Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi ag innse dhuibh stòiridhean à taobh siar Leòdhais. Tha mi airson innse dhuibh mu fhear a bhuineadh don sgìre
sin, agus a dh’fhàg cunntasan againn dhen bheul-aithris a bha beò aig an àm. Bha am fear seo ainmeil, cho ainmeil, gu dearbh, ’s gun deach dàn a sgrìobhadh
dha fhad ’s a bha e fhathast beò. Seo agaibh rann a-mach às an dàn.
Thug Freastal toirteil nàdair
Luchd a’ ghràidh cho pailt nad chom
’S gun tuig thu brìodal nathrach
Bhios a’ sporthalaich na tom,
Ga togail suas nad bhroilleach
Is ga filleadh mu do cheann,
’S ga tàladh le ceòl-mara,
Nuair as pailte bhios an rann.
Chaidh sin a sgrìobhadh le Caitriona F Urchadan. Agus cò e cuspair an dàin? An t-Ollamh Tormod MacIlleMhoire. Tha muinntir Shiaboist eòlach air mar Tormod
an t-Seòladair.
Tuigidh sibh bhon rann shuas nach e duine àbhaisteach a bh’ ann an Tormod. Tha a’ chuid as motha againn rudeigin eagallach ro nathraichean. Tha an
nathair-nimhe a bhuineas do dh’Alba.. uill… nimhe no puinnseanta.
Bha Tormod an t-Seòladair, ge-tà, cianail fhèin measail air nathraichean. Agus, mar a tha an dàn ag ràdh, bhiodh e gan togail suas na bhroilleach agus gam
filleadh mu a cheann. Tha dealbhan-camara ann de Thormod agus nathraichean-nimhe na làmhan agus timcheall a chinn. Dh’fhàs e ainmeil airson a chuid eòlais
air nathraichean.
A bharrachd air sin, bha e ainmeil cuideachd airson Caidreachas nam Poileas a chur air chois, oir ’s e poileas a bh’ ann fad bhliadhnaichean mòra. Tha mi
airson innse dhuibh mu bheatha a’ Ghàidheil iongantaich seo.
Rugadh Tormod ann an Siabost anns an Dàmhair ochd ceud deug, seasgad ’s a naoi (1869). B’ esan an neach a bu shine de naoinear cloinne. Bha athair na
iasgair agus na chroitear. Tha Tormod ag innse dhuinn anns an fhèin-eachdraidh aige ‘My Story’ nach robh a mhàthair air foghlam Beurla fhaighinn ach gur e
sgoilear Gàidhlig a bh’ innte. Bha seo, cuimhnicheamaid, mus do rinn Achd an Fhoghlaim sgrios air suidheachadh a’ chànain.
Fhuair Tormod foghlam anns an sgoil anns a’ bhaile. Chòrd an sgoil ris, ach bha e anabarrach toilichte nuair a fhuair e obair air a’ bhàt’-iasgaich aig uncail dha aig aois còig-deug. Bha iad ag iasgach leis na lìn-mhòra. Chòrd e ris ach a-mhàin gun do dh’fhuiling e gu mòr le cur-na-mara.
Cha d’ fhuair e thairis air sin riamh agus thug sin air gun a bhith a’ leantainn le obair mar iasgair. Chuir e roimhe, aig aois naoi-deug, a dhol a
Ghlaschu airson a bhith na phoileas.
Bha Glaschu gu math eadar-dhealaichte bho Shiabost. Agus chuir e iongnadh air Tormod mar a bha cuid de mhuinntir a’ bhaile gan giùlan fhèin air oidhche
Shathairne, agus an daorach orra. Dh’fhuiling e sàthadh le sgian nuair a thug gràisg ionnsaigh air, agus bha e fortanach faighinn às le a bheatha. Dh’fhàg
e na poilis goirid às dèidh sin ach, mar a chì sinn, cha robh a cheanglaichean ri obair dhen t-seòrsa sin buileach seachad. Agus cha robh
e air tòiseachadh leis na nathraichean fhathast…