FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Caisteal Eilean Donnain (1)

Bha mi air a bhith seachad air iomadach turas. Bha

Audio is playing in pop-over.

Caisteal Eilean Donnain (1)

Bha mi air a bhith seachad air iomadach turas. Bha mi air dealbhan dheth fhaicinn thall ’s a-bhos fad mo bheatha. Chaidh mi a chèilidh air caraid ann an Astràilia o chionn trì mìosan agus bha dealbh dheth air a’ bhalla anns an t-seòmar-shuidh’ aige. Agus ’s iomadh bogsa de dh’aran-geàrr air a bheil dealbh dheth, uaireannan le beagan tartain timcheall air.

Tha fhios gu bheil sibh a-nise a’ tuigsinn cò air a tha mi a-mach – fear de chaistealan ainmeil na h-Alba. Agus ma chanas mi gur ann air eilean beag ann an loch-mara air taobh an iar na Gàidhealtachd a tha e, bidh fios agaibh cò fear a tha mi a’ ciallachadh – Eilean Donnain. Mura h-eil sibh eòlach air, tha e ann an Loch Dubhthaich, faisg air an Dòrnaidh ann an Loch Aillse.

Chunnaic mi dealbh dhen chaisteal air botal uisge-bheatha turas nuair a bha mi ann an Neapal. ’S e ‘Spey Livet’ a bh’ air an uisge-bheatha mar ainm, ach le dealbh de chaisteal air taobh an iar na Gàidhealtachd. Dh’fhàs mi amharasach mu dheidhinn agus thog mi am botal. Air a chùlaibh bha sgrìobhte ‘air a dhèanamh ann an Neapal agus chan fhaodar a reic taobh a-muigh na dùthcha’. Bha Caisteal Eilean Donnain air a’ bhotal oir tha e cho ainmeil.

Ged a bha mi air a bhith seachad air a’ chaisteal iomadach turas, cha robh mi riamh air a dhol a-steach ann. Ach chuir mi sin ceart o chionn ghoirid. Bha mi a’ dol seachad air, air latha robach geamhraideil. Shaoil mi rium fhìn, ‘Carson nach tèid mi ann an-diugh nuair nach eil e trang?’ Ge-tà, bha an aimsir cho dona ’s gun robh mi air mo bhog-fhliuchadh dìreach le bhith a’ coiseachd – no a’ ruith – eadar an raon-pàrcaidh agus an caisteal!

Tha Eilean Donnain cho ainmeil a chionn ’s gu bheil e tarraingeach don t-sùil, agus ann an suidheachadh brèagha. Bha fear-iùil againn, fear a bhuineas don sgìre. Bha e gu math fiosrachail air armachd. Bha e ag innse dhuinn mu na filmichean a chaidh a dhèanamh ann. Tha an t-uabhas dhiubh ann, eadar ‘Highlander’ is feadhainn Bollywood, agus iomadach film eile. Agus ’s iomadh cupall a thug am bòidean pòsaidh seachad sa chaisteal, oir tha mòran ga thomhas mar àite romansach. ’S dòcha nach robh e buileach cho romansach anns an t-seann aimsir nuair nach robh teas no solas an dealain againn, ach coma leinn sin!

Dè tha an t-ainm a’ ciallachadh – Eilean Donnain? Uill, a rèir choltais, tha an t-eilean – a bha bho thùs gun drochaid – ainmichte airson naomh. B’ esan Donnan, an aon duine a chaidh a mharbhadh ann an Eilean Eige anns an t-seachdamh linn. Tha co-dhiù naoi àiteachan air a bheil Cill Donnain mar ainm air feadh Alba, a’ comharrachadh naomh a bha uaireigin ainmeil.

Tha dùil gun robh cealla Chrìosdail air an eilean ’s dòcha anns an t-siathamh no seachdamh linn. Chan eil fianais ann de thogalach dhen t-seòrsa sin an-diugh, ged a chaidh clachan glainnichte a lorg ann. Thathar a’ smaoineachadh gun robh iad sin à togalach a bhuineadh do Linn an Iarainn. Chòrd mo thuras a dh’Eilean Donnain rium, agus innsidh mi dhuibh tuilleadh mun chaisteal an-ath-sheachdain.

Litir 822 Litir 822 Litir 824 Litir 824

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!