Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Bhàr Inbhir Èireann – no na Culbin Sands. Tha iad ann am Moireibh faisg air Inbhir Narann.
Eadar Inbhir Narann is Inbhir Èireann. Dh’fhalbh na daoine. Thachair sin ann an sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Chòmhdaich gainmheach an
t-àite.
An-diugh ’s e coille a th’ ann. Tha tòrr gainmhich fon choille. Chan eil duine a’ fuireach ann. Ach tha ceist agam – dè dh’adhbharaich an sgrios? Carson a
sgap a’ ghainmheach anns a’ bhliadhna sin? Tha feadhainn a’ coireachadh mac an duine.
Faisg air a’ chladach, eadar Uisge Narann is Uisge Èireann, cha robh clach ann. Mar sin, cha do chleachd na daoine bochda clach airson taighean a thogail.
Chleachd iad sgrathan an àite clach.
Càite an d’ fhuair na daoine na sgrathan? Uill, fhuair bho na seann dùin-ghainmhich. Bha ùir air na dùin sin. Ach leis an ùir air falbh, sgap a’
ghainmheach leis a’ ghaoith.
Cuideachd, bha mullaichean tughaidh aig daoine bochda ann an Alba aig an àm sin. Agus càite an d’ fhuair muinntir Bhàr Inbhir Èireann an tughadh? Uill,
fhuair bho dhùin-ghainmhich eile – feadhainn na b’ òige a bha na b’ fhaisge air a’ mhuir. Spìon iad am muran a bha a’ fàs air na dùin sin. ’S e muran feur
a tha a’ fàs air gainmheach – marram grass ann am Beurla. Bidh am muran a’ cumail na gainmhich ri chèile. Nuair a dh’fhalbh am muran, sgap a’
ghainmheach leis a’ ghaoith.
Mus do thachair an sgrios mhòr, bha daoine ag aithris mu stoirmean gainmhich anns an sgìre sin. Bho àm gu àm bha Comhairle Inbhir Narann a’ cur casg air
buain sgrathan. Ach cha do chuir sin stad air daoine.
Bliadhna às dèidh na stoirme mòire, sgrìobh an t-uachdaran – Alexander Kinnaird – gu Pàrlamaid na h-Alba. Thuirt e gun robh na cìsean aige ro àrd. Bha an
dàrna cuid dhen oighreachd aige fo ghainmheach, thuirt e. Chuir a’ Phàrlamaid achd an sàs. Bha e an uair sin an aghaidh an lagh a bhith a’ spìonadh muran.
Ach bha e ro fhadalach airson Bàr Inbhir Èireann. Cha do thill na daoine. B’ e Alexander Kinnaird an t-uachdaran mu dheireadh ann.