FaclairDictionary EnglishGàidhlig

679: Gràinne and the Grey Wizard (1) 679: Gràinne agus am Buidseach Glas (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gràinne agus am Buidseach Glas (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’innseadh dhuibh stòiridh mu Oisean, mac Fhinn mhic Cumhail. Ach tha mo sgeul a’ tòiseachadh mus do rugadh e. Latha a bha seo, bha Fionn cuide ri caraidean ann an Gleann Eilg. Nochd boireannach. Bha cleòc dearg oirre. B’ ise Cailleach Ruadh nan Sìthichean. Bha i na seanmhair do Ghràinne, bean Fhinn.

‘Thàinig am Buidseach Glas agus thug e Gràinne air falbh leis,’ thuirt a’ chailleach. ‘Tha i a-nise ann an Tìr an Dorchadais. Feumaidh tu a sàbhaladh.’

‘Ceart gu leòr,’ arsa Fionn. ‘Falbhaidh mi an ceartuair.’

Thug a’ chailleach trì rudan prìseil dha – bioran à craobh-ghiuthais, èiteag ghleansach agus clach bheag gharbh dhubh. ‘Tha draoidheachd anns na trì rudan seo,’ thuirt i.

Dh’fhalbh Fionn gu Tìr an Dorchadais. Fad làithean a choisich e, agus bha dìreach dà ghràn de choirce aige. Shuidh e aig bonn craoibhe airson an ithe. Chuala e gràgail os a chionn. Bha fitheach mòr air geug. ‘Gròg, gròg,’ ars am fitheach. ‘An toir thu gràn corca dhomh, Fhinn. Tha an t-acras mòr orm.’

‘Tha an t-acras air an dithis againn, a charaid,’ thuirt Fionn. Agus thug e gràn corca don fhitheach.

‘Mo bheannachd agad,’ thuirt am fitheach. ‘Nuair a bhios feum agad orm, bidh mi ann dhut.’

Lean Fionn air a shlighe agus ràinig e cladach. Bha an t-acras air fhathast. Chunnaic e ròn glas air a’ chladach agus thug e a chlaidheamh a-mach. Ach thuirt an ròn ris, ‘Na marbh mi, Fhinn. Ma mharbhas tu mi, gheibh mo chuid cloinne bàs cuideachd.’

Chuir Fionn a chlaidheamh air ais na thruaill. Dh’fhalbh an ròn. Thill e taobh a-staigh dà mhionaid le bradan mòr na bheul. Thug e am bradan do Fhionn.

Thàinig Fionn gu creachann – àite làn chlachan anns nach robh lus sam bith a’ fàs. Bhreab e clach gun fhiosta dha gun robh i na dachaigh do luchag. ‘Carson a mhill thu an taigh agam?’ thuirt an luchag. ‘Cha do rinn mi cron sam bith ort.’

Mus d’fhuair Fionn cothrom bruidhinn, thàinig iolaire mhòr a-nuas. Thog i an luchag na spuirean. Agus innsidh mi dhuibh tuilleadh an-ath-sheachdain.

Gràinne and the Grey Wizard (1)

English Beurla

I’m going to tell you a story about Oisean, the son of Fionn mac Cumhail. But my story begins before he was born. One day, Fionn was along with friends in Glenelg. A woman appeared. She wore a red cloak. She was the red-haired old woman of the fairies. She was grandmother to Gràinne, Fionn’s wife.

‘The Grey Magician came and took Gràinne away with him,’ said the old woman. ‘She is now in the Land of Darkness. You must save her.’

‘OK,’ said Fionn. ‘I’ll leave shortly.’

The old woman gave him three valuable things – a needle from pine tree, a shiny white pebble and a little rough black stone. ‘There is magic in these three things,’ she said.

Fionn left for the Land of Darkness. For days he walked, and he had only two grains of oats. He sat at the base of a tree to eat them. He heard a croaking above him. There was a large raven on a branch. ‘Gròg, gròg,’ said the raven. ‘Will you give me a grain of oats, Fionn. I’m hungry.’

