Chaidh Tormod MacLeòid gu seisean na h-Eaglais. Ach cha do dh’aontaich e fhèin is am ministear, an t-Oll. Ros. Bha fichead là aig Tormod airson falbh. Cha
robh cead aige teagasg ann an Ulapul tuilleadh. Choisich e a-mach às a’ mhansa.
Ach cha deach e fada. Bha abhainn faisg air an taigh. Bha an t-uisge ann fad an là. Bha tuil san abhainn. Cha d’ fhuair Tormod a-null. Thàinig an oidhche.
Bha Tormod bog fliuch. Thill e don mhansa.
Chuir am ministear fàilte air. Bha Tormod air a nàrachadh. Chuir e seachad an oidhche anns a’ mhansa. Bha a bhean Màiri, ge-tà, a’ coiseachd don abhainn.
Bha naoi mìle eadar an taigh aice ’s an abhainn. Bha i a’ gabhail dragh mu Thormod. Bha i toilichte gu robh e ceart gu leòr.
Às dèidh fichead là dh’fhàg Tormod an sgoil. Bha leanabh aige fhèin is aig Màiri. ’S e Iain an t-ainm a bh’ air an leanabh. Thug iad gu Loch Carrann e. Bha
sin airson a bhaisteadh. Choisich iad ceathrad mìle leis. Ach, nuair a ràinig iad Loch Carrann, bha an t-Oll. Ros ann. Bha Ministear Loch Carrainn ag
iarraidh air an Oll. Ros agus Tormod tighinn gu rèite. Ach cha do thachair sin. Chaidh Tormod is Màiri dhachaigh gun Iain a bhaisteadh.
Smaoinich Tormod mu bhith a’ dol a dh’Ameireagaidh a Tuath. Ach bha fiachan air. Chaidh e a dh’Inbhir Ùige airson iasgach. Bha tuarastal math aige an sin.
Fhuair e airgead mòr. Cha robh fiachan air tuilleadh. Bha airgead gu leòr aige airson Màiri is Iain cuideachd. Bha iadsan a’ fuireach ann an Alba airson
bliadhna. Sheòl Tormod leis fhèin air a Frances Ann. Bha i a’ dol gu Pictou ann an Alba Nuadh.
Bha stoirm mhòr ann aig muir. Thòisich an soitheach air uisge a leigeil a-steach. Bha a h-uile fear air bòrd ag obair air na pumpaichean. Thuirt an
sgiobair gu robh iad a’ tilleadh a dh’Èirinn. Bha Tormod na aghaidh. Bha esan ag iarraidh cumail a dol. Chaidh e fhèin is an caiptean a-mach air a chèile.
Fhuair Tormod taic bhon luchd-shiubhail. Chum iad orra. Ràinig iad Pictou.
Fhuair Tormod tac. Bha e trang, a’ leasachadh na talmhainn. Là na Sàbaid, bha e a’ searmonachadh. Bha mòran airson èisteachd ris. “Cò th’ ann an Tormod
[MacLeòid]?” sgrìobh fear. “Tha searmonaiche a dh’èirich air a cheann fhèin a tha a’ cumail a-mach nach eil ministear aig Crìosda ann an Eaglais na h-Alba
air fad.”