FaclairDictionary EnglishGàidhlig

639: Mar a thàinig an guirmean a dh’Alba (2) 639: How woad came to scotland (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

How woad came to scotland (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu mar a fhuair an guirmean gu ruige Alba. Bha dìlleachdan Barrach air bòrd bàta. Bha an sgiobair a’ dol ga chur thar a’ chliathaich.

‘Na dèan sin,’ thuirt am meat. ‘Cumaidh mise e. Gheibh mi àite dha aig ar ceann-uidhe.’ Ghabh an sgiobair ris a sin.

Ràinig iad na h-Innseachan. Bha am meat eòlach air tuathanach ann. Thug e an gille gu taigh an tuathanaich. ‘An gabh thu an gille seo?’ thuirt e ris an tuathanach. ‘An cùm thu e gus an tig mise air an ath bhòidse?’

‘Glè mhath,’ ars an tuathanach.

Dh’fhalbh am meat a sheòladh nan cuantan. Bha an tuathanach math don ghille. Latha de na làithean, thuirt an tuathanach ris, ‘Bheir mi dhut bara an-diugh. Thèid thu a dh’iarraidh connadh bhon choille. Thoir leat do dhinnear.’

‘Glè mhath,’ ars an gille. Thug e leis tuagh is bara agus thòisich e air connadh a ghearradh. Cha robh e ann fada nuair a thàinig duine. Bha an t-acras air. Riaraich an gille an dinnear air an dithis aca. Lìon an duine am bara agus chuir e an gille air an rathad.

Chaidh an gille dhachaigh. Chaidh iarraidh air a dhol a-mach air an làrna-mhàireach a-rithist airson tuilleadh connaidh fhaighinn. Thuirt e ri bean an tuathanaich nach robh an dinnear aige an latha roimhe pailt gu leòr.

‘Glè mhath,’ ars ise. ‘Bidh an dinnear agad pailt an turas seo.’ Dh’fhalbh an gille. An turas seo thàinig dithis fhear. Riaraich an gille am biadh air an triùir aca. Lìon an dithis eile am bara aige agus chuir iad air an rathad e.

Anns a’ mhadainn, chunnaic e bean an tuathanaich. ‘An dèan thu,’ ars esan, ‘an dinnear dhomh nas pailte an-diugh.’

‘Glè mhath,’ ars ise.

Dh’fhalbh an gille a-rithist. Thàinig triùir a choimhead air. Riaraich e a chuid bìdh air a’ cheathrar. An turas seo, cha do chuir na fir an gille dhachaigh. Thug iad leotha e. Bha e air falbh beagan làithean. Bha na fir toilichte leis a’ ghille agus lìon iad a bhara le slatan òir. Agus leanaidh an sgeulachd san ath Litir.

Mar a thàinig an guirmean a dh’Alba (2)

English Beurla

I was telling you about how guirmean or woad [perhaps actually guirmean Innseanach, indigo] came to Scotland. There was an orphaned Barra lad on board a boat. The captain was going to throw him overboard.

‘Don’t do that,’ said the mate. ‘I’ll keep him. I’ll get him a place at our destination.’ The captain accepted that.

They reached India [the Indies]. The mate knew a farmer there. He took the lad to the farmer’s house. ‘Will you take this lad?’ he said to the farmer. ‘Will you keep him until I come on the next voyage?’

‘Very good,’ said the farmer.

The mate left to sail the oceans. The farmer was good to the lad. One day, the farmer said to him, ‘I’ll give you a barrow today. You’ll go to fetch fuel from the forest. Take your dinner with you.’

‘Very good,’ said the lad. He took an axe and barrow with him and he started to cut fuel [wood]. He wasn’t there long when a man came. He was hungry. The lad shared the dinner between the two of them. The man filled the barrow and sent the lad on his way.

The lad went home. He was asked to go out again the next day to fetch more fuel. He said to the farmer’s wife that his dinner the previous day had not been large enough.

‘Very good,’ she said. ‘Your dinner this time will be large.’ The lad left. This time two men came. The lad divided the food amongst the three of them. The two others filled his barrow and they put him on the road.

In the morning, he saw the farmer’s wife. ‘Will you,’ he said, ‘make the dinner bigger today?’

‘Very good,’ said she.

The lad left again. Three men came to see him. He divided his food amongst the four. This time, the men didn’t send the lad home. They took him with them. He was gone for some days. The men were pleased with the lad and they filled his barrow with rods of gold. And the story will continue in the next Litir.

How woad came to scotland (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu mar a fhuair an guirmean gu ruige Alba. Bha dìlleachdan Barrach air bòrd bàta. Bha an sgiobair a’ dol ga chur thar a’ chliathaich.

‘Na dèan sin,’ thuirt am meat. ‘Cumaidh mise e. Gheibh mi àite dha aig ar ceann-uidhe.’ Ghabh an sgiobair ris a sin.

Ràinig iad na h-Innseachan. Bha am meat eòlach air tuathanach ann. Thug e an gille gu taigh an tuathanaich. ‘An gabh thu an gille seo?’ thuirt e ris an tuathanach. ‘An cùm thu e gus an tig mise air an ath bhòidse?’

‘Glè mhath,’ ars an tuathanach.

Dh’fhalbh am meat a sheòladh nan cuantan. Bha an tuathanach math don ghille. Latha de na làithean, thuirt an tuathanach ris, ‘Bheir mi dhut bara an-diugh. Thèid thu a dh’iarraidh connadh bhon choille. Thoir leat do dhinnear.’

‘Glè mhath,’ ars an gille. Thug e leis tuagh is bara agus thòisich e air connadh a ghearradh. Cha robh e ann fada nuair a thàinig duine. Bha an t-acras air. Riaraich an gille an dinnear air an dithis aca. Lìon an duine am bara agus chuir e an gille air an rathad.

Chaidh an gille dhachaigh. Chaidh iarraidh air a dhol a-mach air an làrna-mhàireach a-rithist airson tuilleadh connaidh fhaighinn. Thuirt e ri bean an tuathanaich nach robh an dinnear aige an latha roimhe pailt gu leòr.

‘Glè mhath,’ ars ise. ‘Bidh an dinnear agad pailt an turas seo.’ Dh’fhalbh an gille. An turas seo thàinig dithis fhear. Riaraich an gille am biadh air an triùir aca. Lìon an dithis eile am bara aige agus chuir iad air an rathad e.

Anns a’ mhadainn, chunnaic e bean an tuathanaich. ‘An dèan thu,’ ars esan, ‘an dinnear dhomh nas pailte an-diugh.’

‘Glè mhath,’ ars ise.

Dh’fhalbh an gille a-rithist. Thàinig triùir a choimhead air. Riaraich e a chuid bìdh air a’ cheathrar. An turas seo, cha do chuir na fir an gille dhachaigh. Thug iad leotha e. Bha e air falbh beagan làithean. Bha na fir toilichte leis a’ ghille agus lìon iad a bhara le slatan òir. Agus leanaidh an sgeulachd san ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 943

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile