ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

247: Barbrag 247: Barbrag

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Barbrag

Gaelic Gàidhlig

Tha grunn seòrsaichean de lus ris an can sinn Mahonia. Ma tha sibh nur gàirnealair, bidh sibh eòlach orra, ’s dòcha. Mar eisimpleir, tha Mahonia aquifolium ann. ’S e sin lus brèagha leis an ainm Bheurla Oregon Grape. Tha e dùthchasach do thaobh an iar Ameireagaidh a Tuath. Tha fear agam fhìn a’ fàs anns an leas agam.

Tha Mahonia de sheòrsa eile agam cuideachd. Tha e mòr is làidir le duilleagan rudeigin biorach. Thig flùraichean buidhe air anns a’ gheamhradh. ’S e an t-ainm air an fhear sin Mahonia napaulensis.

Tuigidh sibh bhon ainm gu bheil e a’ fàs ann an Neapal.

Bha mi ann an Neapal o chionn ghoirid. Bha mi ann an coilltean Hiomalaitheach. Agus chunnaic mi Mahonia napaulensis a’ fàs ann gu nàdarrach. Bha e na phreas mòr agus na chraobh bheag. Bidh cuid ann an Neapal a’ cleachdadh an luis. Tha iad a’ dèanamh leigheas leis – tha iad ag ràdh. Tha an leigheas airson neul-sùla, no cataract.

Bha mi a’ meòrachadh air na lusan sin. Ciamar a fhuair iad a Bhreatainn? Uill, thug daoine ann iad – a dh’aona-ghnothach. Thachair sin gu mòr anns an ochdamh agus an naoidheamh linn deug. ’S e ‘luchd-cruinneachaidh lusan’ a tha againn air na daoine sin. Bha mòran dhiubh Albannach.

’S dòcha gur e am fear a b’ ainmeile dhiubh Daibhidh Dùbhghlas à Siorrachd Pheairt. Thug e ainm do Ghiuthas an Dùbhghlasaich no an Douglas Fir. Rinn esan tòrr cruinneachaidh ann an Ameireagaidh a Tuath. Agus thug e sampaill de Mahonia dhachaigh leis.

Bha Albannach eile ann a thug eisimpleirean de Mahonia dhachaigh leis cuideachd. B’ esan Raibeart Fortune. Bha e ag obair ann an Sìonaidh agus Iapan. Thug e Mahonia japonica a Bhreatainn.

Bha gu leòr eile à Alba a chruinnich lusan thall thairis. Agus bha dithis ann – co-dhiù dithis – aig an robh Gàidhlig. Bidh sinn a’ toirt sùil air fear aca an ath-sheachdain.

Barbrag

English Beurla

There are a few types of plant called Mahonia. If you are a gardener, you’ll know them, perhaps. For example, there is Mahonia aquifolium. That’s a beautiful plant with the English name Oregon Grape. It’s native to the western side of North America. I myself have one growing in my garden.

I also have another type of Mahonia. It’s large and robust with somewhat sharp leaves. Yellow flowers come on it in winter. That one is called Mahonia napaulensis. You’ll understand from the name that it grows in Nepal.

I was in Nepal recently. I was in Himalayan forests. And I saw

Mahonia napaulensis growing there naturally. It was a big bush and a small tree. Some people in Nepal use the plant. They make a treatment with it – so they say. The treatment is for cataract (of the eye).

I was contemplating those plants. How did they get to Britain? Well, people took them there – deliberately. That happened a lot in the eighteenth and nineteenth centuries. We call those people ‘plant collectors’. Many of them were Scottish.

Perhaps the most famous of them was David Douglas from Perthshire. He gave his name to the Douglas Fir. He did a lot of collecting in North America. And he took samples of Mahonia home with him.

There was another Scot who took examples of Mahonia home with him as well. He was Robert Fortune. He was working in China and Japan. He took Mahonia japonica to Britain.

There were plenty of others from Scotland who collected plants overseas. And there were two – at least two – who spoke Gaelic. We’ll look at one of them next week.

Show English

Barbrag

Gaelic Gàidhlig

Tha grunn seòrsaichean de lus ris an can sinn Mahonia. Ma tha sibh nur gàirnealair, bidh sibh eòlach orra, ’s dòcha. Mar eisimpleir, tha Mahonia aquifolium ann. ’S e sin lus brèagha leis an ainm Bheurla Oregon Grape. Tha e dùthchasach do thaobh an iar Ameireagaidh a Tuath. Tha fear agam fhìn a’ fàs anns an leas agam.

Tha Mahonia de sheòrsa eile agam cuideachd. Tha e mòr is làidir le duilleagan rudeigin biorach. Thig flùraichean buidhe air anns a’ gheamhradh. ’S e an t-ainm air an fhear sin Mahonia napaulensis.

Tuigidh sibh bhon ainm gu bheil e a’ fàs ann an Neapal.

Bha mi ann an Neapal o chionn ghoirid. Bha mi ann an coilltean Hiomalaitheach. Agus chunnaic mi Mahonia napaulensis a’ fàs ann gu nàdarrach. Bha e na phreas mòr agus na chraobh bheag. Bidh cuid ann an Neapal a’ cleachdadh an luis. Tha iad a’ dèanamh leigheas leis – tha iad ag ràdh. Tha an leigheas airson neul-sùla, no cataract.

Bha mi a’ meòrachadh air na lusan sin. Ciamar a fhuair iad a Bhreatainn? Uill, thug daoine ann iad – a dh’aona-ghnothach. Thachair sin gu mòr anns an ochdamh agus an naoidheamh linn deug. ’S e ‘luchd-cruinneachaidh lusan’ a tha againn air na daoine sin. Bha mòran dhiubh Albannach.

’S dòcha gur e am fear a b’ ainmeile dhiubh Daibhidh Dùbhghlas à Siorrachd Pheairt. Thug e ainm do Ghiuthas an Dùbhghlasaich no an Douglas Fir. Rinn esan tòrr cruinneachaidh ann an Ameireagaidh a Tuath. Agus thug e sampaill de Mahonia dhachaigh leis.

Bha Albannach eile ann a thug eisimpleirean de Mahonia dhachaigh leis cuideachd. B’ esan Raibeart Fortune. Bha e ag obair ann an Sìonaidh agus Iapan. Thug e Mahonia japonica a Bhreatainn.

Bha gu leòr eile à Alba a chruinnich lusan thall thairis. Agus bha dithis ann – co-dhiù dithis – aig an robh Gàidhlig. Bidh sinn a’ toirt sùil air fear aca an ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 551

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile