FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Gille agus an Gobha

Bha uaireigin gobha a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd. ’S e

Audio is playing in pop-over.

An Gille agus an Gobha

Bha uaireigin gobha a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd. ’S e Iain an t-ainm a bh’ air. Bha bean aige air an robh Magaidh mar ainm. Bha i àrd agus caol agus bha snìomh aice na h-amhaich.

Bha Iain leisg agus bhiodh Magaidh an-còmhnaidh a’ trod ris. “Nach tèid thu don cheàrdaich, a-mach às mo rathad,” bhiodh i ag ràdh ris.

Agus bhiodh Iain a’ falbh don cheàrdaich far am faigheadh e fois. Bhiodh e an dòchas nach tigeadh duine no each na rathad, gus nach biodh aige ri obair a dhèanamh. Ach, latha a bha seo, thàinig fear òg, air an robh èideadh uaine. Bha e a’ giùlain boireannach òg air a ghuailnean.

Chlisg Iain. “Dè nì mi dhut?” dh’fhaighnich e dhen strainnsear.

“Uill, a ghobha,” ars am fear òg, “am faod mi d’ innean a chleachdadh?”

“Faodaidh,” thuirt Iain.

“Dèan suidhe,” thuirt am fear òg. Chuir e a làmh na phòcaid agus thug e a-mach còig buinn òir. “Pàighidh seo thu,” thuirt e. “Nise, tha mi a’ dol a thoirt rabhadh dhut. An rud a chì thu, na dèan thu fhèin e.”

Shuidh Iain. Chaidh am fear òg don innean leis a’ bhoireannach. Chunnaic Iain gun robh a ceann tromach air shearrach no cùlaibh air beulaibh.

“A bheil sgian agad?” dh’fhaighnich am fear òg.

“Tha gu leòr air a’ bhalla,” fhreagair Iain.

“A bheil iad geur?”

“Tha iad an-còmhnaidh geur.”

Thagh am fear òg sgian mhòr. Chuir e ceann a’ bhoireannaich air an innean, agus gheàrr e dheth e. Thuit a bodhaig don làr. Cha robh boinne fala ann.

Thog am fear òg ceann a’ bhoireannaich. Chuir e don teine e. Dh’obraich e am balg-sèididh agus dh’fhàs an teine teth. An ceann ùine ghoirid, cha robh air fhàgail dhen cheann ach luaithre bhàn.

Thog am fear òg an luaithre bhon teine. Phronn e tuilleadh i gus nach robh ann ach duslach. Rinn e smugaid air an duslach. Shuath e le a làimhe e gus an robh e na thaois. Choisich e a-null do bhodhaig a’ bhoireannaich agus shuath e an taois air a h-amhaich. Agus – abair iongantas – nochd solas uaine air an taois. Dh’fhàs ceann ùr air a’ bhoireannach.

Bha Iain troimh-a-chèile leis na chunnaic e. Cha b’ urrainn dha a chreidsinn. Choimhead am fear òg air. “Nise, a ghobha,” thuirt e. “Cuimhnich na thuirt mi. An rud a chunnaic thu, na dèan thu fhèin e.” Agus gun dad eile a ràdh, dh’fhalbh am fear òg agus am boireannach.

Goirid às dèidh sin, cò nochd anns a’ cheàrdaich ach bean a’ ghobha – àrd, caol agus snìomh na h-amhaich. “Seo srùpag dhut, a leisgeadair gun fheum,” thuirt i ris an duine aice, “An robh thu a’ dèanamh càil ach coimhead air an teine?” Bha i a’ dèanamh cànran, mar as àbhaist.

Choimhead Iain air an t-snìomh ann an amhaich a mhnà. Choimhead e air na sgeinean geura air a’ bhalla. “Cuir an tì thall an sin air a’ bheing,” thuirt e, “agus trobhad an seo.”

“Dè tha thu ag iarraidh, a bhumaileir leisg?” thuirt Magaidh.

Chuir Iain a ghàirdeanan timcheall a mhnà, agus thug e sgian far a bhalla. Agus chì sinn dè thachair an uair sin an-ath-sheachdain.

Litir 686 Litir 686 Litir 688 Litir 688

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!