Tha mi a’ dol a leughadh earrann bhon Bhìoball dhuibh. Tha i às an t-Seann Tiomnadh. Tha i mu dheidhinn fear a tha gu math ainmeil. Bidh sibh uile eòlach
air.
Gu h-iongantach, ’s dòcha, tha am fear sin ainmichte air tìr na h-Alba. Tha mi airson ’s gun dèan sibh tomhas air cò e an duine. Seo am pìos bhon Bhìoball,
ma-thà. Tha mi an dòchas gun gabh sibh mo leisgeul, ach tha mi a’ dol a dh’atharrachadh na Gàidhlig dìreach rud beag airson ’s gum bi i nas fhasa a
thuigsinn. ’S e na th’ agams’ ach fìor sheann Bhìoball, agus cànan ann a bhuineas do dheireadh an ochdamh linn deug.
Agus rinn clann Israeil olc a-rithist ann an sùilean an Tighearna; agus thug an Tighearna thairis iad do làimh nam Philisteach dà fhichead bliadhna.
Agus bha duine àraidh do Shorah, do theaghlach nan Danach, dom b’ ainm Manoah; agus bha a bhean neo-thorrach, agus cha d’ rug i clann.
Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearn’ e fhèin don bhean, agus thuirt e rithe – fèach, tha thu a-nise neo-thorrach, agus cha d’ rug thu fhathast
clann; ach ginidh tu, agus beiridh tu mac. A-nise, ma-thà, thoir an aire, guidheam ort, agus na òl fìon no deoch làidir, agus na ith nì sam bith
neo-ghlan.
Oir, fèach, ginidh tu agus beiridh tu mac, agus cha tig ealtainn sam bith air a cheann; oir bidh an leanabh na Nasarach do Dhia on bhroinn; agus
tòisichidh e air Israel a shaoradh à làimh nam Philisteach.
Tha am pìos sin a’ tighinn bho Leabhar nam Breitheamhna. An do dh’obraich sibh a-mach cò e am mac a bhiodh a’ saoradh nan Israelach? Mura h-eil sibh ro
eòlach air a’ Bhìoball, bidh an seantans ‘cha tig ealtainn sam bith air a cheann’ ag innse dhuibh, nach bi? Samson! Agus tha Samson air ainmeachadh air tìr
na h-Alba. Innsidh mi dhuibh càite nas fhaide air adhart.
Ann an Caibideil a ceithir-deug de Leabhar nam Breitheamhna, tha sinn a’ cluinntinn mun rud a rinn Samson ainmeil – a neart. Nuair a bha Samson faisg air
fìon-lios, agus e a’ lorg bean am measg nam Philisteach, thug leòmhann ionnsaigh air. Ach reub Samson an leòmhann às a chèile mar a reubadh e meann.
Uaireigin às dèidh sin, agus e air an rathad airson am boireannach a phòsadh, chaidh e seachad air closach an leòmhainn. Na bhroinn, bha sgaoth sheilleanan agus mil. Ghabh Samson làn cròige de mhil agus dh’ith e i fhad ’s a bha e a’ coiseachd.
Rinn Samson cuirm mar a bu dual do dh’fhir-bhainnse. Agus fhuair e trithead companach. Thug e tòimhseachan do na companaich. Seo na thuirt e: Às an fhear a dh’itheas, thàinig a-mach biadh; agus às an fhear gharg thàinig a-mach milseachd. Canaidh mi sin a-rithist. Às an fhear a dh’itheas,
thàinig a-mach biadh; agus às an fhear gharg thàinig a-mach milseachd.
Chaidh beagan làithean seachad mus do dh’fhuasgail iad an tòimhseachan. Mu dheireadh, thuirt iad ris, ‘Ciod as milse na mil, ciod as gairge na leòmhann?’
Thuig iad gun robh Samson a’ bruidhinn mun leòmhann a mharbh e, às an d’ fhuair e a’ mhil.
Bha mi a’ dol a dh’innse dhuibh cà’ bheil Samson air ainmeachadh ann an ainm-àite ann an Alba. Ach feumaidh sin feitheamh chun na h-ath-sheachdain. Slàn
leibh.