Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun sgrios a rinn tuiltean ann am Moireibh o chionn fhada. Uill, chan e uisge a-mhàin a rinn sgrios air
bailtean Mhoireibh gu h-eachdraidheil. Tha aon àite ann far an do chaill daoine an dachannan is am bailtean air sàilleabh gainmheach. Seadh – gainmheach.
Tha mi a’ bruidhinn mu Alba, seach mu fhàsach tioram.
Thachair e faisg air a’ chladach ann an àite ris an canar na Culbin Sands ann am Beurla. ’S e an t-ainm a th’ air ann an Gàidhlig – Bàr Inbhir
Èireann. Tha sin a’ ciallachadh the sand bar of Findhorn.
Tha baile Inbhir Èireann air taobh thall na h-aibhne bho Bhàr Inbhir Èireann. Ged a tha sluagh an ìre mhath mòr ann am baile Inbhir Èireann an-diugh, chan
eil duine a’ fuireach air an taobh eile. Tha an t-àite còmhdaichte le giùthsach mhòr – sin coille mhòr de chraobhan giuthais. Tha e na thèarmann nàdair oir
bidh mòran eun a’ tadhal air no a’ neadachadh ann.
Chaidh coille a chur anns an àite oir b’ e sin an aon dòigh airson stad a chur air a’ ghainmhich. Mura b’ e na craobhan, ’s dòcha gum
biodh a’ ghainmheach fhathast a’ sgaoileadh do dh’àiteachan ùra.
Tha e doirbh a chreidsinn an-diugh, ach b’ àbhaist do Bhàr Inbhir Èireann a bhith ainmeil airson cho torrach ’s a bha e. Anns an treas linn deug bha an
oighreachd sin am measg an fheadhainn a bu torraiche ann am Moireibh. Bha ùir domhainn ann. Bha taigh mòr ann am meadhan na h-oighreachd. Bha leas brèagha
mu a thimcheall. Bha ubhalghort ann cuideachd.
Bha na daoine beartach – na h-uachdarain co-dhiù. Bha crodh is caoraich ann. Bhathar a’ fàs eòrna, coirce is cruithneachd. Bha tuathanasan air an
oighreachd. Bha cuid eile a’ dèanamh bith-beò le bhith ag iasgach anns an abhainn.
An uair sin thàinig am foghar sia ceud deug, naochad ’s a ceithir (1694). Thàinig stoirm, agus gainmheach a’ chladaich leatha, gu h-obann is gun rabhadh.
Bha duine a’ treabhadh ann an achadh. B’ fheudar dha teicheadh. Dh’fhàg e an crann far an robh e. Bha feadhainn a’ buain eòrna. B’ fheudar dhaibhsan
teicheadh cuideachd. Cha d’ fhuair iad air ais airson an cuid obrach a chrìochnachadh. Cha d’ fhuair no an treabhaiche. An ceann greis bha an crann
treabhaidh aige air a chòmhdachadh le gainmheach. Cha robh sgeul air.
Lean a’ ghainmheach oirre, a’ còmhdachadh a h-uile nì a bha na rathad. Chòmhdaich i leas an taigh mhòir. Chòmhdaich i an t-ubhalghort. An ath mhadainn, b’
fheudar do na daoine briseadh a-mach air cùl nan taighean aca. Dh’èirich an stoirm a-rithist air an dàrna latha. Dh’iomain na daoine an cuid cruidh air
falbh. Agus theich iad fhèin leis a h-uile càil a b’ urrainn dhaibh a thoirt leotha.
Dhùin a’ ghainmheach beul na h-aibhne. Bha lighe mhòr ann. An uair sin bhris an abhainn tron ghainmhich ann an àite ùr. Agus le bhith a’ dèanamh sin,
sguabaich i air falbh seann bhaile Inbhir Èireann.
Nuair a thill muinntir Bhàr Inbhir Èireann do na bailtean aca, cha robh sgeul air an dachannan. Bha a h-uile rud fon ghainmhich. Agus tha fhathast.
Mu cheud bliadhna às dèidh na stoirme, nochd pàirt dhen t-seann taigh mhòr os cionn na gainmhich – dìreach airson greis. Chaidh fear gu
mullach an t-simileir. Dh’èigh e sìos. Chuala e guth ag èigheachd suas a-rithist! Mac-talla no taibhs? Fàgaibh mi sin agaibh fhèin.