-mhàireach, dh’iarr am famhair air a’ ghille each a ghlacadh. Ach dh’fhailnich air a’ ghille a ghlacadh.

Thàinig nighean an fhamhair. Bha an aon chòmhradh aca a-rithist. Thug i srian bheag a-mach. Chrath i ris an each i. Chuir an t-each a cheann innte.

Thàinig am famhair dhachaigh. Ghabh e a bhiadh, agus chaidh e a laighe.

Thuirt nighean an fhamhair ris a’ ghille, ‘Ged a rinn thu a h-uile rud, tha m’ athair a’ dol gar marbhadh co-dhiù.’ Chuir iad romhpa teicheadh. Ach rinn an nighean sia bonnaich bheaga. Chì sinn carson an-ath-sheachdain.

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1033

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word