FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Raghnall agus Cailean

Tha Raghnall agus Cailean nan caraidean. Bidh iad an-còmhnaidh a’

Audio is playing in pop-over.

Raghnall agus Cailean

Tha Raghnall agus Cailean nan caraidean. Bidh iad an-còmhnaidh a’ feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaighinn air a chèile. Tha iad air an dreuchdan a leigeil dhiubh, agus tha cus ùine aca airson a bhith a’ meòrachadh is a’ beachdachadh air gnothaichean–mòr agus suarach. Latha a bha seo, bha iad nan suidhe còmhla air being fo chraobh.

‘Bha mi a’ dol seachad air pàirc nan lomnochdaichean an latha eile,’ thuirt Raghnall.

‘Pàirc nan lomnochdaichean?’ arsa Cailean. ‘Dè fon ghrèin a tha sin?’

‘Àite far am bi daoine a’ coiseachd timcheall gun sgàth aodaich orra.’

‘O … lomnochdaichean. Ach ann an Alba?’

‘Uill, bidh iad fo chabair ann an togalach blàth, ach a-mhàin air làithean samhraidh,’ thuirt Raghnall. ‘Ach ’s e latha samhraidh a bh’ ann agus chuir mi mo cheann thairis air an fheansa. Bhruidhinn mi ri bodach is cailleach.’

‘An robh iad lomnochd, no rùisgte?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Dearg rùisgte,’ dh’aontaich Raghnall. ‘Dìreach mar a bha iad an latha a rugadh iad.’

‘Eh?’ thuirt Cailean.

‘Uill, chan ann buileach mar a bha iad nuair a rugadh iad,’ dh’aidich Raghnall le gàire.

‘Agus bhruidhinn thu riutha... Dè thuirt thu?’

‘“Smaoinichibh orm,” thuirt mi riutha, “mar bheathach air machraichean mòra Afraga. Tha sibhse nur beathaichean cuideachd. Tha sibh coltach rium, ach eadar-dhealaichte. Tha mise nam asal-stiallach, agus tha sibhse nur n-asail. Agus a bheil fhios agaibh dè tha mi airson a ràdh ribh?” ’

‘Gabh mo leisgeul,’ thuirt Cailean. ‘Ach dè th’ ann an asal-stiallach?’

‘Seabra,’ thuirt Raghnall. ‘Coltach ri asal le stiallan air.’

‘O, ceart gu leòr. Tha sin a’ dèanamh ciall. An do fhreagair iad thu?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Cha do fhreagair,’ thuirt Raghnall. ‘Cha d’ fhuair iad teansa. Oir thug mi freagairt dhaibh.’

‘Agus?’ dh’fhaighnich Cailean.

‘Thuirt mi – “tha sibh coltach rium sa h-uile dòigh, ach nach eil stiall oirbh!” ’

‘Hut!’ thuirt Cailean. ‘’S e breug a tha sin. Ach, trobhad ort, tha tòimhseachan agam dhut fhèin.’

‘Siuthad, ma-thà,’ thuirt Raghnall, ‘cha chùm tòimhseachan agadsa fada mi.’

‘Dè an diofar a th’ ann,’ thuirt Cailean, ‘eadar àm nuair a bhios làn na mara cianail àrd agus fuaim obann a bhios daoine a’ dèanamh às an t-sròin?’

Bha Raghnall a’ meòrachadh. ‘Can a-rithist e,’ thuirt e.

‘Dè an diofar a th’ ann eadar àm nuair a bhios làn na mara cianail àrd agus fuaim obann a bhios daoine a’ dèanamh às an t-sròin?’

‘Tha diofar mòr ann,’ thuirt Raghnall. ‘Buinidh fear dhiubh don mhuir agus am fear eile don bhodhaig.’

‘Ge-tà,’ thuirt Cailean, ‘’s e diofar glè bheag a tha eatarra.’

Bha Raghnall a’ beachdachadh greis ach cha do rinn e a’ chùis. ‘Siuthad, ma-thà,’ thuirt e mu dheireadh. ‘Chan eil fios agam. Inns dhomh.’

‘An litir “s”’, thuirt Cailean. ‘Sin uile.’

‘Ciamar?’ dh’fhaighnich Raghnall.

‘Uill, ’s e reothart a th’ anns an dàrna fear dhiubh, agus sreothart a th’ anns an fhear eile!’

‘Hmph,’ thuirt Raghnall. Cha robh e toilichte gun do dh’fhàilnich air an tòimhseachan fhuasgladh. ‘Ceart, ma-thà, seo tòimhseachan dhut fhèin. Dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?’

‘Bidh a h-uile gas a’ lìonadh an t-soithich sa bheil e,’ thuirt Cailean. ‘Dh’ionnsaich sinn sin aig an àrd-sgoil’

‘Tha thu ceàrr,’ fhreagair Raghnall. Canaidh mi a-rithist e. ‘Dè an gas nach lìon an soitheach sa bheil e?’

Agus bheir mi am fuasgladh dhuibh an-ath-sheachdain.

Litir 814 Litir 814 Litir 816 Litir 816

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!