Bha sinn ann an Heisgeir an t-seachdain sa chaidh. Tha Heisger gu siar air Uibhist. Bha sluagh ann uaireigin. Air a’ mhap tha dà ainm air na h-eileanan – Heisker or Monach Islands. Thàinig an t-ainm Heisgeir bho na Lochlannaich. Tha Monach a’ tighinn bhon Ghàidhlig Manach. Bha
manaich a’ fuireach ann. Bha manachainn air fear de na h-eileanan – Siolaigh.
Bha mnathan-cràbhaidh ann cuideachd. Sin nuns – mnathan-cràbhaidh. ’S e cailleach-dhubh a thuirt daoine ri nun o chionn fhada.
Cailleach-dhubh – oir tha aodach dubh orra. Bha iadsan a’ fuireach air an eilean air an taobh sear. ’S e Heisgeir nan Cailleach an t-ainm a bh’ air an
eilean sin. Heisgeir nan Cailleach.
Aig aon àm bha mu cheud duine a’ fuireach ann. An uair sin dh’fhalbh a’ chuid a bu mhotha de na daoine. Mean air mhean, thill daoine. Aig deireadh an
naoidheamh linn deug, bha ceud is trithead (130) ann.
Bha feadhainn ag obair anns an taigh-sholais. Chaidh taigh-solais a thogail ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Bha an taigh-solais ann an Siolaigh.
Bha e gu math àrd. ’S iad na bràithrean Stevenson – Daibhidh agus Tòmas – a thog e. Tha solas beag anns an eilean an-diugh. Ach chan eil an taigh-solais
mòr ag obair a-nise.
Thachair tubaist ann sna tritheadan – ann an naoi ceud deug, trithead ’s a sia (1936). Chaill dithis am beatha. Chan e iasgairean no maraichean a bh’
annta. Bha iad ag obair anns an taigh-sholais. Bha trì oifigearan ag obair ann. Thachair an tubaist mar seo.
Dh’fhalbh an dithis ann am bàta airson stuth fhaighinn. Chaidh iad gu fear eile de na h-eileanan. Dh’èirich a’ ghaoth. Bha iad ag iomradh air ais a
Shiolaigh. Ach bha a’ mhuir garbh.
Anns an taigh-sholais, chunnaic an t-oifigear eile iad. Bha am bàta aca bun-os-cionn. Bha na daoine air sgeir. Thàinig tonn mòr. Dh’fhalbh an dithis.
Chaidh trì seachdainean seachad mus do lorg daoine na cuirp aca. ’S e beatha dhoirbh a bh’ aig na daoine ann an Heisgeir.