FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Seann bhàrdachd

Ghineadh iad is rugadh iad, Is thogadh iad is dh’fhàs

Audio is playing in pop-over.

Seann bhàrdachd

Ghineadh iad is rugadh iad,

Is thogadh iad is dh’fhàs

Chaidh stràc dhen t-saoghal thairis orr’,

’S mu dheireadh, fhuair iad bàs.

’S e bàrd ainmeil a sgrìobh a’ chriomag sin de bhàrdachd. Agus innsidh mi dhuibh cò bh’ ann nas fhaide dhen Litir. Ach bu mhath leam na briathran seo a chleachdadh mar dhòigh gus sealltainn nach eil a’ chasaid – gu bheil a’ Ghàidhlig gu math briathrach mar chànan, is gun cleachd i deich fhaclan far an dèanadh seachd a’ chùis ann am Beurla - an-còmhnaidh fìor.

Ghineadh iad is rugadh iad is thogadh iad. Tha na gnìomhairean seo uile anns a’ mhodh fhulangach neo, mar a chanas iad ann am Beurla, the passive voice. Canaidh sinn “fulangach” ris air sgàth ’s gu bheil an cùisear anns an t-seantans, neo an subject, a’ fuiling a’ ghnìomh. Rugadh iad. They were born. Chaidh an gnìomh a dhèanamh orra.

Ma tha sibh air a bhith a’ leughadh a’ Bhìobaill Ghàidhlig, bidh sibh eòlach air na gnìomhairean seo – co-dhiù mar “rug” is “ghin” is “thog”. Mar eisimpleir, seo criomag as Genesis, Caibideil còig ar fhichead: An sin ghabh Abraham bean a-rithist, dom b’ ainm Ceturah. Agus rug i dha Simran agus Iocsan, agus Medan, agus Midian, agus Isbac, agus Suah. Agus ghin Iocsan Seba, agus Dedan…

Rug i dha Simran. Tha sin a’ ciallachadh “she bore him Zimran” – am measg mòran eile, a rèir choltais! ’S e a th’ ann an “rug” an gnìomhair “beir” anns a’ mhodh spreigeach neo active voice, agus anns an tràth chaithte, neo past tense. ’S e “i” Ceturah agus ’s i cùisear an t-seantains. Rug ise Simran.

Ach, mura h-eil sinn airson guth a ràdh oirrese, agus ma tha sinn dìreach airson a ràdh gu robh Simran air a bhreith, chanamaid “rugadh Simran”. Tha an gnìomhair a-nise anns a’ mhodh fhulangach. Agus tha gnìomhairean eile ag obair anns an aon dòigh: ghin is ghineadh, thog is thogadh, rinn is rinneadh, thuirt is thuirteadh, thug is thugadh, is mar sin air adhart.

Gu leòr de ghràmair ma tha! Tilleamaid don bhàrdachd. B’ e an t-ùghdar Rob Donn, bàrd ainmeil an ochdamh linn deug à Cataibh. Rugadh e – agus sin an gnìomhair a-rithist – rugadh e ann an seachd ceud deug agus ceithir-deug (1714) ann an Dùthaich MhicAoidh. Anns an dàn “Marbhrann do Thriùir Sheann Fhleasgach” thug e iomradh air triùir bhràithrean a bha gu math spìocach. Bha iad math air airgead a chàrnadh is a chùmhnadh, ach cha robh iad math air a chosg. Tha e coltach gu robh iad air ionmhas mòr a thiodhlacadh – gu robh iad air a chur am falach fon talamh. Gu h-iongantach, chaochail dithis dhiubh taobh a-staigh latha o chèile, agus chaidh an tiodhlacadh aig an aon àm anns an aon uaigh. Seo dà rann bhon dàn:

Aon duine ’s bean on tàinig iad,

Na bràithrean ud a chuaidh,

Bha an aon bheatha thìmeil ac’,

’S bha ’n aodach dhen aon chlòimh:

Mun aon uair a bhàsaich iad,

’S bha ’n nàdar dhen aon bhuaidh:

Chaidh ’n aon siubhal dhaoine leo’,

’S chaidh ’n sìneadh san aon uaigh.

Bu daoine nach d’ rinn briseadh iad,

Le fiosrachadh do chàch;

’S cha mhò a rinn iad aon dad,

Ris an can an saoghal “gràs”;

Ach ghineadh iad, is rugadh iad,

Is thogadh iad, is dh’fhàs,

Chaidh stràc dhen t-saoghal thairis orr’,

’S mu dheireadh, fhuair iad bàs.

Agus tha e coltach – ged a dh’fheuch iomadh duine ri ionmhas nam bràithrean a lorg thairis air ùine – nach do lorgadh e. Cò aige tha fios nach eil e fon talamh ann am badeigin fhathast.

Litir 80 Litir 80 Litir 82 Litir 82

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!