menushow menuhide
GàidhligEnglish
facebook icon twitter icon email icon

An Litir Bheag (The Little Letter) An Litir Bheag

Ruairidh MacIlleathain Sreath de litrichean a bheir taic do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Bidh iad seo cuideachail do luchd-ionnsachaidh a tha seachad air ìre-tòiseachaidh agus a tha ag iarraidh barrachd Gàidhlig a leughadh. Tha faidhle fuaim, teacsa agus eadar-theangachadh an cois gach litir. Sna tràth-litrichean, tha puingean cànain is abairtean a’ gabhail àite eadar-theangachadh slàn. A series of letters that offer support to Gaelic learners. These will be helpful to learners who are beyond a beginners’ level and want to read more. Audio, text and translation accompany each letter. In the early letters, language points and phrases are provided instead of a full translation.

New Letters Litrichean Ùra

  • Go to a letter Theirig gu litir

Search Lorg

Fearchar a’ Ghunna (2) (Litir Bheag 690) Fearchar a’ Ghunna (2) (Litir Bheag 690)

Fearchar a’ Ghunna (2) Fearchar a’ Ghunna (2)

I was telling you about Fearchar a’ Ghunna. In terms of food, he wasn’t fussy. When he would find a dead rook, he would eat it. He was keen on frogs. But he was taking their eyes out to begin with. He didn’t enjoy it when he was eating them that they were looking at him!

He was keen on hunting but he had poor aim. One day he was near Castle Brahan when he saw a rook. He fired on it but the bird left in full health. A month later, Farquhar was miles away from Brahan when he found a dead rook that had been killed by a gamekeeper. Our hero picked up the bird. ‘Look at this, look at this!’ he shouted. ‘This is the rook I shot at at Castle Brahan!’ And Farquhar ate the bird!

Farquhar was walking on a road when he saw an animal. He fired on it, but he didn’t damage it at all. But he was of the opinion that it was wounded. He ran after it. All day long he followed it. The animal was keeping a distance between itself and the hunter. Finally, Farquhar reached a house. ‘Why are you running after my donkey?’ the man of the house asked.

‘It’s a stag I felled on the hill,’ said Farquhar. Apparently Farquhar hadn’t seen a donkey before that.

Sometimes people were taking advantage of Farquhar because he spoke no English. One day he was at the market in Muir of Ord. He saw one of the gentry who spoke no Gaelic. Farquhar knew he had gunpowder. He spoke to another gentleman who did speak Gaelic. ‘How do I ask him for powder?’ Farquhar asked about the other man.

‘Oh, say three English words to him,’ the other man replied. ‘ Guard your life. And you’ll get plenty of powder.’

Farquhar went to the other man. ‘Guard your life!’ he said to him and the other man fled in fear!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

Fearchar a’ Ghunna (2) (Litir Bheag 690)

Fearchar a’ Ghunna (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Fhearchar a’ Ghunna. A thaobh biadh, cha robh e miarraideach. Nuair a lorgadh e ròcas marbh, bhiodh e ga ithe. Bha e measail air losgannan. Ach bha e a’ toirt an sùilean asta an toiseach. Cha do chòrd e ris nuair a bha e gan ithe gun robh iad a’ coimhead air!

Bha e measail air sealg ach cha robh amas math aige. Latha a bha seo bha e faisg air Caisteal Bhrathainn nuair a chunnaic e ròcas. Loisg e air ach dh’fhalbh an t-eun cho slàn ri breac. Mìos an dèidh sin, bha Fearchar mìltean air falbh bho Bhrathann nuair a lorg e ròcas a chaidh a mharbhadh le geamair. Thog ar laoch an t-eun an-àirde. ‘Seall seo, seall seo!’ ghlaodh e. ‘Seo an ròcas air an do loisg mi aig Caisteal Bhrathainn!’ Agus dh’ith Fearchar an t-eun!

Bha Fearchar a’ coiseachd air rathad nuair a chunnaic e beathach. Loisg e air, ach cha do rinn e cron sam bith air. Ach bha e dhen bheachd gun robh air a leòn. Ruith e às a dhèidh. Fad an latha a lean e air. Bha am beathach a’ cumail astar eadar e fhèin agus an sealgair. Mu dheireadh, ràinig Fearchar taigh. ‘Carson a tha thu a’ ruith an dèidh m’ asail?’ dh’fhaighnich fear an taighe.

‘ʼS e a tha ann damh a thilg mi air a’ mhonadh,’ thuirt Fearchar. A rèir choltais cha robh Fearchar air asal fhaicinn roimhe sin.

Uaireannan bha daoine a’ gabhail brath air Fearchar leis nach robh Beurla aige. Latha a bha seo bha e aig a’ mhargaidh anns a’ Bhlàr Dhubh. Chunnaic e fear de na h-uaislean aig nach robh Gàidhlig. Bha fios aig Fearchar gun robh fùdar-gunna aige. Bhruidhinn e ri duine-uasal eile aig an robh Gàidhlig. ‘Ciamar a dh’iarras mi fùdar air?’ dh’fhaighnich Fearchar mun fhear eile.

‘O, can ris trì faclan Beurla,’ fhreagair an duine eile. ‘ Guard your life. Agus gheibh thu fùdar gu leòr.’

Chaidh Fearchar chun an duine eile. ‘ Guard your life! ’ thuirt e ris agus theich am fear eile le eagal!

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF: Thoir a-nuas Litir mar PDF: Adobe PDF of this letter

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 994

Podcast

BBC offers this litir as a podcast – visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other Letters Litrichean eile

data loading indicator

Àireamh / Number

Facal / Word