O chionn ghoirid, bha mi a’ leughadh seann phàipear leis an Urramach Iain MacRuairidh. Chaidh a lìbhrigeadh do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis ann an ochd ceud
deug, naochad ’s a ceithir (1894). Tha e a’ dèiligeadh ri beul-aithris mu rudeigin a thachras gu nàdarrach, no anns an robh daoine a’ creidsinn co-dhiù.
Mus inns mi dhuibh mun phàipear aige, bu math leam rudeigin a thuirt Mgr MacRuairidh aig deireadh òraid aithris dhuibh. Tha e a’ buntainn ris an
fheallsanachd a th’ air cùl mòran dhen obair a bhios mi fhìn a’ dèanamh.
‘Is fheàirrde gach neach leis an àill fiosrachadh fhaotainn,’ thuirt Mgr MacRuairidh, ‘fios a bhith aige air na beachdan a bha cumanta am measg an
t-sluaigh san àm a dh'fhalbh. Is e seo aon de na dòighean air am faighear a-mach seann eachdraidh nan Gàidheal. Am fear a tha aineolach air na seann
naidheachdan, air na seann òrain, agus air na seanfhacail, tha e ann an tomhas mòr aineolach air seann eachdraidh a dhùthcha. An Gàidheal
a tha aineolach air seann eachdraidh a dhùthcha is gann gun urrainnear “fìor Ghàidheal” a ràdh ris.’
’S dòcha gu bheil ‘fìor Ghàidheal’ no dhà a tha ag èisteachd an-dràsta nach aontaicheadh ris an Urramach MacRuairidh! Ach saoilidh mi fhìn bheil tomhas mòr
dhen fhìrinn aige – gun robh e fìor an uair sin is gu bheil e fìor fhathast. Chan fheum beul-aithris a bhith ‘ceart’. Ma tha i Gàidhealach, nì sin an
gnothach dhuinn!
Bha am ministear a’ toirt òraid mu dheidhinn rud nàdarrach. Uill, nàdarrach no os-nàdarrach, chan eil mi cinnteach. Ann an Uibhist, canaidh daoine ‘An
Teine Mòr’ ris. Anns an Eilean Sgitheanach, ’s e ‘An Teine Biorach’ a chanar ris. Agus tha ainmean eile air a bharrachd – sionnachan, teine sionnachain,
coinneal bianain, srada bianain, spiorad lodain agus teine dreallsach. Abair sreath de dh’ainmean airson rud a tha cuid a’ cumail a-mach nach eil ann ach
sa mhac-meanmna!
Ann am Beurla, canaidh daoine will-o’-the-wisp ris. No jack o’ lantern. ’S e a th’ ann ach solas lag coltach ri teine a chithear air
oidhche dhorch. Gu tric, bithear – no bhathar – ga fhaicinn os cionn bhoglaichean. Tha cuid a’ cumail a-mach gur e as coireach gasaichean mar meatan a th’
air an dèanamh anns na boglaichean agus a tha so-loisgeach. Ma tha lasair de sheòrsa sam bith timcheall, bidh an gas a’ losgadh.
Agus ’s dòcha gur e sin as coireach gum biodh daoine ga fhaicinn anns an t-seann aimsir. Nam biodh solas sam bith aca, agus iad a-muigh air an oidhche, ’s
e lasair a bhiodh ann – coinneal no lòchran. No uaireannan leus (no coinneal-ghiuthais). Nam biodh gas so-loisgeach ann, bhiodh e a’
losgadh. Agus chitheadh na daoine sin oir bha na solais aca cho lag. Ach an-diugh, le tordsaichean dealain cumhachdach, cha bhi na gasaichean a’ losgadh,
agus chan fhaiceamaid an teine mòr co-dhiù.
Sin gu leòr dhen t-saidheans. A-nise am beul-aithris. ’S aithne dhomh dà sgeulachd a tha a’ mìneachadh mar a thàinig an teine mòr gu bith. Bha tè dhiubh
aithnichte ann an diofar àiteachan, leithid Geàrrloch. Bha i air a h-aithris ann an Èirinn cuideachd. Tha an tèile à Uibhist agus nì mi aithris air an tè
sin an-ath-sheachdain. Chun an uair sin, mar sin leibh.