FaclairDictionary EnglishGàidhlig

728: Bàs Chaluim Chille (2) 728: The Death of St Columba (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

The Death of St Columba (2)

Gaelic Gàidhlig

Thàinig aingeal Dhè a thadhal air Calum Cille. Chaochail an naomh seachdain an dèidh sin, aig deireadh na Sàbaid agus toiseach Latha an Tighearna. B’ e Latha na Sàbaid an latha ro Dhidòmhnaich anns an Eaglais Cheiltich.

Chaidh Calum Cille agus am fear-frithealaidh aige, Diarmad, a bheannachadh sabhal. ‘Tha mi airson rùn-dìomhair innse dhut,’ thuirt an naomh, ‘ma gheallas tu dhomh nach can thu càil mu dheidhinn ri duine eile fhad ʼs as beò mi.’ Gheall Diarmad an rùn-dìomhair a chumail dha fhèin.

‘Ann am meadhan na h-oidhche seo,’ thuirt Calum Cille, ‘falbhaidh mi, air cuireadh an Tighearna.’ Thòisich am fear-frithealaidh air gul, agus chofhurtaich Calum Cille e.

Thill an naomh don mhanachainn. Letheach-slighe air an rathad, stad e airson fois a ghabhail. Thàinig each bàn thuige. Chuir an t-each a cheann air uchd Chaluim Chille. Sgrìobh Adomnan anns a’ chunntas aige Vita Sancti Columbae, gun do dh’inns Dia don each gun robh bàs a’ tighinn air an naomh. Thòisich an t-each air caoineadh gu goirt.

Dh’fheuch Diarmad ri iomain air falbh. Ach chuir Calum Cille stad air. Bheannaich e an t-each.

Chaidh an naomh gu mullach a’ chnuic os cionn na manachainn. Chuir e a làmhan an-àirde agus bheannaich e a’ mhanachainn. ‘Ged as beag is suarach an t-àite seo,’ thuirt e, ‘gidheadh, bidh rìghrean is sluagh na h-Alba a’ toirt mòr-urram dha.’

Chaidh Calum Cille don bhothan aige. Bha e a’ dèanamh tàr-sgrìobhadh air na sailm. Bha e ag obair air an deicheamh rann dhen cheathramh Salm air fhichead: Bidh easbhaidh air na leòmhanaibh òga, agus bidh acras orra; ach orrasan a dh’iarras an Tighearna, cha bhi maith air bith a dhìth .

‘An seo,’ thuirt e, ‘feumaidh mi sguir. Sgrìobhadh Baithéne na leanas air.’ Bha e ag ainmeachadh an duine a leanadh air fhèin mar Aba Ì.

Aig meadhan-oidhche, chaidh Calum Cille don eaglais. Lean Diarmad air. Aig astar, chunnaic Diarmad gun robh an eaglais làn solais. Ach, nuair a thàinig e faisg air an doras, dh’fhalbh an solas. Bha Calum Cille na laighe air beulaibh na h-altair. Thàinig na manaich, agus bheannaich an naomh iad le a làimh. Goirid an dèidh sin, dh’fhàg anam a chorp.

Bàs Chaluim Chille (2)

English Beurla

An angel of God came to visit St Columba. The saint died a week later, at the end of the Sabbath and the beginning of the Lord’s Day. The Sabbath Day was the day before Sunday in the Celtic Church.

Columba and his servant, Diarmad, went to bless a barn. ‘I want to tell you a secret,’ said the saint, ‘if you promise me that you won’t say anything about it to another person while I live.’ Diarmad promised to keep the secret to himself.

In the middle of the night tonight,’ said Columba, ‘I’ll leave by the invitation of the Lord.’ The servant started to cry, and Columba comforted him.

The saint returned to the monastery. Halfway, he stopped to take a rest. A white horse came to him. The horse put its head on Columba’s lap. Adomnan in his account Vita Sancti Columbae, wrote that God told the horse that the saint was going to die. The horse started to sob uncontrollably.

