An cuala sibh riamh mu Chè Tormod Dòmhnallach – Keith Norman MacDonald? ’S e Sgitheanach a bh’ ann. Rugadh e ann an Slèite ann an ochd ceud deug, trithead
’s a ceithir (1834). Ged as e dotair a bh’ ann, tha e ainmeil airson a bhith a’ cruinneachadh agus a’ foillseachadh ceòl nan Gàidheal. O chionn ghoirid,
chaidh an cruinneachadh aige de phuirt-à-beul a chur an clò às ùr. Bu mhath leam sùil a thoirt air a’ chruinneachadh sin. Ach, an toiseach, tha mi airson
innse dhuibh mun fhear-chruinneachaidh fhèin.
B’ e Cè Tormod an treas mac aig Teàrlach Dòmhnallach às an Òrd ann an Slèite. B’ e a sheanair, taobh a mhàthar, an Caiptean Niall MacLeòid
Gheusto. Bha ùidh mhòr aig Niall ann an ceòl nan Gàidheal agus dh’fhoillsich e leabhar pìobaireachd. Agus chuir e canntaireachd air pàipear, canntaireachd
a fhuair e bho Iain Dubh MacCruimein, fear dhen fheadhainn mu dheireadh anns an teaghlach Sgitheanach sin a bha nan sàr-phìobairean.
Cheumnaich Cè Tormod ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, caogad ’s a ceithir (1854). Thill e don Eilean Sgitheanach mar dhotair airson dà bhliadhna.
An uair sin, chuir e seachad deich bliadhna ann an Loch Abar, a’ Chuimrigh, Sasainn agus Burma. Fhad ’s a bha e ann am Burma, ghabh e ùidh anns an eòlas
aca air leigheas traidiseanta. Sgrìobh e leabhran The Practice of Medicine Among the Burmese, Translated from Original Manuscripts. Ach, ged a bha
e a’ dèanamh obair mhòr, is obair mhath, airson slàinte a’ phobaill thall an sin a thoirt am feabhas, bha a shlàinte fhèin a’ fulang. Thill e a Bhreatainn
ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a naoi (1869).
Phòs e tè, Eliza Mary Niblett, à Dùn Èideann, agus bha còignear de theaghlach aca – dithis mhac agus triùir nighean. A dh’aindeoin cho trang ’s a bha e le
theaghlach agus le obair mar dhotair, sgrìobh e grunn altan saidheansail. ’S e neo-chreidmheach a bh’ ann, agus bha e dhen bheachd gun robh Crìosdachd aig
an àm sin a’ cur cus cuideim air fulangas às dèidh a’ bhàis. Sgrìobh e leabhran air an robh On Death and How to Divest It of Its Terrors.
Mar a chaidh an ùine seachad, ’s e a chànan is a chultar fhèin a bu mhotha a bha a’ gabhail aire. Fhad ’s a bha e a’ fuireach ann am Fìobh, dh’fhoillsich e
The Skye Collection of Reels and Strathspeys. Bha e ag iarraidh seann phuirt a ghleidheadh, ach bha e cuideachd ag iarraidh gum biodh daoine gan cluich. Mar sin, ann am fasan an latha, chuir e ceòl piàna ann airson gach port. Tha e coltach gun robh daoine gu
math measail air a’ chruinneachadh sin ann an Ceap Breatainn, ged nach urrainn dhomh a ràdh co-dhiù thug e buaidh mhòr air an stoidhle chluich aca.
Ann an ochd ceud deug is naochad (1890), thill Cè Tormod do dhùthaich a shinnsirean, nuair a ghabh e dreuchd mar oifigear meidigeach ann an Ospadal Gheusto
anns an Eilean Sgitheanach. Bha e an sin airson sia bliadhna. Mus do dh’fhàg e Geusto, dh’fhoillsich e leabhar eile – The Gesto Collection of Highland
Music. Agus feumaidh an còrr mu dheidhinn feitheamh chun na h-ath Litreach.