Còig bliadhn’ deug airson Poileas a Mharbhadh
. B’ e sin an tiotal air pìos-naidheachd air duilleag aghaidh a’ New Zealand Herald air a’ chiad latha dhen Ghiblean anns a’ bliadhna mu dheireadh
dhen naoidheamh linn deug. Chan e gogaireachd a bh’ ann, ge-tà. Bha an naidheachd dhuilich mu bhàs a’ Chonstabal King ann an Srath Spè ann an Alba.
Feumaidh gur e naidheachd mhòr a bh’ innte. Co-dhiù bha ùidh mhòr aig muinntir na Gàidhealtachd innte.
B’ e am ‘murtair’ fear Ailean MacCaluim. Thogadh Ailean ann an Loch Abar agus bha e cianail measail air poidseadh, ged a bha athair na gheamair. Feumaidh nach robh cùisean rèidh anns an taigh aig amannan!
Nuair a bha e na dhuine òg, dh’fhalbh Ailean a dh’fhuireach ann am Patagonia – slighe a ghabh mòran eile às a’ Ghàidhealtachd. Bha e ann fad seachd
bliadhna. Tha dùil gun robh e ri cìobaireachd an sin. ’S dòcha gun robh e anns na h-Eileanan Faclanach cuideachd airson greis.
Timcheall air a’ bhliadhna ochd ceud deug is naochad (1890), thill Ailean a dh’Alba. Bha athair air bàs fhaighinn agus bha a mhàthair air gluasad a
Dhrochaid na Cuing-leum ann an Srath Spè. Bha bràthair Ailein – Dòmhnall – ag obair do Ghranndach Rat Mhurchais mar gheamair. Chaidh Ailean a dh’fhuireach
aca. Cha b’ fhada gus an robh e air ais na sheann dòighean, a’ poidseadh.
Bha e eòlach air sgìre mhòr eadar am Monadh Ruadh agus Monadh Nibheis, agus rinn e bith-beò à poidseadh. Bha e a’ reic sitheann do luchd-ceannach air feadh
na dùthcha. A rèir choltais, bha e ga cur air an trèana ann an Coit Ghartain.
Chan e duine dòigheil a bh’ ann an Ailean. Bhiodh e a’ maoidheadh air geamairean. Agus latha a bha seo, chaidh e fhèin is Dòmhnall a-mach air a chèile gu
dubh mun phoidseadh a bha e a’ dèanamh. Mhaoidh Ailean air Dòmhnall. Thuirt Dòmhnall ris gun robh e às a rian. Theich Ailean ach bha dragh air Dòmhnall gur
e fòirneart a bha fa-near do dh’Ailean agus dh’inns e do na poilis anns an Aghaidh Mhòir mun ghnothach.
Cho luath ’s a thòisich na poilis air rannsachadh a dhèanamh air Ailean, fhuair iad a-mach gun robh eagal air muinntir an àite roimhe. ’S e fear tapaidh a
bh’ ann, làidir na bhodhaig, ceathrad ’s a trì bliadhna a dh’aois agus gun dlùth-charaid ach a-mhàin an cù aige. Bha e cuideachd, mar a bhiodh dùil, fìor
sgileil le gunna.
Lean MacCaluim le a phoidseadh. Chaidh a dhìteadh ach cha do nochd e sa chùirt. Chaidh binn a chur air – càin còig sgillinn a phàigheadh no seachd latha sa
phrìosan. Chaidh iarraidh air poileas à Drochaid Neithich a dhol thuige, airson an t-airgead iarraidh. B’ esan an Constabal Tòmas King. Bha e àrd,
foghainteach agus pòsta le ochdnar cloinne. Fhuair e taic bho phoileas eile, Iain MacGilleNaoimh.
Bha Ailean MacCaluim a-nise a’ fuireach ann an taigh beag dà-sheòmrach aig tè Marsaili Nic a’ Phearsain, Marsaili Dhubh mar a chante rithe, ann am Baile Mhuilinn an Tulaich ann an Obar Neithich. Chaidh na poilis don taigh.
‘Hai, MhicCaluim!’ dh’èigh iad.
‘Dè tha sibh ag iarraidh?’ dh’èigh MacCaluim air ais.
Chaidh na poilis a-steach don taigh, MacGilleNaoimh don t-seòmar-chadail agus King don chidsin. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin anns an ath
Litir.