Bha fear, air an robh Dòmhnall Ruadh mar ainm, a’ coiseachd tro choille. Dè lorg e anns a’ choille ach claigeann. Bhreab Dòmhnall an claigeann. “Dè thug an
seo thu?” thuirt Dòmhnall. Agus fhreagair an claigeann e. “Bruidhinn – ’s e sin a thug an seo mi.” Chlisg Dòmhnall. Thuirt e ris fhèin, “Innsidh mi seo don
Rìgh – gun do bhruidhinn an claigeann rium.”
Chaidh e don Rìgh. “Lorg mi claigeann anns a’ choille, agus bhruidhinn e rium,” thuirt e.
“Bhruidhinn e?” ars an Rìgh. “Dè thuirt e?”
“Dh’fhaighnich mi dheth, Dè thug an seo thu?’ agus thuirt e, ’S e bruidhinn a thug an seo mi.’”
“Chan eil mi gad chreidsinn,” thuirt an Rìgh. “Cuiridh mi dithis de na freiceadain agam còmhla riut don choille. Ma bhruidhneas an claigeann riut, ceart gu
leòr. Mura bruidhinn, bheir mi do cheann dhìot airson a bhith ag innse bhreugan.”
“O, bhruidhinn e,” fhreagair Dòmhnall, agus dh’fhalbh e leis an dithis fhreiceadan. Ràinig iad an claigeann. Bhreab Dòmhnall an claigeann. “Dè thug an seo
thu?” dh’fhaighnich e. Cha tuirt an claigeann smid. Chuir e a’ cheist a-rithist. Bha an claigeann balbh. Thug na
freiceadain Dòmhnall air ais don Rìgh.
“Carson a bha thu ag innse bhreugan?” thuirt an Rìgh. “Caillidh thu do cheann. Ach bheir mi aon chothrom eile dhut. An ceann trì latha, cuiridh mi trì
ceistean ort. Mura toir thu na freagairtean ceart dhomh, bheir mi do cheann dhìot.”
Bha iomagain mhòr air Dòmhnall. Cha robh fios aige dè dhèanadh e. Air an rathad dhachaigh thachair ri Gilleasbaig Aotrom. “An ainm an Àigh
, a Ghilleasbaig,” thuirt e, “dè nì mi
?” Mhìnich e do Ghilleasbaig mun chlaigeann a bhruidhinn ris.
“Thoir dhomh do chuid aodaich,” thuirt Gilleasbaig. “Thèid mise ann nad àite agus freagraidh mise ceistean an Rìgh.”
Agus ’s e sin a thachair. Chaidh Gilleasbaig don lùchairt. Cha do dh’aithnich an Rìgh e. “Thàinig thu, a Dhòmhnaill,” thuirt an Rìgh. “Nise, mura freagair
thu na ceistean dòigheil, thig do cheann far do ghuailnean. Seo a’ chiad cheist – dè cho fada ’s a bheir e dhomh a dhol timcheall an t-saoghail?”
“Tha a’ ghrian a’ toirt ceithir uairean fichead,” fhreagair Gilleasbaig, “agus cha b’ urrainn dhuibhse a dhol timcheall cho luath sin.”
“Glè mhath,” ars an Rìgh. “Nise, an dàrna ceist – dè luach a th’ orm?”
“Reic sinn ar Slànaighear airson trithead bonn,” fhreagair Gilleasbaig, “agus tha mi làn chinnteach nach eil sibh fhèin cho luachmhor sin.”
“Math gu leòr,” thuirt an Rìgh. “Ach nì mi a’ chùis ort an turas seo. Cò air a tha mi a’ smaoineachadh an-dràsta?”
“Tha sibh a’ smaoineachadh gur e Dòmhnall Ruadh a th’ air ur beulaibh,” thuirt Gilleasbaig. “Ach tha sibh fada ceàrr. Is mise Gilleasbaig Aotrom.”
Agus, anns an dòigh sin, fhuair e dheth. Agus fhuair Dòmhnall dheth a bharrachd. Cha chailleadh e a cheann airson a bhith ag innse bhreugan.
Chaidh iad dhachaigh tron choille. Bha Dòmhnall feargach leis a’ chlaigeann. Chaidh e suas don chlaigeann agus thug e breab mhòr dha. “Dè thug ort thighinn
an seo,” thuirt e, “a’ cur fo àmhghar mi?”
“’S e bruidhinn a thug an seo mi,” fhreagair an claigeann!
Agus ’s e sin an stòiridh – Dòmhnall Ruadh agus an Claigeann.