Diarmad tried to drive it away. But Columba stopped him. He blessed the horse.

The saint went to the summit of the hill above the monastery. He put his hands up and he blessed the monastery. ‘Small and mean though it is,’ he said, ‘yet it shall be held in great honour by the kings and people of Scotland.’

Columba went to his hut. He was transcribing the psalms. He was working on the tenth verse of the 34th psalm: the young lions do lack and they suffer hunger; but those who seek the Lord shall not want any good thing.

‘Here,’ he said, ‘I must stop. Let Baithéne write what follows.’ He was naming the man who would follow himself as the Abbot of Iona.

At midnight, Columba went to the church. Diarmad followed him. At a distance, Diarmad saw that the church was full of light. But, when he came close to the door, the light disappeared. Columba was lying in front of the altar. The monks came, and the saint blessed the monks with his hand. Shortly after, his soul left his body.

The Death of St Columba (2)

Gaelic Gàidhlig

Thàinig aingeal Dhè a thadhal air Calum Cille. Chaochail an naomh seachdain an dèidh sin, aig deireadh na Sàbaid agus toiseach Latha an Tighearna. B’ e Latha na Sàbaid an latha ro Dhidòmhnaich anns an Eaglais Cheiltich.

Chaidh Calum Cille agus am fear-frithealaidh aige, Diarmad, a bheannachadh sabhal. ‘Tha mi airson rùn-dìomhair innse dhut,’ thuirt an naomh, ‘ma gheallas tu dhomh nach can thu càil mu dheidhinn ri duine eile fhad ʼs as beò mi.’ Gheall Diarmad an rùn-dìomhair a chumail dha fhèin.

‘Ann am meadhan na h-oidhche seo,’ thuirt Calum Cille, ‘falbhaidh mi, air cuireadh an Tighearna.’ Thòisich am fear-frithealaidh air gul, agus chofhurtaich Calum Cille e.

Thill an naomh don mhanachainn. Letheach-slighe air an rathad, stad e airson fois a ghabhail. Thàinig each bàn thuige. Chuir an t-each a cheann air uchd Chaluim Chille. Sgrìobh Adomnan anns a’ chunntas aige Vita Sancti Columbae, gun do dh’inns Dia don each gun robh bàs a’ tighinn air an naomh. Thòisich an t-each air caoineadh gu goirt.

Dh’fheuch Diarmad ri iomain air falbh. Ach chuir Calum Cille stad air. Bheannaich e an t-each.

Chaidh an naomh gu mullach a’ chnuic os cionn na manachainn. Chuir e a làmhan an-àirde agus bheannaich e a’ mhanachainn. ‘Ged as beag is suarach an t-àite seo,’ thuirt e, ‘gidheadh, bidh rìghrean is sluagh na h-Alba a’ toirt mòr-urram dha.’

Chaidh Calum Cille don bhothan aige. Bha e a’ dèanamh tàr-sgrìobhadh air na sailm. Bha e ag obair air an deicheamh rann dhen cheathramh Salm air fhichead: Bidh easbhaidh air na leòmhanaibh òga, agus bidh acras orra; ach orrasan a dh’iarras an Tighearna, cha bhi maith air bith a dhìth .

‘An seo,’ thuirt e, ‘feumaidh mi sguir. Sgrìobhadh Baithéne na leanas air.’ Bha e ag ainmeachadh an duine a leanadh air fhèin mar Aba Ì.

Aig meadhan-oidhche, chaidh Calum Cille don eaglais. Lean Diarmad air. Aig astar, chunnaic Diarmad gun robh an eaglais làn solais. Ach, nuair a thàinig e faisg air an doras, dh’fhalbh an solas. Bha Calum Cille na laighe air beulaibh na h-altair. Thàinig na manaich, agus bheannaich an naomh iad le a làimh. Goirid an dèidh sin, dh’fhàg anam a chorp.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1032

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile