Anns an dà Litir mu dheireadh, bha mi a’ toirt sùil air eisimpleirean bhon leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe le
Teàrlach MacAoidh. Ach cò e an duine a sgrìobh an leabhar? Agus an robh Gàidhlig aige? Uill, cha robh. Ach bha mòran chànanan eile aige. Agus bha e
Albannach.
Rugadh e ann am Peairt ann an ochd ceud deug is dhà-dheug (1812) no ’s dòcha ochd ceud deug is ceithir-deug (1814). Chaochail a mhàthair
nuair a bha Teàrlach glè òg, agus ’s e athair a thog e. Bha esan na stiùiriche còmhlan-ciùil anns an rèisimeid ris an canar an Royal Artillery.
Bha e a’ fuireach thall thairis ach thill e a dh’Alba nuair a ghabh e malaria. Bha e beò an uair sin air peinnsean nach robh uabhasach luachmhor.
Fhuair Teàrlach a chuid foghlaim an toiseach ann an Lunnainn is an uair sin anns a’ Bhruiseal, far an deach athair a dh’fhuireach. Ann an sin, dh’ionnsaich
an gille Fraingis, Gearmailtis, Eadailtis is Spàinntis. ’S e bràthair a sheanar, am Màidsear-Seanalair Raibeart MacAoidh, a bha a’ pàigheadh airson a chuid
foghlaim. Agus bha esan a’ tuigsinn gum biodh Teàrlach a’ dol do na h-Innseachan mar shaighdear. Ach cha deach am plana sin air adhart. Chaidh athair
Theàrlaich agus uncail a-mach air a chèile.
Fhuair Teàrlach obair mar neach-naidheachd ann an Lunnainn – an toiseach leis an Sun agus an uair sin leis a’ Mhorning Chronicle – am
pàipear a bu mhotha a bha a’ strì le Tìm Lunnainn airson prìomhachas. Am measg na bha ag obair don Chronicle aig an àm, bha Uilleam Thackeray agus
Teàrlach Dickens.
Fhuair MacAoidh obair mar Fo-dheasaiche. Ach a dh’aindeoin ’s gu robh e trang, ag obair sia latha san t-seachdain, fhuair e ùine airson bàrdachd is
leabhraichean a sgrìobhadh. Mus robh e trithead bliadhna a dh’aois, bha e air na leabhraichean a leanas a sgrìobhadh: A History of London, The Thames and its Tributaries, nobhail air an robh Longbeard, Lord of London, agus cruinneachadh de dh’aistidhean
air an robh Memoirs of Extraordinary Popular Delusions, and the Madness of Crowds.
Ann an ochd ceud deug ceathrad ’s a ceithir (1844), fhuair MacAoidh obair ùr – air ais ann an Alba – mar Dheasaiche Argus Ghlaschu. Anns a’ bhaile sin, bha
e an sàs gu mòr le daoine aig an robh beachdan libearalach. Chaidh ceum LLD a bhuileachadh air le Oilthigh Ghlaschu. Agus phòs e ann an
Glaschu – tè Rose Henrietta Vale.
Às dèidh trì bliadhna ann an Glaschu, thill e a Lunnainn far an d’ fhuair e obair anns an Illustrated London News. Nuair a bha e ag obair don
phàipear sin, dh’fhoillsich e ann feadhainn de na h-òrain a sgrìobh e. Airson sin bha e ag obair còmhla ris a’ chruthadair-chiùil ainmeil, Sir Eanraig
Bishop.
’S e bliadhna dhòrainneach a bh’ ann dha ann an ochd ceud deug, caogad ’s a naoi (1859). Dh’fhàg e an Illustrated London News airson
pàipear-naidheachd ùr a chur air chois – an London Review – nach do shoirbhich. Agus chaochail a’ bhean aige. Dà bhliadhna às
dèidh sin phòs e Màiri Ealasaid Mills.
Nise, bidh sibh a’ mothachadh nach do dh’aithris mi dad mun Ghàidhlig fhathast. ’S e as coireach ri sin nach eil dad ri aithris fhathast. Gu dearbh,
feumaidh sinn feitheamh chun na h-ath-sheachdain airson sin. Cha do ràinig sinn ach ochd ceud deug, seasgad ’s a dhà (1862), nuair a chaidh MacAoidh a
dh’Ameireagaidh airson aithrisean a dhèanamh air a’ Chogadh Chatharra. Agus bhris e naidheachd mhòr fhad ’s a bha e thall – air an toir sinn sùil anns an
ath Litir.