ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

519: Eilean Donan Castle 519: Caisteal Eilean Donnain (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Caisteal Eilean Donnain (1)

Gaelic Gàidhlig

Chaidh mi seachad air Caisteal Eilean Donnain iomadh turas, gun a dhol a-steach ann. Mura h-eil sibh eòlach air, tha Eilean Donnain ann an Loch Dubhthaich, faisg air an Dòrnaidh ann an Loch Aillse. Tha dealbh dheth a’ nochdadh air iomadh bogsa bhriosgaidean is aran-geàrr.

Mu dheireadh thall, chaidh mi a-steach ann o chionn ghoirid. Bha mi a’ dràibheadh seachad air. Bha an latha robach, geamhraideil. Bha dìreach deich càraichean anns an raon-phàrcaidh. Shaoil mi rium fhìn, ‘Carson nach tèid mi ann an-diugh nuair nach eil e trang?’ Bha an aimsir cho dona ’s gun robh mi air mo bhog-fhliuchadh, agus mi a’ ruith eadar an raon-pàrcaidh agus doras mòr a’ chaisteil!

Tha Eilean Donnain ainmeil a chionn ’s gu bheil e tarraingeach don t-sùil. Agus tha e ann an suidheachadh brèagha. Bha fear-iùil againn, fear às an sgìre fhèin. Bha e fiosrachail air armachd. Bha e cuideachd ag innse dhuinn mu na filmichean a chaidh a dhèanamh ann. Tha an t-uabhas dhiubh ann, eadar ‘Highlander’ is feadhainn Bollywood. Agus ’s iomadh cupall a thug am bòidean pòsaidh seachad sa chaisteal. Tha mòran ga thomhas mar àite romansach. ’S dòcha nach robh e buileach cho romansach anns an t-seann aimsir, ge-tà, nuair nach robh teas no solas an dealain ann!

Dè tha an t-ainm a’ ciallachadh – Eilean Donnain? Tha an t-eilean ainmichte airson naomh anns an t-seann aimsir. B’ esan Donnan, an aon duine a chaidh a mharbhadh ann an Eilean Eige anns an t-seachdamh linn. Tha co-dhiù naoi àiteachan air a bheil Cill Donnain mar ainm ann an Alba. Bha an naomh uaireigin ainmeil. ’S e dìreach aon eilean a tha a’ giùlain ainm an naoimh, fhad ’s as aithne dhomh.

Thathar a’ smaoineachadh gun robh cealla Chrìosdail anns an eilean ’s dòcha anns an t-siathamh no seachdamh linn. Chan eil fianais ann de thogalach dhen t-seòrsa sin an-diugh. Ach chaidh clachan glainnichte a lorg anns an eilean. Thathar a’ smaoineachadh gun robh iad sin à togalach a bhuineadh do Linn an Iarainn. Chòrd mo thuras a dh’Eilean Donnain rium. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mun chaisteal an-ath-sheachdain.

Eilean Donan Castle

English Beurla

I went past Eilean Donan Castle many times, without going inside. If you don’t know it, Eilean Donan is on Loch Duich, near Dornie in Lochalsh. There is a picture of it on many tins of biscuits and shortbread.

Finally, I went in recently. I was driving past. The day was wild and wintry. There were only ten cars in the carpark. I thought to myself, ‘Why don’t I go in today when it’s not busy?’ The weather was so bad that I got soaked while running between the carpark and the front door of the castle!

Eilean Donan is famous because it is attractive to the eye. And it’s in a beautiful setting. We had a guide, a man from the local area. He knew a lot about weaponry. He was also telling us about the films made there. There are lots of them, from ‘Highlander’ to some Bollywood films. And many couples have made their wedding vows in the castle. Many reckon it to be a romantic place. Perhaps it wasn’t quite so romantic in olden times, however, when there was no electric heating or light!

What does the name – Eilean Donan – mean? The island is named for a saint in ancient times. He was Donan, the same man who was killed on Eigg in the 7th century. There are at least nine places called Kildonan in Scotland. The saint was famous at one time. It’s just one island that carries the saint’s name, as far as I know.

It’s thought there was a Christian cell on the island, perhaps in the 6th or 7th centuries. There is no evidence of that type of building there today. But vitrified stones were found on the island. It’s thought that they were from a building that belonged to the Iron Age. I enjoyed my visit to Eilean Donan. I’ll tell you more about the castle next week.

Show English

Caisteal Eilean Donnain (1)

Gaelic Gàidhlig

Chaidh mi seachad air Caisteal Eilean Donnain iomadh turas, gun a dhol a-steach ann. Mura h-eil sibh eòlach air, tha Eilean Donnain ann an Loch Dubhthaich, faisg air an Dòrnaidh ann an Loch Aillse. Tha dealbh dheth a’ nochdadh air iomadh bogsa bhriosgaidean is aran-geàrr.

Mu dheireadh thall, chaidh mi a-steach ann o chionn ghoirid. Bha mi a’ dràibheadh seachad air. Bha an latha robach, geamhraideil. Bha dìreach deich càraichean anns an raon-phàrcaidh. Shaoil mi rium fhìn, ‘Carson nach tèid mi ann an-diugh nuair nach eil e trang?’ Bha an aimsir cho dona ’s gun robh mi air mo bhog-fhliuchadh, agus mi a’ ruith eadar an raon-pàrcaidh agus doras mòr a’ chaisteil!

Tha Eilean Donnain ainmeil a chionn ’s gu bheil e tarraingeach don t-sùil. Agus tha e ann an suidheachadh brèagha. Bha fear-iùil againn, fear às an sgìre fhèin. Bha e fiosrachail air armachd. Bha e cuideachd ag innse dhuinn mu na filmichean a chaidh a dhèanamh ann. Tha an t-uabhas dhiubh ann, eadar ‘Highlander’ is feadhainn Bollywood. Agus ’s iomadh cupall a thug am bòidean pòsaidh seachad sa chaisteal. Tha mòran ga thomhas mar àite romansach. ’S dòcha nach robh e buileach cho romansach anns an t-seann aimsir, ge-tà, nuair nach robh teas no solas an dealain ann!

Dè tha an t-ainm a’ ciallachadh – Eilean Donnain? Tha an t-eilean ainmichte airson naomh anns an t-seann aimsir. B’ esan Donnan, an aon duine a chaidh a mharbhadh ann an Eilean Eige anns an t-seachdamh linn. Tha co-dhiù naoi àiteachan air a bheil Cill Donnain mar ainm ann an Alba. Bha an naomh uaireigin ainmeil. ’S e dìreach aon eilean a tha a’ giùlain ainm an naoimh, fhad ’s as aithne dhomh.

Thathar a’ smaoineachadh gun robh cealla Chrìosdail anns an eilean ’s dòcha anns an t-siathamh no seachdamh linn. Chan eil fianais ann de thogalach dhen t-seòrsa sin an-diugh. Ach chaidh clachan glainnichte a lorg anns an eilean. Thathar a’ smaoineachadh gun robh iad sin à togalach a bhuineadh do Linn an Iarainn. Chòrd mo thuras a dh’Eilean Donnain rium. Innsidh mi dhuibh tuilleadh mun chaisteal an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 823

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile