Bha mi ann an Tiriodh o chionn greis. Anns an fharsaingeachd, tha mi car measail air àiteachan far a bheil beinn is monadh, agus chan e
sin an seòrsa eilein a th’ ann an Tiriodh. Ach, a dh’aindeoin sin, tha rudeigin tarraingeach dhomh mu dheidhinn Tiriodh Ìosal an Eòrna.
Chan eil fhios a’m buileach dè th’ ann. Tha na tràighean brèagha, agus tha am machair làn fhlùraichean. Tha na seallaidhean fada agus tha na h-eòin pailt.
Tha na Tiristich laghach, agus tha dualchas Gàidhlig air leth aca. Ma tha a h-uile càil mar sin agaibh, ’s dòcha nach eil sibh feumach air beanntan!
Bha mi a’ fuireach ann am Baile Phèadrais air taobh a tuath an eilein. Ann an àite far a bheil ainm Lochlannach air grunn bhailtean – leithid Sgairinis,
Circeabol, Got is Grianal – tha am facal Gàidhlig ‘baile’ a’ nochdadh gu math tric. ’S aithne dhomh sia dhiubh ann an Tiriodh – Baile Phuill, Baile
Mhuilinn, Am Baile Nodha, Baile Mhàrtainn, Am Baile Meadhanach agus Baile Phèadrais. Ann am Beurla, ach a-mhàin am Baile Meadhanach, air a bheil Middleton,
tha na bailtean a’ giùlain na h-eileamaid Ghàidhlig. ’S iad sin Balephuil, Balevullin, Balinoe, Balemartine agus Balephetrish.
Bha Baile Phèadrais air ainmeachadh, a rèir choltais, airson fear Aodh MacPhèadrais a bha na chlèireach anns a’ chòigeamh linn deug. Bha mi toilichte a
bhith a’ fuireach ann oir ’s e am baile as fhaisge air rud ainmeil a bha mi riamh ag iarraidh fhaicinn dhomh fhìn. ’S e sin Clach a’ Choire. Tha daoine nas
eòlaiche oirre an-diugh mar The Ringing Stone, oir bidh i a’ dèanamh fuaim mar chlag nuair a bhualas tu oirre le clach eile.
Tha i faisg air a’ chladach. ’S dòcha gu bheil i ann an nàdar de choire eu-domhainn agus gur e sin as coireach ri a h-ainm ann an Gàidhlig. Chan eil mi
buileach cinnteach. Ach ’s e clach iongantach a th’ innte.
Tha còrr is trì meatairean de dh’fhad innte, dà mheatair gu leth de leud, agus tha i faisg air m’ àirde fhèin os cionn na talmhainn. Agus tha aon rud
cinnteach mu a deidhinn – cha bhuin i do Thiriodh. ’S e clach iomrallach a th’ innte. ’S e sin a’ Ghàidhlig air erratic – clach a chaidh a thoirt
à àite eile ann an dèigh o chionn còrr is deich mìle bliadhna. Clach iomrallach.
Tha i air a dèanamh de chlach-ghràin, seòrsa a tha mòran nas òige na ’n gneiss a tha timcheall oirre. Thòisich i a turas ann an Rùm agus sguir i ann an
Tiriodh. Nam biodh i ceud slat gu tuath air far a bheil i, cha bhiodh sgeul oirre, oir bhiodh i fo na tuinn. Agus ’s e sin a thachras do Thiriodh, a rèir
beul-aithris, ma thèid a’ chlach a sgàineadh. Thèid an t-eilean fo na tuinn. Tha beul-aithris cuideachd ag innse dhuinn gun deach a tilgeil ann le famhair.
Tha daoine air a bhith gu math eòlach oirre o chian nan cian. Tha i còmhdaichte le caogad ’s a tri làraichean mu mheud cupa a tha cruinn
no ann an cumadh uighe. Thathar a’ smaoineachadh gun robh a’ chlach naomh ann an dòigh air choreigin don t-sluagh ro-eachdraidheil a bha a’ fuireach ann.
Bha, agus tha, i sònraichte do na Gàidheil cuideachd. Innsidh mi dhuibh stòiridh mu a deidhinn an-ath-sheachdain.