Am broinn seann eaglais an Eig ann an taobh sear Rois tha clach mhòr
iongantach. Tha i snaighte le ìomhaighean brèagha oirre. Canaidh daoine
Clach an Eig rithe. Tha i mìle is dà cheud bliadhna a dh’aois agus chaidh a
dèanamh leis na Cruithnich.
Gu mì-fhortanach, chan eil a’ chlach slàn an-diugh. Thathar a’
smaoineachadh gun deach cron a dhèanamh oirre a dh’aona-ghnothach aig àm an
Ath-leasachaidh. Ann an seachd ceud deug, naochad ʼs a seachd (1797),
sgrìobh ministear na paraiste, an t-Urr. Alasdair MacAdhaimh, gun robh a’
chlach air a bhith a’ seasamh an àirde anns a’ chladh chun na bliadhna
seachd ceud deug, fichead ʼs a còig (1725) nuair a chaidh a leagail ann an
stoirm.
Anns an ochdamh linn deug, chaidh obair-càraidh a dhèanamh oirre, a’
cleachdadh phìosan meatailt. Bha pìos a bha briste dheth air a shadail don
allt a tha a’ ruith ri taobh na h-eaglaise. Chaidh a lorg an sin o chionn
fichead bliadhna. Chaidh a’ chlach a chur ri chèile gu proifeiseanta – cho
math ʼs a b’ urrainn – agus tha i a-nise air a taisbeanadh am broinn na
h-eaglaise.
Thathar dhen bheachd gun robh i bho thùs aig geata na h-eaglaise. ʼS e an
ìomhaigh as motha oirre crois Chrìosdail. ʼS e sin as coireach gun tuirt mi an t-seachdain sa chaidh
gum faod sinn a bhith an ìre mhath cinnteach gun robh adhradh Crìosdail a’
gabhail àite air an làraich sin bho chionn mìle is dà cheud bliadhna. ʼS
dòcha nach e a-mhàin a’ chrois a tha ag innse sin dhuinn. Tha cuid de
sgoilearan dhen bheachd gu bheil sgeulachd Rìgh Dhaibhidh às a’ Bhìoball
air a riochdachadh anns na dealbhan snaighte air a’ chloich cuideachd.
Chan eil fios le cinnt dè an coltas a bh’ air an eaglais an uair sin. Chanainn gun robh i beag, agus mullach tughaidh oirre.
Chaidh ath-thogail a dhèanamh oirre ann an sia ceud deug, fichead ʼs a sia
(1626). Chaidh clag a chur innte – agus tha i innte fhathast.
Tha Eaglais an Eig a’ riochdachadh cruth nan seann eaglaisean Albannach.
Tha i air a cuairteachadh air trì taobhan le seann chladh. Tha seann leacan
ann a tha cho sean ʼs nach gabh an leughadh a-nise. Tha na clachan-uaighe
dìreach ann am Beurla ach a-mhàin aonan le bàrdachd Ghàidhlig oirre.
Tha a’ chùbaid aig ceann an ear an togalaich. Tha àite fòidhpe far am biodh
fear-togail an fhuinn a’ cur a-mach na loidhne. Tha lobht ann far am biodh
cuid nan suidhe, agus treastaichean airson a’ choitheanail air beulaibh na
cùbaid.
Bha a’ Ghàidhlig gu math làidir ann an Ros an Ear fad ceudan
bhliadhnaichean. Ged a tha an dùthaich còmhnard is torrach – agus mar sin
gu math eadar-dhealaichte bho mhòran àiteachan eile air a’ Ghàidhealtachd –
bha i gu cultarail mar phàirt dhen Ghàidhealtachd mhòir. Ann an Eaglais an
Eig ann an seachd ceud deug, trithead ʼs a naoi (1739), thòisich
ath-nuadhachadh spioradail fo bhuaidh shearmonaichean nach robh nam
ministearan – buidheann ris an canadh iad Na Daoine. Às an Eig, sgaoil an
teachdaireachd aca air feadh na Gàidhealtachd. B’ e am fear a b’ ainmeile
dhiubh fear Dòmhnall Ruadh a chaochail aig aois ceud is còig bliadhna.