Bha Ùisdean air comharra a chur air a’ bhonn leth-chrùin a bha an cù aige, Sandaidh, a’ giùlain ann an nèapraigear timcheall amhaich. ’S e sgrìob a bh’ ann
air sròn an rìgh, agus cha robh duine ann a dh’aithnicheadh i ach Ùisdean agus fear bùth an tombaca ann an Inbhir Pheofharain. Ghoid Padaidh Cam an
t-airgead bhon chù mar a bhitheadh e a h-uile Dihaoine. Cha do mhothaich e don chomharra air a’ bhonn.
Nuair a ràinig Sandaidh a’ bhùth, chunnaic fear na bùtha nach robh an t-airgead anns an nèapraigear mar bu chòir. Bha fios aige gun robh cuideigin air a
ghoid. Bha e air fhaicill airson an leth-chrùn sgrìobte fhaicinn. Chuir e an cù dhachaigh a dh’Ùisdean le tombaca agus teachdaireachd air
pìos pàipeir – ‘chaidh a ghoid a-rithist’.
Beagan làithean an dèidh sin, thàinig Padaidh Cam a-steach don bhùth. Bha e feumach air maidsichean. Chuir e leth-chrùn air a’ chunntair. Thug fear na
bùtha iomlaid dha agus dh’fhalbh Padaidh.
Thug fear na bùtha am bonn leth-chrùin chun na h-uinneig. Anns an t-solas, chunnaic e sgrìob ùr air sròn an rìgh. B’ e Padaidh am mèirleach! Ach ciamar a
bha iad a’ dol a dhèiligeadh ris? Mheòraich fear na bùtha greis. An uair sin, sgrìobh e litir gu Ùisdean.
Nuair a leugh Ùisdean an litir, rinn e gàire. Bha e a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas. Nuair a thàinig Dihaoine, an àite bonn leth-chrùin, chuir Ùisdean
clach bheag chruinn don nèapraigear. Bha pìos pàipeir na cois. Sgrìobhte air a’ phàipear, bha seo: ‘Gu Padaidh, am mèirleach. Ma thachras mèirle a-rithist,
bidh thu a’ fulang gu mòr!’
Dh’fhalbh Sandaidh a dh’ionnsaigh Inbhir Pheofharain. Bha Padaidh Cam a’ feitheamh ris. ‘Trobhad seo,’ thuirt e ris a’ chù, ‘tha briosgaid agam dhut.’
Chaidh Sandaidh gu Padaidh agus ghabh e a’ bhriosgaid. Ghreimich an duine air an nèapraigear agus dh’fhuasgail e e. Cha robh leth-chrùn ann, ach clach
bheag chruinn, agus pìos pàipeir.
Cha robh comas leughaidh aig Padaidh Cam. Mar sin, cha do thuig e na bha sgrìobhte air a’ phàipear. Ach thuig e gun robh clach ann an àite leth-chrùn. Bha
an t-eagal air gun robh fios aig Ùisdean cò bh’ air a bhith a’ goid a chuid airgid.
Dihaoine às dèidh sin, chuir Ùisdean an cù aige gu ruige Inbhir Pheofharain mar a b’ àbhaist. Lean e air an turas seo, a’ cumail a-mach à sealladh, ach a’
cumail sùil air le prosbaig. Bha e doirbh dha cumail suas ri Sandaidh oir bha an cù na bu luaithe na duine.
Agus dè thachair trì mìle a-mach à Inbhir Pheofharain? Stad an cù ann am meadhan an rathaid, agus thug e sùil a dh’ionnsaigh taigh Phadaidh. Bha e a’
feitheamh ris a’ bhriosgaid aige. Ach bha Padaidh am broinn an taighe leis an doras glaiste agus na cùirtearan dùinte. Bha fios le cinnt aig Ùisdean a-nise
cò a bu choireach ris a’ mhèirle. Nach robh Sandaidh ga innse?!
Agus, airson bhliadhnaichean, bhiodh an cù a’ toirt tombaca dhachaigh a h-uile Dihaoine – Sandaidh agus an uair sin mac Shandaidh. Cha deach Padaidh faisg
air na coin. Lean sin gus an do chaochail Ùisdean – aig aois ceathrad, le aillse sgamhain.