‘We’re both hungry, friend,’ said Fionn. And he gave the raven an oat grain.

‘My blessing to you,’ said the raven. ‘When you need me, I’ll be there for you.’

Fionn continued on his way and he reached a shore. He was still hungry. He saw a grey seal on the shore and he took out his sword. But the seal said to him, ‘Don’t kill me, Fionn. If you kill me, my children will also die.’

Fionn put his sword back in his sheath. The seal left. It returned within two minutes with a big salmon in its mouth. It gave Fionn the salmon.

Fionn came to a ‘creachann’ – a place full of stones in which no plant grows. He kicked a stone without knowing that it was home to a mouse. ‘Why did you destroy my house?’ said the mouse. ‘I’ve never done you any harm.’

Before Fionn had an opportunity to speak, a large eagle came down. It picked up the mouse in its claws. And I’ll tell you more next week.

Gràinne agus am Buidseach Glas (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ dol a dh’innseadh dhuibh stòiridh mu Oisean, mac Fhinn mhic Cumhail. Ach tha mo sgeul a’ tòiseachadh mus do rugadh e. Latha a bha seo, bha Fionn cuide ri caraidean ann an Gleann Eilg. Nochd boireannach. Bha cleòc dearg oirre. B’ ise Cailleach Ruadh nan Sìthichean. Bha i na seanmhair do Ghràinne, bean Fhinn.

‘Thàinig am Buidseach Glas agus thug e Gràinne air falbh leis,’ thuirt a’ chailleach. ‘Tha i a-nise ann an Tìr an Dorchadais. Feumaidh tu a sàbhaladh.’

‘Ceart gu leòr,’ arsa Fionn. ‘Falbhaidh mi an ceartuair.’

Thug a’ chailleach trì rudan prìseil dha – bioran à craobh-ghiuthais, èiteag ghleansach agus clach bheag gharbh dhubh. ‘Tha draoidheachd anns na trì rudan seo,’ thuirt i.

Dh’fhalbh Fionn gu Tìr an Dorchadais. Fad làithean a choisich e, agus bha dìreach dà ghràn de choirce aige. Shuidh e aig bonn craoibhe airson an ithe. Chuala e gràgail os a chionn. Bha fitheach mòr air geug. ‘Gròg, gròg,’ ars am fitheach. ‘An toir thu gràn corca dhomh, Fhinn. Tha an t-acras mòr orm.’

‘Tha an t-acras air an dithis againn, a charaid,’ thuirt Fionn. Agus thug e gràn corca don fhitheach.

‘Mo bheannachd agad,’ thuirt am fitheach. ‘Nuair a bhios feum agad orm, bidh mi ann dhut.’

Lean Fionn air a shlighe agus ràinig e cladach. Bha an t-acras air fhathast. Chunnaic e ròn glas air a’ chladach agus thug e a chlaidheamh a-mach. Ach thuirt an ròn ris, ‘Na marbh mi, Fhinn. Ma mharbhas tu mi, gheibh mo chuid cloinne bàs cuideachd.’

Chuir Fionn a chlaidheamh air ais na thruaill. Dh’fhalbh an ròn. Thill e taobh a-staigh dà mhionaid le bradan mòr na bheul. Thug e am bradan do Fhionn.

Thàinig Fionn gu creachann – àite làn chlachan anns nach robh lus sam bith a’ fàs. Bhreab e clach gun fhiosta dha gun robh i na dachaigh do luchag. ‘Carson a mhill thu an taigh agam?’ thuirt an luchag. ‘Cha do rinn mi cron sam bith ort.’

Mus d’fhuair Fionn cothrom bruidhinn, thàinig iolaire mhòr a-nuas. Thog i an luchag na spuirean. Agus innsidh mi dhuibh tuilleadh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 983

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile