FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ùrnaigh na creubhaig

A Thrianaid Bheannaichte, tha Thu ann an Ameireagaidh agus Astràilia, agus tha Thu ann an seo an-dràsta.

Audio is playing in pop-over.

Ùrnaigh na creubhaig

A Thrianaid Bheannaichte , tha Thu ann an Ameireagaidh agus Astràilia, agus tha Thu ann an seo an-dràsta. Tha thu mar an iasg air an dubhan ʼs nach leig an reothairt dheth Thu. O Thusa, a Thrianaid Bheannaichte, tha Thu ann an seo an-dràsta, agus anns a’ Ghàidhealtachd agus ann an Inbhir Nis ʼs air na stìopallan àrda. Tha Thu an seo an-dràsta, agus sìos aig Baile Dhubhthaich. Tha Thu a’ toirt taigh sglèata do na h-uaislean, ach thug Thu dhomh a-mhàin bothan dubh sùitheach nach cum a-mach boinn’ uisge, agus a h-uile deur a’ tuiteam ann am brochan Fhearchair.

Uill, a-nise, chan ann tric a bhios mi a’ tòiseachadh na Litreach le ùrnaigh! Ach tuigidh sibh nach e ùrnaigh àbhaisteach a th’ innte. Cha chreid mi gun robh i air a lìbhrigeadh riamh o chùbaid ann an eaglais. Ach bha i co-cheangailte ri fear air an robh Fearchar mar ainm. A bheil fios agaibh cò am Fearchar?

Seo beagan a bharrachd dhen ùrnaigh: Beannaich an gobha a dhealbhas a’ chruaidh a ghearras an t-iarann airson a sparradh anns na clachan. Beannaich an talamh, a Thrianaid, agus an làthach, a’ chearc bhuidhe leis na h-eòin, a’ bhò bhàn, am bainne agus na caoraich. Beannaich mar an ceudna na h-eich, na cairtean, na crainn agus na cliathan, an coirc, an t-eòrna, am buntàta, an teine, an t-uisge agus a h-uile seòrsa de shoithichean – seadh, beannaich iad, a Thrianaid Bheannaichte.

Uill, bu chòir dhomh innse dhuibh cò am fear a sgrìobh an ùrnaigh, a rèir aithris, co-dhiù. Fearchar a’ Ghunna. Chan eil ainm Beurla aige, ach canaidh cuid ‘The Ross-Shire Wanderer’ ris. Bhuineadh e do Shrath Chonain faisg air Inbhir Pheofharain. Rugadh e ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a ceithir (1784). ʼS e falbhanach a bh’ ann, agus bheir sinn sùil air a bheatha an-ath-sheachdain. Ach tha mi airson tuilleadh dhen ùrnaigh aige a thoirt dhuibh. Tha mi cinnteach gu bheil i a’ dèanamh dealbh de bheatha Fhearchair – a bha gu cinnteach na chreidmheach.

Beannaich na craobhan, am feur agus mòine, an conasg, am fraoch, an raineach agus an t-aiteann. Beannaich mar an ceudna, a Thrianaid, na gunnachan, am fùdar agus luaidhe, na ròcaisean, na pioghaidean, cearcan-fraoich, maighich agus coineanan . Beannaich mar an ceudna na fèidh, na h-earban, na lachan fiadhaich agus callaidh, na geòidh, na faoileannan, na coin agus na cait, na luchan, radannan agus famhan. Beannaich an t-iasg anns a’ mhuir, loch, abhainn agus sruth, ach beannaich gu h-àraidh an sgadan mòr math a tha sinn a’ faighinn leis a’ bhuntàta.

A, uill, tha e furasta aithneachadh dè am biadh a b’ fheàrr leis ar laoch! Ach dè eile a bu toigh leis? Uill, thig sinn gu sin ann an tiotan. ʼS e ainm na h-ùrnaigh seo Ùrnaigh na Creubhaig. ʼS e ainm car annasach a th’ ann oir, mar as trice, bidh am facal creubhag a’ riochdachadh boireannach beag, seach fear beag. Co-dhiù, airson crìoch a chur air an Litir, seo agaibh a-nise deireadh na h-ùrnaigh:

Agus beannaich, a Thrianaid Bheannaichte, na pìoban tombaca, cruaidh agus clachan spor, cnàmhan, itean, luideagan, iuchraichean agus iarann. Beannaich mar an ceudna am fiodh, cainb, cotain agus tì ʼs siùcar, ged nach eil cuibhreann Fhearchair bhochd dhiubh ach beag. Beannaich a h-uile nì, a Thrianaid Bheannaichte, oir chruthaich Thusa, Thu Fhèin iad uile. Amen.

Litir 991 Litir 991 Litir 993 Litir 993

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!