FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ruairidh MacCoinnich, Gleann Moireastan

Bidh sibh eòlach air Gleann Moireastan ma tha sibh air

Audio is playing in pop-over.

Ruairidh MacCoinnich, Gleann Moireastan

Bidh sibh eòlach air Gleann Moireastan ma tha sibh air an rathad a ghabhail eadar Loch Nis agus An t-Eilean Sgitheanach. Anns a’ ghleann, ri taobh an rathaid mhòir, tha càrn ann. Tha e os cionn an rathaid, agus tha àite-pàrcaidh ri a thaobh.

Tha an càrn mar chuimhneachan air gaisgeach Seumasach a chaill a bheatha ann an adhbhar a’ Phrionnsa ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746). B’ esan Ruairidh MacCoinnich. Tha cuid dhen bheachd gun do shàbhail e beatha Theàrlaich Òig le a chuid gaisgeachd. Seo an stòiridh aige.

Chan ann às a’ Ghàidhealtachd a bha Ruairidh, ach à Dùn Èideann. Bha athair na uaireadairiche. Thathar a’ smaoineachadh gun robh Ruairidh fhèin na cheannaiche fiodha ann am Baile nam Feusgan. Tha dùil, mar sin, gun robh e eòlach air a’ Ghàidhealtachd, far an robh mòran de na coilltean coimeirsealta. Thathar a’ smaoineachadh cuideachd gun robh buntanas sinnsireil aige do Chinn Tàile, is gun robh e càirdeach do Chloinn ’ic Calmain an sin. A rèir choltais, bhiodh Clann ’ic Calmain à Cinn Tàile a’ gabhail “MacCoinnich” orra mar ainm nuair a bha iad taobh a-muigh na Gàidhealtachd.

Bha Ruairidh mar phàirt de dh’fheachd ainmeil Seumasach ris an cainte “Elcho Troop”. Bha iad uile à Mon Rois agus Dùn Èideann. A rèir aithris, bha Ruairidh cho coltach ri Teàrlach Òg Stiùbhart ann an dreach ’s gur ann tric a bhiodh daoine a’ smaoineachadh gum b’ esan am Prionnsa! B’ e sin a thug an cothrom dha a bhith na ghaisgeach.

Bha Elcho Troop aig Blàr Chùil Lodair. Às dèidh a’ bhatail, sgaoil iad, gach duine an urra ri a bheatha fhèin. Chan eilear cinnteach ciamar a fhuair Ruairidh e fhèin ann an Gleann Moireastan, ach bha e ann trì mìosan an dèidh a’ bhlàir. ’S dòcha gun robh e a’ dèanamh air Cinn Tàile. Leis gun robh e aithnichte mar Sheumasach, bha e air a mhàthair ’s a pheathraichean a chur ann an cunnart nan robh e air tilleadh a Dhùn Èideann.

Bha saighdearan dearga a’ dol timcheall na Gàidhealtachd a’ coimhead airson Theàrlaich Òig. Bha airgid-cinn air a’ Phrionnsa, luach trithead mìle not. Thachair feachd de shaighdearan ri Ruairidh ann an Gleann Moireastan agus bha còmhrag ann. Bha Ruairidh air a leòn gu dona. Dìreach mus d’ fhuair e bàs, dh’èigh e, “You have killed your Prince!”

Bha na saighdearan dhen bheachd gun robh iad air am Prionnsa a mharbhadh. Gheàrr iad ceann Ruairidh far a bhodhaig agus thug iad air falbh e, feuch dearbhadh gur e ceann Theàrlaich a bh’ ann. Bha Cumberland a’ smaoineachadh gun robh am Prionnsa marbh agus thill e a Shasainn.

Mu dheireadh thall, thuig an riaghaltas gun robh Teàrlach fhathast beò. Ach bha e air a dhol-às a dhèanamh, eadhon a’ cur seachad ùine ann an Gleann Moireastan mus d’ fhuair e aiseag chun na Frainge. Bha gaisgeachd Ruairidh air ùine a thoirt dha, agus ’s dòcha gun tug i cothrom dha teicheadh le a bheatha.

Air taobh eile an rathaid, taobh na h-aibhne, tha clach-uaighe ann. Tha i a’ comharrachadh an àite far an deach an còrr de bhodhaig Ruairidh a thiodhlacadh le muinntir an àite. Agus fhathast, anns an Iuchar a h-uile bliadhna, bidh feadhainn a’ tighinn cruinn còmhla aig an uaigh airson gaisgeachd Ruairidh MhicCoinnich a chuimhneachadh is a chomharrachadh.

Litir 685 Litir 685 Litir 687 Litir 687

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!