LearnGaelic.scot uses cookies. By continuing to use this site we assume you consent to this. You can read about exactly what cookies we use, and why we set them, on our cookies page. This banner will not appear again, but you may read our cookie policy at any time by following the link at the bottom of all our pages.
Dictionary Gàidhlig

23: The MacLeans (1)

B1 - Intermediate - The Little Letter

A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

00:00
00:00

Audio is playing in pop-over.

Na Leathanaich (1)

Gaelic

Anns an t-seachdamh linn deug bha mòran air an cur gu bàs ann an Alba. Carson? ’S e “buidsichean” no “bana-bhuidsichean” a bh’ annta. ’S e sin a bha daoine ag ràdh co-dhiù.

Bha buidheann a’ fuireach air Oighreachd Shrath Ghlais. B’ e sin an oighreachd aig ceann-cinnidh nan Siosalach. ’S e buill de Chloinn ’ic Illeathain a bh’ anns na daoine. Leathanaich. Bha iad fo amharas gu robh iad ri buidseachd. Thug an Siosalach a’ bhuidheann don eaglais ann an Cnoc Mhoire. ’S e boireannaich a bh’ anns a’ mhòrchuid dhiubh.

Bha fear eile ann air an robh MacPheadrais. Bha esan a’ sgrùdadh daoine a bha fo amharas de bhuidseachd. Rinn e sgrùdadh air a h-uile duine de na Leathanaich à Srath Ghlais. Seo mar a rinn e e. Bha prìne fada aige. Dh’iarr e air na daoine an aodach a chur dhiubh. Bha e a’ suathadh a làmhan air am bodhaigean.

Bha e a’ cur a’ phrìne aige annta. Bha e a’ cur a’ phrìne fad an rathaid a-steach. Bha cothrom aig an duine am prìne a lorg. Mura d’ fhuair e lorg air a’ phrìne gu furasta, thuirt MacPheadrais gu robh e ri buidseachd.

Chan eil e furasta prìne mar sin a lorg annad. Chaidh mòran daoine neo-chiontach a chur gu bàs air sàilleabh seo. Agus an là sin ann an Eaglais Chnoc Mhoire, bha na Leathanaich uile “ciontach”.

Bha an Siosalach toilichte. Bha e ag iarraidh na Leathanaich seo a chur gu bàs. Dh’iarr e air a’ Chomhairle Dhìomhair ann an Dùn Èideann leigeil leis coimisean a stèidheachadh. Bha an coimisean a’ dol a thoirt sùil air a’ chùis. Chaidh cead a thoirt seachad airson coimisean.

Ach cò na buill a bh’ air a’ choimisean? A, uill, ann Siosalach fhèin, a bhràthair agus dithis de na co-oghaichean aige. Bha cùisean a’ coimhead dubhach do na Leathanaich. Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: anns an t-seachdamh linn deug: in the 17th Century; bha mòran air an cur gu bàs: many people were put to death; a’ fuireach air Oighreachd Shrath Ghlais: living on the Strathglass Estate; ceann-cinnidh nan Siosalach: the clan chief of the Chisholms; ’s e buill de Chloinn ’ic Illeathain a bh’ anns na daoine: they were members of the Maclean clan; Leathanaich: Macleans; fo amharas gu robh iad ri buidseachd: under suspicion that they were involved in witchcraft; Cnoc Mhoire: Kirkhill; ’s e boireannaich a bh’ anns a’ mhòrchuid dhiubh: most of them were women; bha fear eile ann air an robh MacPheadrais: there was another man called Paterson; rinn e sgrùdadh air a h-uile duine: he scrutinised every person; seo mar a rinn e e: here’s how he did it; prìne fada: a long pin; an aodach a chur dhiubh: to take their clothes off; a’ suathadh a làmhan air am bodhaigean: rubbing his hands on their bodies; bha e a’ cur a’ phrìne fad an rathaid a-steach: he was putting the pin all the way in; mura d’ fhuair e lorg air a’ phrìne gu furasta:if he didn’t find the pin easily; annad: in you; chaidh mòran daoine neo-chiontach a chur gu bàs air sàilleabh seo: many innocent people were put to death because of this; bha na Leathanaich uile “ciontach”: all of the Macleans were “guilty”; dh’iarr e air a’ Chomhairle Dhìomhair ann an Dùn Èideann leigeil leis coimisean a stèidheachadh:he asked the Privy Council in Edinburgh to let him establish a commission; cò na buill a bh’ air a’ choimisean?:who were the members that were on the commission?; dithis de na co-oghaichean aige: two of his cousins; bha cùisean a’ coimhead dubhach: things were looking gloomy; chì sinn dè thachair: we’ll see what happened.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Adobe Acrobat Reader.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Litir do Luchd-ionnsachaidh 327

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe.

Other letters

Deirdre (2)

The Alder Tree

The Amazing Country

The inn of Dores (2)

James MacPherson (1)