FaclairDictionary EnglishGàidhlig

181: Sir John MacKenzie (3) 181: Sir Iain MacCoinnich (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sir Iain MacCoinnich (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha Sir Iain MacCoinnich na Mhinistear airson an Fhearainn ann an Sealan Nuadh. Bha sin anns an deichead mu dheireadh dhen naoidheamh linn deug. Bha e ag iarraidh fearann a bhith aig tuathanaich bheaga, seach uachdarain mhòra. Ach, anns an Eilean mu Thuath, bha tòrr dhen fhearann leis na Maori.

Cheannaich an Riaghaltas fearann mòr bho na Maori. Chaill na Maori trì millean acaire. Reic an Riaghaltas am fearann do thuathanaich bheaga.

Chunnaic Iain MacCoinnich buaidh nam fuadaichean ann an Alba. Ach, a dh’aindeoin sin, thug e fearann air falbh bho na Maori. Bha e a’ smaoineachadh gun robh na daoine geala na b’ fheàrr mar thuathanaich.

Bha MacCoinnich radaigeach air ceist an fhearainn. Ach bha e caomhnach ann an dòighean eile. Bha e an aghaidh boireannaich a bhith a’ bhòtadh. Bha e onarach. Ach bha e connsachail. Nuair a bha e feargach anns a’ phàrlamaid, bha e a’ bruidhinn Gàidhlig. Cha robh fios aig muinntir Hansard dè bha e ag ràdh!

Chaidh am Prìomhaire a Lunnainn. Bha MacCoinnich an uair sin os cionn an Riaghaltais. Ach cha robh e a’ cumail gu math. Chaidh e fhèin a Lunnainn ann an ochd ceud deug, naochad ’s a naoi (1899). Chaidh e fo lannsa. Às dèidh sin, thill e don t-seann dachaigh aige ann am Baile an Dùin. Thachair e ri càirdean an sin.

Thill e a Shealan Nuadh ach bha e a’ fulang le aillse. Leig e dheth a dhreuchd mar bhall pàrlamaid ann an naoi ceud deug (1900). Bliadhna às dèidh sin, bha Diùc na Cùirn is Iorc ann an Sealan Nuadh. Stad an trèana aige faisg air dachaigh MhicCoinnich. Rinn an Diùc ridire de MhacCoinnich. Chaochail “Sir Iain” beagan seachdainean às dèidh sin.

Bha tiodhlacadh mòr mòr aige. Bha còmhlan pìoba ann. An-diugh, tha carragh-cuimhe ann do MhacCoinnich. Tha e air mullach cnuic ris an canar Puketapu. Tha sin ri taobh an rathaid mhòir eadar Christchurch agus Dùn Èideann. Fhad ’s a sheasas e, bidh daoine ann an Sealan Nuadh a’ cuimhneachadh Sir Iain MhicCoinnich.

Sir John MacKenzie (3)

English Beurla

Sir John McKenzie was the Minister for Land[s] in New Zealand. That was in the final decade of the nineteenth century. He was wanting small farmers, rather than big landlords, to have land. But, on the North Island, much of the land was owned by the Maori.

The Government bought a lot of land from the Maori. The Maori lost three million acres. The Government sold the land to small farmers.

John McKenzie saw the effect of the clearances in Scotland. But, despite that, he took land away from the Maori. He was thinking that the white people were better as farmers.

McKenzie was radical on the land question. But he was conservative in other ways. He was against women voting. He was honest. But he was argumentative. When he was angry in [the] parliament, he was speaking Gaelic. The Hansard folk [parliamentary recorders] didn’t know what he was saying!

The Prime Minister went to London. McKenzie was at that time in charge of the Government. But he wasn’t keeping well. He himself went to London in 1899. He had an operation [went under a scalpel]. After that, he returned to his old home in Baldoon. He met relations there.

He returned to New Zealand but he was suffering from cancer. He resigned as a member of parliament in 1900. A year later, the Duke of Cornwall and York was in New Zealand. The train stopped near McKenzie’s home. The Duke knighted McKenzie. “Sir John” died a few weeks after that.

He had a very big funeral. There was a pipe band present. Today, there is a monument to McKenzie. It’s on the top of a hill called Puketapu. That’s next to the main road between Christchurch and Dunedin. While it stands, people in New Zealand will remember Sir John McKenzie.

Sir Iain MacCoinnich (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha Sir Iain MacCoinnich na Mhinistear airson an Fhearainn ann an Sealan Nuadh. Bha sin anns an deichead mu dheireadh dhen naoidheamh linn deug. Bha e ag iarraidh fearann a bhith aig tuathanaich bheaga, seach uachdarain mhòra. Ach, anns an Eilean mu Thuath, bha tòrr dhen fhearann leis na Maori.

Cheannaich an Riaghaltas fearann mòr bho na Maori. Chaill na Maori trì millean acaire. Reic an Riaghaltas am fearann do thuathanaich bheaga.

Chunnaic Iain MacCoinnich buaidh nam fuadaichean ann an Alba. Ach, a dh’aindeoin sin, thug e fearann air falbh bho na Maori. Bha e a’ smaoineachadh gun robh na daoine geala na b’ fheàrr mar thuathanaich.

Bha MacCoinnich radaigeach air ceist an fhearainn. Ach bha e caomhnach ann an dòighean eile. Bha e an aghaidh boireannaich a bhith a’ bhòtadh. Bha e onarach. Ach bha e connsachail. Nuair a bha e feargach anns a’ phàrlamaid, bha e a’ bruidhinn Gàidhlig. Cha robh fios aig muinntir Hansard dè bha e ag ràdh!

Chaidh am Prìomhaire a Lunnainn. Bha MacCoinnich an uair sin os cionn an Riaghaltais. Ach cha robh e a’ cumail gu math. Chaidh e fhèin a Lunnainn ann an ochd ceud deug, naochad ’s a naoi (1899). Chaidh e fo lannsa. Às dèidh sin, thill e don t-seann dachaigh aige ann am Baile an Dùin. Thachair e ri càirdean an sin.

Thill e a Shealan Nuadh ach bha e a’ fulang le aillse. Leig e dheth a dhreuchd mar bhall pàrlamaid ann an naoi ceud deug (1900). Bliadhna às dèidh sin, bha Diùc na Cùirn is Iorc ann an Sealan Nuadh. Stad an trèana aige faisg air dachaigh MhicCoinnich. Rinn an Diùc ridire de MhacCoinnich. Chaochail “Sir Iain” beagan seachdainean às dèidh sin.

Bha tiodhlacadh mòr mòr aige. Bha còmhlan pìoba ann. An-diugh, tha carragh-cuimhe ann do MhacCoinnich. Tha e air mullach cnuic ris an canar Puketapu. Tha sin ri taobh an rathaid mhòir eadar Christchurch agus Dùn Èideann. Fhad ’s a sheasas e, bidh daoine ann an Sealan Nuadh a’ cuimhneachadh Sir Iain MhicCoinnich.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 485

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile