Dh’fhàg mi sibh le tòimhseachan aig deireadh na Litreach mu dheireadh–dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?’ ’S e am fuasgladh an gas a th’ air
lus–the stem of a plant. Chan obraicheadh sin ann am Beurla!
Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh mu Ùisdean à Inbhir Pheofharain. Nuair a bha e òg, dh’fhàs e dèidheil air tombaca. Ghabh smocadh grèim air. ’S gann gum faicte Ùisdean gun toitean na bheul.
Nuair a bha e fichead bliadhna a dh’aois, chaochail uncail dha, agus fhuair Ùisdean a’ chroit aige. Bha i mu dheich mìle a-mach às a’ bhaile. Bha seo anns
an t-seann aimsir. Leis gun robh fearann aige a-nise, b’ urrainn dha bean a ghabhail. Cha b’ fhada gus an robh e a’ suirghe le Ceitidh
NicDhonnchaidh à Cunndainn. Phòs iad agus gheall Ùisdean dha fhèin gum biodh e na dheagh chèile do Cheitidh.
Ach cha deach aige air stad a chur air a chuid smocaidh. Mar a bu mhotha a dh’fheuch e ris am tombaca a chur an dàrna taobh, ’s ann a bu dorra a dh’fhàs e.
Bha miann mhòr aige air ceò an tombaca a bhith na sgamhan.
Ge-tà, bha e deich mìle bhon aon bhùth a bha a’ reic tombaca. Nuair nach robh gin air fhàgail san taigh, bhiodh e ann am fìor dhroch shunnd. Bha e mar chù
crosta a chaill a chnàimh.
Nuair a phòs Ùisdean is Ceitidh, cheannaich iad cuilean. ’S e cù-coilidh a bh’ ann, air an robh Sandaidh mar ainm. Bha iad a’ dol a dhèanamh cù-chaorach
dheth, ach bha Sandaidh uabhasach dèidheil air a dhol an cois a mhaighstirean, agus na caoraich a sheachnadh. Nuair a rachadh Ùisdean a chèilidh air a
nàbaidhean, bhiodh an cù an-còmhnaidh na chois. Gheibheadh e fàilte chridheil aig a h-uile nàbaidh.
Latha a bha seo, bha Ùisdean ann am fìor dhroch shunnd. Bha e air a dhol seachdain gun smocadh. Chan fhaca Ceitidh cho greannach e. A bheil fios agad dè
tha ceàrr ort, Ùisdein?’ thuirt i. Tha thu feumach air tombaca. Thall’ a Bhaile a’ Chàil agus ceannaich gu leòr airson mìos.’ ’S e Baile a’ Chàil’ a
chanadh daoine ri Inbhir Pheofharain anns an t-seann aimsir.
Am faod mi, a ghràidh?’ fhreagair Ùisdean. Bha e cho sona ris an rìgh.
Agus aon rud eile,’ thuirt a bhean. Thoir Sandaidh leat. Bidh a’ chuairt math dha.’
Dh’fhalbh an duine ’s an cù còmhla air an rathad a dh’Inbhir Pheofharain. Ràinig iad bùth an tombaca agus cheannaich Ùisdean gu leòr airson mìos. Thug fear
na bùtha briosgaid do Shandaidh. Bha e math mar mharsantach, agus chunnaic e cothrom an cois a’ choin.
Carson nach ceannaich thu tombaca bhuam a h-uile seachdain?’ thuirt e.
O, tha mi ro thrang airson tighinn an seo a h-uile seachdain,’ fhreagair Ùisdean. Tha e ro fhada.’
Ge-tà,’ thuirt fear na bùtha. Dh’fhaodadh an cù a thighinn air do shon.’
An cù?’ ars Ùisdean.
Gu dearbh,’ thuirt fear na bùtha. Cuir leth-chrùn ann an nèapraigear timcheall amhaich, agus iarr air thighinn don bhùth. Cuiridh mise tombaca luach
leth-chrùn san nèapraigear agus thèid e dhachaigh leis.’
Mmm. Saoil an obraicheadh sin?’ thuirt Ùisdean. Carson nach fheuch sinn e?
Agus dh’fheuch–an ath thuras a bha tombaca gann san taigh. Agus innsidh mi dhuibh mar a chaidh do Shandaidh an-ath-sheachdain.