FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gràinne agus am Buidseach Glas (3)

Bha am Buidseach Glas an tòir air Fionn agus Gràinne nuair a ràinig iad an Abhainn Dearg.

Audio is playing in pop-over.

Gràinne agus am Buidseach Glas (3)

Bha am Buidseach Glas an tòir air Fionn agus Gràinne nuair a ràinig iad an Abhainn Dearg. Air an taobh thall bha Gleann Eilg agus sàbhailteachd. Bha sruth agus leud na h-aibhne ro mhòr eadhon airson Fionn, a bha math air snàmh. Cha robh fios aca dè dhèanadh iad oir cha robh fiodh sam bith ann airson bàta a thogail. Ach bha leug dhearg aig Gràinne na falt. Nan toireadh Gràinne an leug a-mach, gheibheadh i aon rùn agus bhiodh an draoidheachd air a caitheamh.

Ghabh Gràinne grèim air an lèig na làimh agus dh’iarr i oirre bàta a dhèanamh dhaibh gus am faigheadh i fhèin is Fionn a-null. Nochd bàta air am beulaibh agus dh’fhalbh Gràinne is Fionn innte. Mun àm a ràinig am Buidseach Glas an abhainn bha an cupall ro fhada a-mach.

Thill Fionn is Gràinne a Ghleann Eilg a dh’fhuireach . Bha iad an dùil leanabh a bhith aca agus bha iad gu math sona. Goirid ro latha a bhreith, chaidh iarraidh air Fionn a dhol a thoirt taic do Chlann Mòrna, a bh’ ann an cunnart. Chan ann le deòin Gràinne a dh’fhalbh e, ach bha e air gealltanas a thoirt do Chlann Mòrna gun toireadh e taic dhaibh nam biodh iad ann an cunnart. Agus cha robh Fionn Mac Cumhail a’ dol a dh’àicheadh a bhòidean .

Cha robh e air falbh ach trì latha. Ach, tron ùine sin, nochd am Buidseach Glas a-rithist agus thug e Gràinne air falbh an aghaidh a toil. Nuair a thill Fionn bha Gràinne air falbh. Chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios agus fhuair e a-mach gun deach cruth-atharrachadh a dhèanamh air Gràinne. Bha i a-nise a’ ruith nan coilltean ann an Gleann Afraig ann an cruth èilde – fiadh boireann. Agus cha robh i ruadh no donn. Bha i bàn.

Chaidh dusan bliadhna seachad agus, latha a bha seo, bha iad a’ sealg faisg air doire nuair a dh’fhàs Bran, cù Fhinn, fiadhaich. Cha leigeadh e le cù no duine, ach a-mhàin Fionn, a dhol a-steach am measg nan craobh.

Nuair a chaidh Fionn ann, lorg e gille mu dhusan bliadhn’ a dh’aois. Cha robh cànan sam bith aige ach cànan nam fiadh. Ann am meadhan a bhathais, bha dos de ghaoisidean fèidh far an robh a mhàthair air imlich. Thuig Fionn gum b’ e seo a mhac – agus chuir e an t-ainm Oisean air, a’ ciallachadh ‘fiadh beag’.

Ged a dh’ionnsaich Oisean cànan nan daoine – cànan nan Gàidheal, gu dearbh – cha do dhìochuimhnich e gun do thogadh e am measg nam fiadh. Turas a bha seo, bha e air Eilean Fladaigh agus bha a chompanaich ag ithe sitheann. Cha robh Oisean deònach an fheòil ithe. ‘Nach ith thu an fheòil?’ thuirt iad.

‘An itheadh sibhse calpa ur màthar?’ dh’fhaighnich Oisean dhiubh.

Nuair a chaochail Gràinne, leig am Buidseach Glas le Oisean dhol gu Tìr an Dorchadais airson dust a mhàthar a thoirt dhachaigh. Bha i a-nise ann an cruth caillich. Thog na Fianna àite-tiodhlacaidh dhi air mullach beinne faisg air Gleann Eilg, air taobh an Eilein Sgitheanaich dhen chaolas. ʼS e Beinn na Caillich a chanas sinn ris a’ bheinn sin chun an latha an-diugh. Tha i ainmichte airson Gràinne.

Litir 984 Litir 984 Litir 986 Litir 986

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!