Bha mi ag innse dhuibh mu Nant Gwrtheyrn – an t-àite sa Chuimrigh far a bheil ionad-cànain. Nuair a thàinig an triùir mhanach ann, rinn iad trì mallachdan.
Nam measg bha seo – ‘cha phòs na fir à Nant Gwrtheyrn boireannaich à Nant Gwrtheyrn’.
Air sgàth sin, bhiodh na fir a’ falbh a-mach à Nant Gwrtheyrn airson mnathan a lorg. Thàinig e nach robh ach trì bailtean-fearainn air fhàgail ann – Tŷ Hen
(an seann taigh), Tŷ Canol (an taigh meadhanach) agus Tŷ Uchaf (an taigh àrd).
Aig Tŷ Uchaf bha fear Rhys Maredydd a’ fuireach cuide ri a phiuthar, Angharad. ʼS e dìlleachdan a bh’ annta. Bha co-ogha aca – tè Meinir – a bha a’
fuireach ann an Tŷ Hen. Ghabh Rhys agus Meinir gràdh air a chèile.
Bhiodh iad a’ suidhe còmhla aig bonn craobh-dharaich mhòr. Dh’iarr Rhys air Meinir a phòsadh agus dh’aontaich i. Ach, nuair a chaidh Rhys a’ bruidhinn ri a
h-athair, cha do dh’aontaich esan idir.
‘Chan fhaod thu Meinir a phòsadh,’ thuirt e. ‘Cuimhnich a’ mhallachd. Chan fhaod fear à Nant Gwrtheyrn boireannach às an àite seo a phòsadh.’ Ge-tà, bha
Meinir cho muladach ʼs gun do dh’atharraich a h-athair a bheachd. Air sgàth na mallachd, rinn iad co-dhùnadh gum biodh a’ bhanais ann an Eglwys Clynnog
Fawr (eaglais na cuileannaich mhòir) pìos air falbh.
Thàinig madainn na bainnse. ʼS e latha math samhraidh a bh’ ann agus choisich Rhys a-null gu baile-fearainn Meinir. Bha traidisean ann gum biodh bean na
bainnse a’ dol am falach, agus gum biodh aig fear na bainnse ri a lorg. Mar sin, cha robh sgeul air Meinir. Bha i air teicheadh.
Chaidh Rhys ga lorg anns an t-sabhal agus anns a’ bhàthaich, ach cha robh sgeul air Meinir. Chaidh e bho phàirc gu pàirc ach cha robh sgeul oirre. Bha an
aimsir a’ fàs teth agus bha Rhys a’ fàs sgìth dhen ghèam. ‘ʼS dòcha gu bheil i air a dhol don eaglais ann an Clynnog Fawr,’ thuirt cuideigin.
Choisich Rhys a-null gu Clynnog Fawr ach cha robh Meinir an sin. Thill e gu Nant Gwrtheyrn. Choisich na daoine thar a’ mhonaidh, agus thàinig dorchadas na
h-oidhche. Ach cha do lorg iad Meinir. Chaidh na làithean, na seachdainean, na mìosan seachad, agus chan fhacas Meinir. Chaochail a h-athair agus bha Rhys
troimhe-chèile. Gach feasgar, bhiodh e na shuidhe fon chraoibh-dharaich. Bhiodh e ag èigheachd, ‘A Mheinir, a Mheinir, càit a bheil thu?’
Chaidh trithead bliadhna seachad. Cha do phòs Rhys tè eile. Cha robh duine air fhàgail ann an Nant Gwrtheyrn ach e fhèin. Oidhche a bha seo, bha e na
shuidhe fon chraoibh-dharaich nuair a bha dealanaich mhòr ann. Bhuail beithir dealanaich a’ chraobh, ga sgàineadh ann an dà phìos. Agus dè chunnaic Rhys am
broinn na craoibhe ach cnàimhneach le pìos de dhreasa bainnse air. Bha Meinir air a bhith am falach anns a’ chraoibh agus bha i air tuiteam a-steach gu
toll innte. Agus cha d’ fhuair i a-mach a-chaoidh.
Chaidh corp Rhys a lorg, agus grèim aige air cnàimhneach Meinir. Air sgàth na mallachd, bha Nant Gwrtheyrn a-rithist gun sluagh.