Bha mi a’ dèanamh aithris air an rìgh mu dheireadh aig an robh Gàidhlig –
Seumas IV. Tha mi airson innse dhuibh an t-seachdain sa mu dheidhinn dà rud
co-cheangailte ris – an long-chogaidh mhòr ainmeil a thog e, agus mar a
thàinig an rìoghachadh aige gu ceann.
Ann an Sasainn, fhuair Eanraig VIII an rìgh-chathair ann an còig ceud deug
is naoi (1509). Thòisich e air cabhlach Shasainn a leudachadh agus thog e
long-chogaidh air an robh Mary Rose. Le còig ceud tonna de chuideam innte,
bha i gu math mòr.
Bha glòir-mhiann aig Rìgh na h-Alba, Seumas IV, cuideachd, ged a bha Alba
beag is bochd an coimeas ri Sasainn. Ann an còig ceud deug ʼs a còig
(1505), dh’òrdaich Seumas gun togte long-chogaidh na bu
mhotha na gin eile san t-saoghal. Leigeadh sin le Alba cabhlach mòr
nàiseanta a bhith aice a bhiodh an sàs ann an cogadh-croise an aghaidh
Ìmpireachd nan Ottoman. Bha an Great Michael air a h-ainmeachadh
an dèidh an Àrd-aingeil Mìcheal. Chaidh a togail ann an Newhaven faisg air
Dùn Èideann ann an doc’ a chaidh a dhèanamh a dh’aona-ghnothach air a son.
Chaidh a cur air bhog ann an còig ceud deug is dhà-dheug (1512). Bha a dhà
uiread de chuideam innte ʼs a bh’ anns a’ Mhary Rose aig na Sasannaich.
Tha luchd-rannsachaidh a’ dèanamh a-mach gun robh uiread de
dh’fhiodh-daraich a dhìth airson a leithid de long a thogail, ʼs gun do
cheannaich riaghaltas na h-Alba fiodh bhon Fhraing agus na dùthchannan
Baltach, a bharrachd air mòran sgìrean ann an Alba fhèin. Bha an Great Michael dà cheud is ceathrad troigh a dh’fhaid agus trithead
ʼs a còig troighean a leud. Bha ceithir crainn oirre agus bha a slige air
leth tiugh, suas ri deich troighean no trì meatairean. Bha còrr is caogad
gunna oirre agus bha sgiob’ aice de thrì cheud maraiche agus suas ri mìle
saighdear.
Bha i air bhog airson bliadhna gu leth nuair a chaidh iarraidh oirre dhol
don Fhraing airson ionnsaigh a thoirt air àiteachan a bha le Sasainn anns
an Fhraing aig an àm sin. Bidh fios agaibh gun robh Alba ann an seann
chaidreabhas leis an Fhraing. Ach, airson gnothaichean a dhèanamh na bu
dorra, bha Seumas pòsta aig Mairead Tudor, piuthar Eanraig VIII. Dìreach
mìos an dèidh sin, thug Seumas leis armailt, le trithead mìle duine innte,
thar crìochan Shasainn.
Thachair an dà armailt ri chèile aig Flodden ann an Northumberland. Chaidh
an latha leis na Sasannaich. Chaidh Seumas a mharbhadh, cuide ri mìltean
Albannach eile.
Bha na làithean aig Alba mar rìoghachd chumhachdach le cabhlach mòr seachad
mus do thòisich iad. Nuair a chunnaic Eanraig VIII na planaichean airson a’
Ghreat Michael, dh’òrdaich e gum biodh long eadhon na bu mhotha air a
togail. B’ ise an Henry Grace à Dieu, ged as e ‘Great Harry’ a chanadh
muinntir Shasainn rithe.
Agus dè thachair don Ghreat Michael? Uill, chaidh a reic do na Frangaich
ann an còig ceud deug is ceithir-deug (1514), ged a bha i ro mhòr airson
cuid de na puirt anns an dùthaich sin. Chaidh ainm ùr a chur oirre – La
Grande Nef d’Ecosse. Tha a’ chuid as motha de luchd-eachdraidh dhen bheachd
gun do leig na Frangaich leatha a dhol a dholaidh ann am
Brest sa Bhreatainn Bhig.