FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gillaroo / Gille-ruadh

Dè th’ ann an gille-ruadh? ’S dòcha gum bi sibh

Audio is playing in pop-over.

Gillaroo / Gille-ruadh

Dè th’ ann an gille-ruadh? ’S dòcha gum bi sibh a’ smaoineachadh air balach aig a bheil falt ruadh. Ceart gu leòr, ach tha mise a’ smaoineachadh air rudeigin eile, agus tàthan ann eadar ‘gille’ agus ‘ruadh’. Tha Dwelly ag innse dhuinn gu bheil e a’ ciallachadh salmon parr; ’s e sin bradan aig ìre òg mus fhàg e abhainn airson a dhol gu muir.

Ach tha ciall eile air gille-ruadh. Thàinig mi tarsainn air anns a’ chruinneachadh de dh’fhaclan a rinn Maighstir Ailein ann an Eirisgeigh agus Uibhist a Deas. Seo na sgrìobh e: Gille-ruadh: a freshwater fish not unlike a codling though not so red, biggish in belly. Found in Loch Morar. An uair sin, ann an camagan le comharra-ceist aig an deireadh, tha e a’ cur ‘a gillaroo, kind of trout?’

Nise, cha robh mi riamh ag iasgach ann an Loch Mhòrair. Tha an loch sin air leth domhainn agus tha cuid a’ cumail a-mach gu bheil uilebheist dom b’ ainm Mòrag beò ann! Ach chan eil mi cinnteach mu ghillean-ruadha.

Nuair a rinn mi beagan rannsachaidh air an fhacal gillaroo, fhuair mi a-mach gu bheil e a’ nochdadh ann an Èirinn cuideachd. Tha cuid ga cheangal do loch air a’ chrìch eadar Contae Fhear Manach agus Liatroim. ’S e Loch Meilbhe an t-ainm air an loch. ’S e a th’ anns a’ ghille-ruadh ach breac a tha ag ithe, anns a’ mhòr-chuid, seilcheagan-uisge aig bonn an locha. ’S e am biadh sin a tha ga dhèanamh ruadh. ’S ann dìreach aig deireadh an t-samhraidh a thig iad gu uachdar an locha airson biadh a lorg. An uair sin bidh iasgairean gan glacadh air a’ mhaghar.

An e gnè èisg eadar-dhealaichte bhon bhreac a th’ anns a’ ghille-ruadh? Tha cuid dhen bheachd gur e dìreach Salmo trutta a th’ ann – am breac àbhaisteach – ach gu bheil a bhiadh ga dhèanamh eadar-dhealaichte. Tha cuid eile ag ràdh gum bu chòir a bhith air a thomhas mar ghnè fa leth. Tha iad air ainm saidheansail a thoirt dha – Salmo stomachius.

Chan e Loch Meilbhe, ge-tà, an aon loch ann an Èirinn anns a bheil a leithid de dh’iasg a’ tighinn beò. Agus tha loch ann an Alba ainmeil air a shon cuideachd. Ach chan e Loch Mhòrair a th’ ann. Ann an Innis nan Damh, ann an Asainte, tha loch beag ann air a bheil, air a’ mhapa, Loch Mhaolach-coire. Chan eil an t-ainm a’ dèanamh ciall dhomh. A rèir choltais, tha e mearachdach. ’S e Loch Maol a’ Choire an t-ainm ceart. Tha muinntir an àite cuideachd ga aithneachadh mar The Gillaroo Loch.

Cumaibh seo agaibh fhèin, ach tha e coltach gu bheil an t-iasgach uabhasach math ann. ’S e as coireach ri sin gu bheil clach-aoil timcheall an locha. Agus tha meanbh-chreutairean – leithid chloitheagan – ann, ann am pailteas. Bidh na bric ann an Loch Maol a’ Choire ag ithe nan cloitheagan agus bidh iad a’ dol ruadh. Mar sin, ’s dòcha nach e Salmo stomachius a th’ anns na bric sin idir. Gu dearbh, ’s e sin a tha seann leabhar mu Asainte ag ràdh – ‘the loch is supposed (but wrongly) to contain the true gillaroo trout’.

Co-dhiù no co-dheth, ’s dòcha gu bheil feadhainn agaibh air facal ùr ionnsachadh an-diugh – gillaroo. Agus facal Beurla eile a thàinig bhon Ghàidhlig.

Litir 708 Litir 708 Litir 710 Litir 710

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!