FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fearchar a’ Ghunna (3)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas mu Fhearchar a’ Ghunna.

Audio is playing in pop-over.

Fearchar a’ Ghunna (3)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas mu Fhearchar a’ Ghunna. ʼS e falbhanach a bh’ ann, ach bha deagh bheachd aige air fhèin. Ged nach robh Beurla aige, bhiodh e a’ dol gu seirbheisean Beurla ann an Eaglais Chill Iùrnain anns a’ Chaisteal Ruadh. Dh’fhaighnich am ministear dheth carson a bha e a’ dol ann.

‘Tha mi a’ feuchainn ri bhith mar mo choimeas inbhe, daoine-uasal na dùthaich,’ fhreagair Fearchar. ‘Chan eil mòr-chùis ann a bhith a’ dol a chluinntinn searmon Gàidhlig a th’ air èisteachd le sluagh cumanta a-mhàin!’

ʼS e duine doirbh a bh’ ann am Fearchar aig amannan. Turas a bha seo, leig boireannach leis oidhche a chur seachad anns a’ chidsin aice. Ach bha muc cuideachd anns a’ chidsin. Ann am meadhan na h-oidhche, thòisich a’ mhuc air ùidh a ghabhail ann agus bha Fearchar air a thàmailteachadh gun robh i a’ toirt pòg dha. Mharbh e a’ mhuc sa spot.

Bha e a’ gabhail dragh gun robh daoine a’ briseadh a-steach don bhothan aige, agus an doras gun ghlas air. Bha iarann speala aig Fearchar os cionn an dorais. Nam biodh duine a’ dol a-steach gun chùram, bhiodh an t-iarann a’ tuiteam air mar ghuillotine!

Bhiodh e cuideachd a’ fàgail phrìnichean anns an talamh air beulaibh doras a bhothain, leis na dealgan a’ stobadh suas. Bha sin airson stad a chur air feadhainn a bha a’ cur dragh air, agus a bha a’ coiseachd ann casruisgte.

Bha Fearchar ainmeil airson a chuid eirmseachd. Thuirt fear òg anns an Eilean Dubh ris gun cuireadh e ceist air dha nach biodh freagairt aige. Thàinig iad cruinn còmhla air beulaibh mòran dhaoine. Chuir am fear òg a’ cheist – ‘Dè an dath a th’ air falt Shàtain?’

Gun dàil sam bith, fhreagair Fearchar, ‘A bheil thu cho fad ann an seirbheis Shàtain agus nach eil eòlas agad air dath falt do mhaighstir?!’ Rinn a h-uile duine gàire.

Latha a bha seo, thachair Fearchar ri ministear air an rathad. Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh fios aige cà’ robh Dia. Fhreagair Fearchar sa mhionaid, ‘O, nach tu an t-amadan. Nach inns thu dhòmhsa càite nach eil E?’

‘Tha thu glè cheart,’ dh’aontaich am ministear. ‘Tha Dia anns a h-uile h-àite.’

‘O, chan eil mi a’ smuaineachadh gu bheil E anns a h-uile h-àite,’ fhreagair Fearchar gu dìomhair. Agus dh’fhalbh e.

Chuala am muillear anns a’ Chaisteal Ruadh mun chòmhradh seo. Nuair a chaidh Fearchar a chèilidh air (tha fhios gun robh e iarraidh min-fhlùr), chuir am muillear a’ cheist air, ‘An ainmich thu dhomh, Fhearchair, àite sam bith far nach eil Dia?’

‘Chan eil Dia ann an cridhe an duine neo-iompaichte,’ fhreagair Fearchar.

Turas eile, bha Fearchar ann am mansa. Dh’fhaighnich am ministear dheth an robh am bàs a’ cur eagal air. ‘Chan eil, gu dearbh,’ arsa Fearchar.

‘Nach eil càil a’ cur eagal ort?’ thuirt am ministear.

‘O tha,’ fhreagair Fearchar. ‘Tha eagal orm ro sin a th’ air taobh eile dhen bhàs!’

Ràinig Fearchar taobh eile a’ bhàis anns an t-Sultain ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868) ann an Ospadal a’ Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis. Bha e ochdad ʼs a ceithir. Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Thom na h-Iùbhraich ach chan eil clach no leac a’ comharrachadh uaigh.

Litir 994 Litir 994 Litir 996 Litir 996

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!