FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Coinneach Odhar Fiosaiche (1)

Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Choinneach Odhar Fiosaiche.

Audio is playing in pop-over.

Coinneach Odhar Fiosaiche (1)

Tha mi cinnteach gun cuala sibh mu Choinneach Odhar Fiosaiche. Tha e aithnichte ann am Beurla mar The Brahan Seer. Bha an dà-shealladh no taibhsearachd aige. Rinn e fàidheadaireachd mu iomadach rud. A rèir beul-aithris, thàinig mòran dhiubh gu bith.

Bidh sibh air cluinntinn, tha mi cinnteach, mun fhàisneachd aige gun tigeadh an Canàl Cailleannach gu bith – ceud gu leth bliadhna mus do thòisich an obair air. Thuirt Coinneach, a rèir beul-aithris: Thig an latha ’s am faicear làraichean Sasannach air an tarraing le srianan còrcaich seachad air cùl Tom na h-Iùbhraich. Agus thàinig an latha sin nuair a dh’fhosgail an canàl anns an naoidheamh linn deug.

Ach ciamar a fhuair Coinneach Odhar na comasan aige? Tha farsaingeachd de stòiridhean ann mu dheidhinn sin, agus bu mhath leam an aithris dhuibh. Chan urrainn dhomh a ràdh a bheil gin aca fìor.

’S dòcha gur e an stòiridh as ainmeile am fear à Sgìr’ Ùig’ ann an Leòdhas, a tha a’ dol air ais gu òige Choinnich. Rugadh Coinneach ann am Baile na Cille ann an Sgìr’ Ùig’. Nuair a bha e na dheugaire, ach gun a bhith mòran a bharrachd air dusan bliadhna a dh’aois, bha a mhàthair a’ fuireach shuas air an àirigh. Bha sin ann an àite ris an canar An Cnoc Ceòthail. Às a sin, chithear an seann chladh. Mu mheadhan-oidhche, chunnaic màthair Choinnich na h-uaighean a’ fosgladh, agus na mairbh ag èirigh asta.

Bha iad de gach aois, agus chaidh iad gu gach àird. Às dèidh uair a thìde, thill iad don chladh. Thill iad do na h-uaighean, agus dhùin na h-uaighean a-rithist. Ach bha tè dhiubh nach robh dùinte. Bha màthair Choinnich feòrachail. Bha i airson faighinn a-mach cò bu chòir a bhith anns an uaigh sin.

Chaidh i sìos don chladh, agus chuir i a cuigeal thairis air an uaigh. Mura h-eil sibh eòlach air an fhacal cuigeal, ’s e inneal a bh’ ann a bhiodh boireannaich a’ cleachdadh gu mòr airson snìomh – distaff ann am Beurla. Chuir i sin thairis air beul na h-uaghach airson stad a chur air an duine mharbh bho bhith a’ dol a laighe innte.

An ceann mionaid no dhà – cha robh e fada – thàinig boireannach bàn dha h-ionnsaigh. “Tog do chuigeal far beul na h-uaghach,” thuirt i, “agus leig leam a dhol a-steach gu àite-còmhnaidh nam marbh.”

“Nì mi sin,” fhreagair màthair Choinnich, “nuair a dh’innseas tu dhomh dè thug ort a bhith cho fada gun tilleadh.”

“’S ann mar seo a bha e,” ars am boireannach bàn. “B’ fheudar dhòmhsa a dhol mòran na b’ fhaide na càch. B’ fheudar dhomh dhol a Lochlann. Is mise nighean aig Rìgh Lochlainn. Chaidh mo bhàthadh nuair a bha mi a’ snàmh thall an sin. Lorgadh mo chorp air an tràigh faisg air seo agus chaidh mo thiodhlacadh anns an uaigh seo. Mar dhuais airson do chuid calmachd, bheir mi fios dìomhair dhut. Thalla don loch thall an sin agus gheibh thu lorg air clach bheag chruinn ghorm. Thoir a’ chlach don ghille agad, Coinneach, agus cleachdaidh esan i airson fàidheadaireachd a dhèanamh.”

Rinn màthair Choinnich sin. Fhuair i a’ chlach bheag chruinn ghorm agus thug i do Choinneach i.

Uill, ’s e sin aon stòiridh air mar a fhuair Coinneach Odhar a chomasan. Bheir sinn sùil air stòiridhean eile an-ath-sheachdain.

Litir 682 Litir 682 Litir 684 Litir 684

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!