FaclairDictionary EnglishGàidhlig

232: Rob Donn (2) 232: Rob Donn (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Rob Donn (2)

Gaelic Gàidhlig

Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh,

Gleanna Gollaidh nan craobh,

Cò a chì e nach mol e,

Gleanna Gollaidh nan craobh.

Bidh cuimhne agaibh air an rainn sin bhon t-seachdain sa chaidh. Bha mi ag innse dhuibh mun bhàrd ainmeil à Dùthaich MhicAoidh – Rob Donn. Bha e a’ fuireach fad ùine anns an t-Srath Mhòr, deas air Loch Hòb. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.

Cha robh na cinn-chinnidh ro thoilichte le Rob. Ann am Bliadhna a’ Phrionnsa, bha cinn-chinnidh Clann ’ic Aoidh taiceil do na Hanobhèirianaich. Ach bha Rob taiceil do na Seumasaich. Seo rann a sgrìobh e:

Nis, a Theàrlaich Òig Stiùbhairt,

Riut tha dùil aig gach fine

Chaidh a chothachadh crùin dhut

’S a leig an dùthaich na teine;

An uair sin tha e a’ samhlachadh nam fineachan mar nathraichean.

Tha iad mar nathraichean falaicht’

A chaill an earradh an-uiridh

Ach tha ’g ath-ghleusadh an gathan

Gu èirigh latha do thighinn.

A bharrachd air sin, bha na h-uachdarain a’ cur stad air daoine bho bhith a’ sealg nam fiadh. Bha Rob Donn nan aghaidh. Bha esan dhen bheachd gun robh e mar phàirt de dhualchas nan Gàidheal a bhith a’ sealg nam fiadh. Seo pìos beag a sgrìobh e mu a bhràthair, Dòmhnall:

Bha fuil am broilleach do lèine,

’S cha b’ e fuil na gaibhre cèire

Ach fuil an fhèidh a bha san dàmhair,

’S cha bu mhèirleach Dòmhnallan Dubh.

Hogaidh hò, mo Dhòmhnallan Dubh,

Sealgair sìthne, Dòmhnallan Dubh,

’S fear neo-bhruidhneach, Dòmhnallan Dubh,

’S gheibh e an nì a chionn a bhith ruith.

Tha cuid a’ smaoineachadh gum b’ fheudar do Rob gluasad a-mach às an t-Srath Mhòr. Bha e an uair sin a’ fuireach air a’ chladach. Agus cha robh e idir faisg air Gleanna Gollaidh. ’S dòcha gur ann an uair sin a sgrìobh e an dàn Gleanna Gollaidh:

Ri faicinn crìoch àrdain

Ga mo bhreugadh gu taobh,

’S ann a smuainich mi fanadh

An Gleanna Gollaidh nan craobh.

Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh,

Gleanna Gollaidh nan craobh,

Cò a chì e nach mol e,

Gleanna Gollaidh nan craobh.

Rob Donn (2)

English Beurla

Glen Golly, Glen Golly,

Glen Golly of the trees

Who could see it and not praise it,

Glen Golly of the trees

You’ll remember that verse from last week. I was telling you about the famous poet from the Mackay Country – Rob Donn (“brown-haired Rob”). He was living for a time in Strath More, south of Loch Hope. He was alive in the Eighteenth Century.

The clan chiefs weren’t too pleased with Rob. In the Year of the Prince (1745-6), the chiefs of the Mackays were supportive of the Hanoverians. But Rob was supportive of the Jacobites. Here’s a verse he wrote:

Now, young Charles Stewart

Every clan places its hope in you

That sought to crown you

And set the country alight;

Then he represents the clans as snakes.

They’re like hidden snakes

Which cast their skins last year

But are making ready their fangs

To arise on the day of your coming.

Not only that, but the chiefs were stopping people from hunting the deer. Rob Donn was against them. He was of the opinion that it was part of the Gaels’ heritage to be hunting the deer. Here’s a wee piece he wrote about his brother, Donald:

There was blood on the front of your shirt,

And it wasn’t the blood of the dark goat

But the blood of the deer in the rut

And he was no robber, black-haired wee Donald.

Hogaidh hò, my Donald Dubh

Hunter of venison, Donald Dubh,

Not a talkative man, Donald Dubh

And he’ll have a reward for the chase.

Some people think that Rob had to move out of Strath More. Then he was then living on the shore. And he wasn’t at all near Glen Golly. Perhaps it is then that he wrote the poem Gleanna Gollaidh:

The view of the frontier heights

Is enticing me yonder

And I thought I would stay

In Glen Golly of the trees.

Glen Golly, Glen Golly,

Glen Golly of the trees

Who could see it and not praise it,

Glen Golly of the trees.

Rob Donn (2)

Gaelic Gàidhlig

Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh,

Gleanna Gollaidh nan craobh,

Cò a chì e nach mol e,

Gleanna Gollaidh nan craobh.

Bidh cuimhne agaibh air an rainn sin bhon t-seachdain sa chaidh. Bha mi ag innse dhuibh mun bhàrd ainmeil à Dùthaich MhicAoidh – Rob Donn. Bha e a’ fuireach fad ùine anns an t-Srath Mhòr, deas air Loch Hòb. Bha e beò anns an ochdamh linn deug.

Cha robh na cinn-chinnidh ro thoilichte le Rob. Ann am Bliadhna a’ Phrionnsa, bha cinn-chinnidh Clann ’ic Aoidh taiceil do na Hanobhèirianaich. Ach bha Rob taiceil do na Seumasaich. Seo rann a sgrìobh e:

Nis, a Theàrlaich Òig Stiùbhairt,

Riut tha dùil aig gach fine

Chaidh a chothachadh crùin dhut

’S a leig an dùthaich na teine;

An uair sin tha e a’ samhlachadh nam fineachan mar nathraichean.

Tha iad mar nathraichean falaicht’

A chaill an earradh an-uiridh

Ach tha ’g ath-ghleusadh an gathan

Gu èirigh latha do thighinn.

A bharrachd air sin, bha na h-uachdarain a’ cur stad air daoine bho bhith a’ sealg nam fiadh. Bha Rob Donn nan aghaidh. Bha esan dhen bheachd gun robh e mar phàirt de dhualchas nan Gàidheal a bhith a’ sealg nam fiadh. Seo pìos beag a sgrìobh e mu a bhràthair, Dòmhnall:

Bha fuil am broilleach do lèine,

’S cha b’ e fuil na gaibhre cèire

Ach fuil an fhèidh a bha san dàmhair,

’S cha bu mhèirleach Dòmhnallan Dubh.

Hogaidh hò, mo Dhòmhnallan Dubh,

Sealgair sìthne, Dòmhnallan Dubh,

’S fear neo-bhruidhneach, Dòmhnallan Dubh,

’S gheibh e an nì a chionn a bhith ruith.

Tha cuid a’ smaoineachadh gum b’ fheudar do Rob gluasad a-mach às an t-Srath Mhòr. Bha e an uair sin a’ fuireach air a’ chladach. Agus cha robh e idir faisg air Gleanna Gollaidh. ’S dòcha gur ann an uair sin a sgrìobh e an dàn Gleanna Gollaidh:

Ri faicinn crìoch àrdain

Ga mo bhreugadh gu taobh,

’S ann a smuainich mi fanadh

An Gleanna Gollaidh nan craobh.

Gleanna Gollaidh, Gleanna Gollaidh,

Gleanna Gollaidh nan craobh,

Cò a chì e nach mol e,

Gleanna Gollaidh nan craobh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 536

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile